Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 19 Cèitean 2009

Sgeulachd Sheònaid Alasdair

Dol fodha na grèine

Air 1 Lùnastal 1870 chaidh dithis nighean de mhuinntir an Rubha, Leòdhas a bha air an àirigh a bhàthadh ann an Abhainn Ghrìd dìreach far a bheil i a' dol a-steach gu Loch a' Chlachain.

Bha leannan aig tè aca, Seònaid NicGumaraid (Seònaid Alasdair). B' esan Tormod Moireach (Tormod Mhurchaidh 'ic Choinnich) à Pabail Uarach. Bha e na shaor aig muir agus nuair a thàinig naidheachd a bàis thuige, rinn e òran dhith.

Thàinig e dhachaigh glè ghoirid as dèidh sin agus thug e a' bhàrdachd do mhàthair na h-inghinn agus thill e air ais gu muir. Gu mì-fhortanach, air a' chiad thuras aige air ais gu muir, dh'fhàs e-fhèin tinn agus bhàsaich e agus chaidh a thìodhlaigeadh aig muir.

On dh'fhàg thu mi 's mulad orm
'S duilich às do dhèidh mi,
'S an uair bha dùil gu leanadh sinn
'S e dealachadh a b' fheudar.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.
Dol sìos ma Phort Ghlaschu
Gu brèagha geal ri h-aodach
'S ann chuala mi an t-soraidh
Aig a' Chaiptean 's e ga leughadh
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.
'S mise bha gu tùrsach
Dol dlùth air fearann Èirinn
Bha an oidhche dorch' 's i doicheallach
'S na solais cha bu lèir dhuinn.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.
Cha b' e meud do stòrais
A dh'fhàg mi cho mòr an dèidh ort
Ach thu bhith laghach, bòidheach
'S gum pòsainn thu ro thèile.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.
'S dìreadh staidhre Gharraboist
Gu maiseach dol dhan èisteachd
'S e 'n rudhadh bha nad ghruaidhean
Bha buaireadh mo chèille.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.
'S ged a chùirte nam ainm-sa
Na bha dh'airgead aig Sir Seumas
B'fheàrr leam Seònaid Alasdair
'S gun toirinn far an fhèill i.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm
'S duilich às do dhèidh mi,
'S an uair bha dùil gu leanadh sinn
'S e dealachadh a b'fheudar.
On dh'fhàg thu mi 's mulad orm.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.