Faodaidh latha earraich a bhith glè chàileir na thoiseach ach fàs gu math mì-chàileir ro dheireadh an latha, no dh'fhaodadh a' bhròg a bhith air a' chas eile, mar a thuirt Iain!
Ged a bhiodh latha math ann as a' mhadainn, cha bu chòir a bhith a' cur rudan dheth gu feasgar oir chan eil cinnt sam bith gum mair an t-sìde mhath fad an latha.

Bidh tamhasg a mhàthair agus an dilleachdan dlùth ri chèile ann a seagh, ged nach urrainn dhaibh a bhith còmhla.
Bho Thòmas Moireasdan, Loch Portain, Uibhist a Tuath
Nan tigeadh duine a chèilidh ort aig àm nach robh ro ghoireasach dhut, cha bhiodh tu ro thoilichte fhaicinn. 'S dòcha nach b' e fàilte chridheil a chuireadh tu air. Ach an uairsin nan toireadh e a-mach poca de rudan math dhut 's gun tòisicheadh tu an uairsin ag iarraidh air suidhe is a' tairgsinn aoigheachd dha, sin fàilte an dèidh fuarachaidh.
À Barraigh
Mur eil mòran airgid agad, chan eil agad ach a bhith gu math sàmhach anns an taigh-òsta.
Chante sin ri duine a bha ag ràdh "Ni sinn siud, 's nì sinn seo, 's nì sinn an ath rud!" le duine a bha 's dòcha na bu shine 's na bu chiallaiche.
Nuair a tha duine a' criomadh, can cnàimh, chan eil e ag ithe ach pìosan beaga, bìodach de dh'fheòil. Chleachdte an seanfhacal seo mu dhuine a bha math air a' ghnothaich, duine a bha math air rud fhaighinn dha fhèin, 's dòcha far nach biodh sin comasach do dhaoine eile.
Ma tha rudeigin air do thòir, bheir sin ort gluasad mar gum biodh do bheatha an urra ris.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.