Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Gearran 2009

Seanfhacail is Abairtean

Daoine a' treabhadh còmhla

Tha mi mar gum bithinn air an latha a thoirt as a' bhara-chloich

Chanadh duine seo is e a' gearain sgìths an dèidh an obair-latha. Bha bara-cloich caran coltach ri eileatrom, air am bi ciste-laighe ga cuir airson a gluasad. 'S e dà ghàirdean, dà phìos fhada fiodh, a bh'ann agus bòrd a dh'fheumadh a bhith gu math làidir. Bhiodh a' chlach a' dol air a sin is bhiodh dithis dhaoine a' falbh leis.

An dachaigh far eil rèite, tha beannachd Dhè innte

'S e dachaigh fhortanach as a bheil rèite fad na tìde.

Na toir ùmhlachd do naomh nach toireadh tu do dh' amadan

Ged a bu chòir àite a thoirt, can, do dhuine a tha os do chionn ann an dreuchd no do dhuine a tha nas sine na thu fhèin, ma dh'fhaodte gum biodh daoine uaireannan a' toirt cus urram do dhaoine air sgàth an dreuchd as a bheil iad, 's air sgàth rudan eile, agus a' dèanamh dìmeas air daoine nach eil ann an dreuchd cho àrd riutha.

Tha e soirbh port a chluich dhan an dannsair èasgaidh

Duine sam bith còmhla ris a bheil thu ag obair, ma tha iad fhèin eudmhor mu dheidhinn an rud a tha thu a' dèanamh, tha e furasta a bhith ag obair còmhla riutha. Ma tha duine rag mu dheidhinn an rud a dhèanamh, tha e tòrr nas duilghe.

Cha chaidil an t-sùil acrach

As an t-seadh is sìmplidh, ma tha duine ga tholladh leis an acras chan fhaigh e norradh cadail. Ach tha e a' ciallachadh tòrr a bharrachd air a sin. Mur eil d' aire air rud, cha tèid agad air a dhèanamh. Tha e gu ìre coltach ri seanfhacal eile: Cha robh thu riamh as an àth 's do ghràn as a' mhuileann. Mur robh ùidh agad as an àite, cha robh èifeachd sam bith dhut a bhith ann.

Fosglaidh teanga a' mheala/teanga mhilis dorsan iarainn

Tha seo mu dhuine a tha math air rud a lìbhrigeadh agus a tha cuideachd math le daoine agus comasach air fuasgladh fhaighinn air suidheachaidhean a tha gu math doirbh a thuilleadh air a bhith mu "bheul brèagha" a gheibh timcheall air daoine.

Feumaidh cuimhne mhath a bhith aig fear nam breug

Mur eil cuimhne mhath aig fear nam breug, chan fhada gus am bi e anns na h-iarainn!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.