
Sgrìobh Aonghas Greumach à Bragar, Leòdhas gu Iain "Nuair a chleachd thu am facal garbh air a' phrògram madainn a choireigin bho chionn seachdain no dhà air ais, chaidh e tro m' inntinn an iomadh dòigh sa bheil sinn mar fhasan ag ràdh "garbh" eadar gu bheil sinn mothachail dha no nach eil. Mar eisimpleir:
Ach dè a-nis nuair a thig sinn gu:
Agus dè mu dheidhinn an tè a chaidh uaireigin a-steach do bhùth a dh'iarraidh bolla mhin-eòrna. "Tha sin agam gu dearbha," arsa fear na bùtha. "Ach tha eagal orm gu bheil e garbh mìn!"
Bha Aonghas airson faighinn a-mach an robh an cleachdadh seo an Uibhist 's thuirt Flòraidh gu robh i garbh toilichte a ràdh gu robhas ga chleachdadh san aon dòigh ann an Uibhist.
Agus cleachdar "fiadhaich math" le cuid agus "sgràthail math" le cuid eile san aon dòigh. Ann a seagh tha dà fhacal calg-dhìreach an aghaidh a chèile air an cleachdadh mar seo airson rud a dhaingneachadh. Cluinnidh tu "seachd searbh" agus tha am facal "uabhasach" air a chleachdadh anns an dòigh seo cuideachd.
Thàinig an rann seo tron phost bho chuideigin as an èisteachd ach cha d'thug e no i ainm seachad. Ach bha e/i ag ràdh gu robh seòrsa de chuimhne aige/aice a chluinntinn as an sgoil. A rèir coltais 's ann mu shìthiche a tha e.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.