
Sgeulachd à Barraigh co-cheangailte ris an rann a bh' ann am prògram 03/02/09.
Bha boireannach a bha seo a' fuireach air an eilean agus bha i uabhasach fhèin trang a h-uile latha riamh. Ach bha i an còmhnaidh a' miannachadh 's a' guidhe airson cuideachadh oir cha robh i toilichte leatha fhèin. Bha i a' dèanamh an obair gun teagamh ach cha robh aice ach dìreach ag iarraidh cuideachadh 's ag iarraidh cuideigin a bhiodh còmhla rithe, a dhèanadh an obair còmhla rithe.
Aon latha co-dhiù, b' fheudar dhith an taigh fhàgail agus nuair a thill i bha na sìthichean air an àite a ghabhail thairis agus bha iad air a h-uile nì as an taigh a dhèanamh ach feuch thusa a faigheadh i a-staigh fo na cabair. Chan fhaigheadh ma-thà. Cha leigeadh iad leatha 's dh'fheuch i a h-uile sìon ach gun bhuannachd.
Dh'fhalbh i mu dheireadh a dh'fhaighinn cuideachadh bho nàbaidh a bha shuas an rathad ach an dèanadh ise cobhair oirre. Ach cha b' urrainn dhith dad a dhèanamh. Ach 's ann a dh'iarr i oirre a dhol gu bodach liath a' bhaile - fear a bha a' fuireach faisg agus bhon is e esan bu shine, fhios agad, 's e bu ghlice a bh' as an àite.
'S rinn iad sin. Chaidh iad chun a' bhodaich is bha a nàbaidh ceart. Fhuair i stiùireadh bhuaidhe-san. Thuirt e rithe tilleadh air ais dhachaidh agus a' rann a bha seo a ghabhail taobh a-muigh an taighe. Well, chan fhaigheadh i staigh co-dhiù! Agus nuair a thigeadh i chun an loidhne as a bheil Dùn Bhuirgh, bha aice ri èigheach àird a claigeann. "Agus geallaidh mise dhut," ars esan, "nach bi iad fada a' teicheadh!"
Well, rinn a' chailleach sin agus mar a thuirt b'fhìor. Cho luath 's a laigh a teangaidh air loidhne Dhùn Bhuirgh siud na sìthichean a-mach an doras.
'S a bharrachd air a sin thug am bodach deagh chomhairle dhan chaillich gun miannachadh no guidhe tuilleadh airson nì sam bith agus i bhith toilichte agus riaraichte leis na bh' aice.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.