Bha Flòraidh ann an Uibhist a Tuath ri fìor dhroch shìde, le gèile agus uisge nach fhacas bho chionn deagh ghreis. Bha i airson fiosrachadh fhaighinn mu obair ris am biodh daoine mun àm seo dhen bhliadhna – a' càradh bhallachan. Bha Seonaidh Bàn Dòmhnallach aig an robh Tuath a' Chlachain mion-eòlach air an obair. Gu mì-fhortanach cha chuireadh duine an cù chun na sitig a' latha ud, agus cha d'fhuair iad a-mach chun a' bhalla air an robh Seonaidh ag obair.
Seonaidh: 'S ann a' càradh bheàrnan ann an gàrradh is trice a bhios mise a' dèanamh. 'S e dìon mòr a th' ann do chaoraich agus do chrodh ma tha an gàrradh ceart agus e dìonach agus gun cùm e stoc nan àite fhèin. Agus mar is trice bidh caoraich, bidh iad a' leum seachad air na seann ghàrraidhean a tha seo, a' leagail nan clachan agus glè thric cha dèan sin cus feum dhuinn.
Agus thòisich mise o chionn bhliadhnaichean air clachaireachd mi fhèin, a' dèanamh suas na seann bhallachan a bha seo agus ghabh mi ùidh ann. 'S och bidh mi dèanamh beagan dheth an dràsta 's a-rithist nuair a gheibh mi ùine.
Ma tha aghaidh bhrèagha air a' chloich, tha thu ga cuir air taobh a-muigh a' bhalla 'son gum bi i snog. Agus an fheadhainn nach eil cho snog tha thu gam bristeadh le òrd agus gan cuir nam pacaigeadh eadar an dà bhalla, mar gum biodh.
Flòraidh: Obair chruaidh a th' ann nach e, a bhith a' càradh nan gàrraidhean sin? Chan eil e cho furasta 's a tha e a' coimhead, a bheil?
Seonaidh: O, cha dèan thu ann an cabhaig idir e. Feumaidh tu ùine agus saothair a ghabhail ris mun dèan thu dòigheil e. Ach 's e obair inntinneach a th' ann. Tha e math nuair a chì thu balla air a thogail snasail.
Flòraidh: Can, ma bha sibh a' dol a-mach a chàradh a' ghàrraidh, can airson caoraich a chumail aon taobh dhen phàirce na bith dè, ciamar a bhiodh tu a' dol a thòiseachadh air a leithid a dh'obair sin?
Seonaidh: Well, 's e na beàrnan as miosa a th' ann a chuir air dòigh an toiseach agus glè thric feumaidh tu na clachan a leagail dìreach chun an talamh agus tòiseachadh air a stèidheachadh dìreach bhon talamh suas. Agus feumaidh duine a bhith faiceallach nach cuir e tuilleadh 's a' chòir de chlachan mòra air an oir 'son glè thric na ballaichean a tha mise a' dèanamh suas as ùr, 's e clachan mòra air an oir a tha burstadh a-mach agus iad a' sgaoileadh a' bhalla o thaobh gu taobh.
Agus an fheadhainn a bhios mise a' càradh, cha bhi mi a' cur clachan mòra mar sin idir air an oir. Bidh mi a' feuchainn ri na clachan sin a bhristeadh. Tha òrd math agam airson clachan a bhristeadh agus gheibh mi glè thric air cumadh ceart a thoirt air clachan airson gu freagair iad na beàrnan as a' bhalla.
Flòraidh: Airson 's gum bi iad freagarrach airson an àite as a bheil àsan dol a dhol?
Seonaidh: 'S e sin dìreach a th' ann. Gabhaidh iad ... 's e snaigheadh a chanas sinn ris, snaigheadh airson gun gabh iad cuir ann a ... Agus glè thric feumaidh tu snaidhm a dhèanamh orra cuideachd - clachan flat mar gum biodh leacan, sin an fheadhainn is fheàrr air balla a thogail.
Ach, mar a tha 's na seann bhallachan a tha seo, chan eil a h-uile clach mar sin idir agus feumar a bhith gu math faiceallach gum bi iad air an càradh nan àite fhèin gu dòigheil agus gum bi na clachan air an càradh gu cothromach.
