Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 05 Cèitean 2009

Croitearachd

Crannachan

Co-cheangailte ri bainne

B' e bainne blàth a chante ri bainne a bha air ùr bhleoghainn. Bhite a' suidheachadh a' bhainne ann am miasan agus ga fhàgail gus an tigeadh uachdar air.

Dh'ainmich Ceit bainne togalach, bainne milis, bainne gort, bainne tiugh agus bainne nòis, a' chiad bhainne a thigeadh bhon bhoin an dèidh dhith breith.

Bhiodh na seann daoine a' dèanamh càis bainne nòis agus mulachag càise agus gruth. Airson ìm a dhèanamh bhiodh iad ri maistreadh. Bha an t-uachdar air a chuir ann an crannachan agus air obrachadh le loinid gus am biodh ìm ùr agus blàthach agad. Ma bha thu ag iarraidh ìm saillte dh'fheumadh tu salainn garbh a chuir na mheasg.

Dhèante fuarag le uachdar agus min-choirce.

Bhiodh iad a' feuchainn ri toirt air an ìm agus air a' chàise seasamh fad a' gheamhraidh chun na h-ìre 's gum biodh iad uaireannan gan cuir air falach dha na cruachan-coirce gus a seasadh iad 's nach fhaigheadh iad thuca.

Cho Cheit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, an t-Eilean Sgiathanach

Sloc-bhuntàta / Tobhta a' bhuntàta / Doc a' bhuntàta / Bùthag

'S e tobhta a' bhuntàta, no doc a' bhuntàta, no bùthag ainmean eile airson sloc-bhuntàta. Ged a b' e sloc a chante ris, ann an cuid a dh' àitichean, 's ann os cionn na talmhainn a bha an t-sloc-bhuntàta air a dèanamh. Ach far an robh talamh gainmhich bha e cumanta gu leòr a bhith a' dèanamh toll mòr as an talamh agus a bhith a' cur a' bhuntàta dhan toll sin. Bha e an uairsin air a chòmhdach le sgrathan agus ùir agus cha mhòr gu faiceadh tu gu robh e ann. Shùghadh uisge tron ghainmhich gun cron sam bith a dhèanamh air a' bhuntàta.

Buntàta

Ach tric gu leòr chitheadh tu an t-sloc-bhuntàta air a togail os cionn na talmhainn agus mas cuirte na sgrathan oirre bhite a' cur luachair no barran crìon buntàta mar chòmhdach air a' bhuntàta, mas cuirte sgrathan agus an uairsin ùir orra.

Sgeulachd: Buntàta Bowman

Bha Dòmhnall Ailig MacIlip à Beàrnaraigh, Na Hearadh, ag innse mar a bha an teaghlach a bha an ath dhoras dhaibh a' cur buntàta ris an canadh iad "Bùthman."

Bha e ag ràdh gur e buntàta caran geal-buidhe a bh' annta le craiceann caran pinc agus a rèir coltais bha e math ri ithe. Bha beachd aige gur dòcha gur ann à Èirinn a thàinig e.

Bha cuimhne aig Calum Laing à Alanais air athair a bhith bruidhinn air an dearbh sheòrsa bhuntàta a bhith air a chuir ann an Uibhist a Tuath agus gu robhas a' smaointinn gur ann bho shoitheach a chaidh fodha as a' linn a chaidh seachad a thàinig iad. Bha Calum a' smaoineachadh gur e Bowman ainm an sgiobair agus gur ann à sin a thàinig Bùthman ged nach robh e buileach cinnteach mu sin.

Bha Iain MacIlleathain a' smaoineachadh gur dòcha gur e seo buntàta ris an canar "Irish Champions "

Geasagan

Thàinig fios à Sgalpaigh a ràdh gu robh e coltach gum biodh a' bhana-bhuidseach a' bleoghainn a' chruidh bhon taobh cheàrr. Bha sin a' fàgail gu robh i a' faighinn a' bhainne dhith fhèin ach aig an aon àm a' toirt leatha an toradh bho chàch.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.