Chaill sgioba ball-coise nam fear aig na h-Eileannan an Iar a' chiad gheama aca
- Air fhoillseachadh
Chaill sgioba ball-coise nam fear aig na h-Eileannan an Iar a' chiad gheama aca aig Geamannan nan Eilean.
Bha cùisean co-ionnan aig leth ùine aig pàirce Rendall, ach fhuair Bermuda dà thadhal tràth sa chiad leth gus na trì puingean a' choisinn.
Thàinig a' chiad tadhal bho bhall-dìreach tron loidhne dìon, Joshua Joseph ga stiùireadh dhan lìon.
Dh'fhàg mearachd eadar Harry Bray is Jack MacIllinnein aig a' chùil cothrom do Keyni Mills agus cha d' rinn cluicheadair aghaidh Bhermuda mearachd sam bith.
Cluichidh sgioba nan Eilean Siar a-rithist Diluain, an aghaidh Ynys Mon.