Agus rud is cudthromaiche buileach 's e nuair a ruigeas tu bàrr a' bhalla, bidh sinn an còmhnaidh a' cuir clach mhòr a ruigeas bho thaobh gu taobh dhen bhalla tarsainn agus gu faigh sinn bàrr a' bhalla chumail cho dìreach agus cho snasail.
Flòraidh: An ann le sreang a tha sibh a' dèanamh sin?
Seonaidh: 'S ann, sreang a bhios againn airson sin.
Flòraidh: ...airson mullach a' bhalla a thomhas?
Seonaidh: Airson loidhne, mullach a' bhalla a chothromachadh.
Flòraidh: Agus na clachan fhèin, tha diofar seòrsachan ann, nach eil? Bha sibh a' bruidhinn air feadhainn a bhristeadh ann a shiud.
Seonaidh: O bha.
Flòraidh: A bheil feadhainn ann a tha nas fhasa bhristeadh na feadhainn eile?
Seonaidh: O tha, gu dearbha. Ma gheibh thu clach-ghorm tha i cruaidh. Tha i gu math doirbh a bristeadh.
Flòraidh: Clach-ghorm?
Seonaidh: Clach-ghorm agus gheibh thu feadhainn eile, aithnicheadh tu orra le ...well, nuair a bhuaileas tu do shùil orra, aithnichidh tu ma bhuaileas tu an t-òrd orra san àite cheart gu sgoilt iad às a chèile 's gu faigh thu leacan matha a dhèanamh dhiubh. Agus seo an fheadhainn is fheàrr leamsa, an fheadhainn a ghabhas tu cuir air a flat, mar gum biodh, an àite bhith gan cuir air an oir.
Flòraidh: Agus na clachan mòra, am bi iad sin fon talamh?
Seonaidh: Mar is trice an fheadhainn is motha bithear gan cuir air stèidh a' bhalla airson an cothromachadh gu math, dìreach as an talamh, dìreach mas tòisich thu air clachaireachd.
Flòraidh: Tha mi cinnteach gum biodh e buailteach a leithid sin a dh'obair, mur a biodh e air a dhèanamh dòigheil, gun tuiteadh e mu d' cheann.
Seonaidh: Well, tha sin fìor, cho fìor sa ghabhas e. Ach 's e rud as cudthromaiche tha mise a' faicinn, gum bi na clachan a tha air bàrr a' bhalla air an snaidhm 's air an cothromachadh gu math. Ma dh'fheuchas caora seachad 's nach leag i a' chlach sin - dìreach 's e as fheàrr air an t-saoghal.
Ach na ballachan a tha sinn a' togail o chionn greis air ais, tha sinn a' cuir trì na ceithir de shnàileanan de wèir plèana os a chionn 'son gun cùm e na caoraich gun a bhith leum seachad.
Flòraidh: 'S tha mi cluinntinn gu robh clachair ainmeil agaibh no cuideigin a bha ag iarraidh a bhith ri clachaireachd co-dhiù aig aon àm 's sibh ag obair air gàrradh. Eil siud ceart?
Seonaidh: Well tha sin ceart gu leòr. Tha grunn bhliadhnaichean ann, dusan bliadhna ann, tha mi creidsinn bho bha e ann. 'S e sin am Prionnsa Teàrlach. Bha e còmhla rium a' clachaireachd pìos balla latha. 'S ann còmhla ris a' Mhorair Granville nach maireann, 's ann a bha e fuireach. 'S e chuir am fios thugamsa co-dhiù, a' Morair Granville. O thug e null mi dhan taigh 's bha e cur cheistean orm 's thuirt e rium...
Chuir mi ann am beagan loidhneachan a' rud, na ceistean a bha e a' cur orm mu dheidhinn dè bhithinn a' dèanamh. 'S seo mar a chuir mi sìos an ceathramh.
Seonaidh: Sin mar a chuir mi sìos mar a bha am Morair Granville, agus och, bha am Prionnsa glè mhath. Chan eil eagal aige ro obair sam bith 's gu deimhinne bha e coma ged a shalaicheadh e a làmhan. Cha robh diofar sam bith. Ach chòrd a' latha ris glè mhath.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.