Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 30 Ògmhios 2009

Crodh

Bò

Tha am facal nì, a' ciallachadh crodh, ri lorg ann an òrain leithid Òran Chaluim Sgàire:

"Nuair dhìrich mi'n cruadhlach
Toirt sùil air mo ghualainn,
'S ann chunnaic mi ghruagach
Dol mun cuairt a cuid nì."

Gheibhear na facail air fad anns an leabhar Songs of Gaelic Scotland, deasaichte le Anne L Gillies, Birlinn 2005.

Chuala Fionnlagh MacLeòid an rann a leanas a tha ag innse dè na h-innsean a b'fheàrr airson crodh-bainne ann an Ùig agus Beàrnaraigh Leòdhais:

Eoghail agus Eòclaid
Mothail agus Mòclaid
Trì Cnuic am Barraglom
Is Car mu Thom an Circebost.
Leathad Uaine Bhuidha Mhòr
Is Lag a' Bhainne Nì Bharabhais.

'S ann ann an Ùig a tha Nì Bharabhais, faisg air Scealascro, ged nach eil fhios an ann a' togail nan creach à Barabhas a bhite. Bha na h-Ùigich agus na Nisich a' dèanamh stair eadar an dà àite.

Eudail

Seo facal eile a chleachdte airson crodh.

Ach, mar a thuirt Fionnlagh, "Nuair a bha thu ag ràdh m'eudail ri do shòlas, 's beag a dh'fhios a bha aice gur ann ga samhlachadh ris a' bhò air a' stiall a bha thu!" Chante feudail an cuid a dh'àiteachan.

Bleoghainn

A' leagail a' bhainne

Chante gu robh cuid a chrodh na bu deònaich air leagail a' bhainne na bha feadhainn eile. Bha iad sin na b'fhasa am bleoghainn. Bha cuimhne aig Fionnlagh air a bhith a' toirt feamainn dhan chrodh air an àirigh, feuch a leagadh iad am bainne na bu luaithe.

Bò-bhuailte / Crodh-bualaidh

B' e seo a chante ri crodh nach fhuilingeadh daoine faisg orra ach na daoine a bhiodh timcheall orra an còmhnaidh. Nan rachadh coigreach faisg air bò-bhuailte, thigeadh stùirc oirre, le ceann a' dol sìos gu aon ghualainn. Mur a biodh i ceangailte, chuireadh i na h-adhaircean anns a' choigreach.

A' buachailleachd a' chruidh

Bha beathach mart a' cunntadh uibhir do theaghlach 's gu robhas gan altramas. Bhite cuideachd a' cur chnapan air bàrr nan adhaircean gus nach biodh iad a' milleadh a chèile.

An cuairteachadh

Bha seo airson crodh a' bhaile a chumail a-mach às an talamh-àitich nuair a bha am bàrr a' fàs. Bhiodh cuideigin ris a' chuairteachadh, a' cuairteachadh a' bhaile, agus sin an duine as a' bhaile a bha air a phàigheadh airson an crodh gu lèir a chumail air taobh a-muigh crìochan a' bhaile gus nach fhaigheadh iad chun a' choirce agus am bàrr eile.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.