Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 19 Cèitean 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

Tasdan

Uisge thar airgid

'S e leigheas an ìre mhath cumanta bha seo. Bhite ga chleachdadh airson iomadach rud, mar eisimpleir, an aghaidh an droch shùil agus airson tinneas an righ.

'S e an dòigh àbhaisteach airson a dhèanamh a bhith a' cur bonn airgid ann an soitheach 's ga lìonadh le bùrn, agus sin an uairsin an t-uisge thar airgid.

Le, mar eisimpleir, tinneas an righ, far am biodh lot a' tighinn air an amhaich, bhite a' nighe an lot leis an uisge.

Tric gu leòr le tinneas an righ 's e an seachdamh mac no an seachdamh nighean a bha ris an leigheas a dhèanamh. Agus 's e "dotairean" a chante ris na daoine sin chionns gu robh comas leigheas aca. Bhiodh iad a' cur an làmh dhan uisge agus ga shuathadh air an euslainteach.

Agus tric gu leòr, 's dòcha air sgàth an creideas a bh' aig daoine ann, bhiodh e ag obair.

Latha Buidhe Bealltainn

Air madainn Latha Buidhe Bealltainn, a' chiad latha den Chèitean, bha e na chleachdadh, aig clann-nighean gu h-àraidh, èirigh tràth, ro àm èirigh na grèine, no mar a chante glasadh an latha no anns a' ghormanaich, agus a dhol a-mach gan nighe fhèin, co-dhiù an aghaidh, ann an dealt na maidne.

Croitearachd

Iasg

Ag ullachadh talamh-àitich

Bha Calum MacLeòid, Càrlabhagh, Leòdhas, cuideachd a' cuimhneachadh air nuair a bhiodh iad a' cleachdadh mionaichean èisg airson mathachadh na talmhainn.

Ach bha e ag ràdh nach robh e na chleachdadh aca a bhith a' cur rud dhen t-seòrsa sin air an talamh barrachd air aon bhliadhna no dà bhliadhna as dèidh a chèile. Nan dèanadh tu sin, cha bhiodh gu h-àraidh buntàta a thigeadh às an talamh sin ach gu math truagh.

Buntàta Bowman

B' e Bowman, a rèir coltais, an caiptean a bha air soitheach a thàinig a dh' Uibhist le buntàta agus eile aig an àm anns an robh an gaiseadh as a' bhuntàta (mu 1846-7).

Thòisich na daoine a' cur a' bhuntàta agus dh'ainmich iad e air a' chaiptean.

Am Buthaman

Thàinig post-dealain mun bhuntàta ris an canadh daoine "am buthaman" bho Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain à Uibhist a Tuath agus Ceap Breatainn.

"Tha mise a' smaoineachadh gur ann o chompanaidh ann an Sasainn a bhiodh a' reic buntàta-sil a thàinig an t-ainm sin. Cha chreid mi nach e A.S. Bowman an t-ainm a bh' orra."

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.