Brockie am measg nan tadhal Disathairne is Là na Sàbaidair fhoillseachadh aig 12:08 TSB 14 An t-Iuchar 2025
Chan urrainn gun robh deireadh-seachdain na b'fhearr aig cluicheadair iomain na bh' aig Rowan Brockie aig Gleann Urchadain.
Disathairne chuir i trì tadhail is an sgioba aice a' togail puing 'son direach an treas turas air an t-seusan sa. Chrìochnaich an geama le Inbhir Nis 3-3.
Chluich i an uairsin Là na Sàbaid dhan dara sgioba, is fhuair i trì eile is iad a' cur 15 (còig deug) seachad air Ceann Loch Seile.
Tha an dara sgioba aig mullach na lìge a tuath le 63 tadhal ann an ochd geamaichean.
Chan eil geama aig Gleann Urchadain an deireadh-sheachdain seo tighinn is sùilean a-nis a' tionndadh gu iar-chuairtean deireannach Cupa Valerie Fhriseil.
Bidh dùil ri geamaichean math is Bàideanach, a tha sa phrìomh àite sa Phrìomh Lìog, a' dol an aghaidh sgioba an Eilein Sgitheanaich a tha san treas àite.
Sa gheam eile thèid Loch Abar an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - an dara àite a' cluich a' cheathraimh àite.














