Sgioba ball-coise nam ban a' tòiseachadh le brag

Bha fìor dheagh fheasgair aig Sgioba Bhoireannach nan Eilean Siar.

Dh'fhàg iad Geurnsey le bonn airgid bho choinn dà bhliadhna agus tha iad ag amas air an fharpais a bhuannachadh an turas seo.

Thòisich iad le brag Didòmhnaich 's iad a' faighinn nan trì puingean an aghaidh Hitra.

Shana NicPhàil leis a' chiad tadhal, agus fhuair Sìnead NicLeòid an darna fear, goirid ro leth-ùine.

Agus fhuair NicPhàil an dàrna tadhal aice le 15 mionaidean air fhàgail.