B' e Latha nan Trì Seallaidh a chante ri Latha Fhèill Pàdraig Earraich (17 Màrt) chionns gu faicte daoine a' cur, daoine a' treabhadh agus daoine a' cliathadh air an aon latha.
Chante cuideachd Latha nan Seachd Seallaidh no fiù 's Latha nan Seachd Obraichean Fichead ris chionns gu robh uiread a' dol mun àm sin dhen bhliadhna.
B' e seo an ceathramh latha fichead den Ògmhios.

Bha Tormod MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas, ag innse mu bhiastag air a bheil wireworm. Bidh e a' dol dhan bhuntàta fhèin, chan ann dhan a' bhàrr, agus chì thu e a' dèanamh tuill bheaga a-steach dhan a' bhuntàta. 'S ann bho dhaolag a tha e a' tighinn; daolag le slige chruaidh ris an canadh iad click beetle.
Tha e coltach ma bheireas tu oirre gun tog i a ceann gu math aithghearr, 's nuair a thilleas i air ais e, nì e brag.
Bha Tormod a' cuimhneachadh nuair a bha e òg san sgoil gum biodh iad a' faighinn greim air tè de na daolagan seo 's a' dol a-null leatha chun an fheadhainn òga.
Bhiodh i an-dràsta 's a-rithist a' togail a cinn gu h-aithghearr 's a' dèanamh a' bhrag a bha seo. Ach dh'fhàsadh i sgìth 's bheireadh e greiseag dhith faighinn chun an ath bhrag.
Agus chanadh iad ris an fheadhainn òga, "Buail an t-òrd!" 's dhèanadh an daolag brag. 'S bha an fheadhainn bheaga a' smaoineachadh gu robh an daolag ga dhèanamh seach gun deach iarraidh oirre.
Air sgàth sin, 's e buail an t-òrd a bha aca air an daolag sin.
'S e geama a bha seo.
Bha dealaichean air an cleachdadh airson leigheas, agus tha fhathast.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.