Spòrs

Latest updates

  1. Toiseach tòiseachaidh làidir do sgioba nam banair fhoillseachadh aig 18:01 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Thòisich sgioba nam ban aig WIIGA an iomairt aca aig geamannan nan Eilean le bhith buannachadh 3-0 an aghaidh Hitra.

    Fhuair Shana NicPhàil dà thadhal air gach taobh de tadhal Shinead NicLeòid.

    Bha an sgioba toilichte le na 3 puingean ach dh'aidich an cluicheadar dìon, Amanda NicNeacail nach robh iad air cluiche aig an ìre a bu mhiann leotha.

  2. Sgioba bhòbhlaidh WIIGA air a' chiad gheama aca a challair fhoillseachadh aig 13:58 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Sgioba bhòbhlaidh WIIGA

    Chan eil sgioba bhòbhlaidh nan Eilean Siar air tòiseachadh cho math 's a bu toil leotha. Chaill iad 13-7 an aghaidh sgioba làidir à Bermuda.

    Bha Peadar O'Donnell agus John Blunt 11-0 air dheireadh aig aon àm ach thill iad gu làidir, agus iad ag ràdh gun do dh'fhàs iad cofhurtail leis an raon faisg air an deireadh.

    Tha dà gheama eile aca feasgar an-diugh.

  3. Sgioba snàimh WIIGA ag ullachadh air fhoillseachadh aig 11:42 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Snàmhadairean WIIGA

    Tha na farpaisean snàimh a' tòiseachadh Diluain ach tha sgioba nan Eilean Siar air a bhith a' fàs cleachdte ris an amar aig ionad Pickaquoy ann an Kirkwall.

    'S i Marilyn Hanlon Leas-mhanaidsear Sgioba Snàimh WIIGA.

  4. Ball-coise nam fearair fhoillseachadh aig 11:38 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Pàirce Rendall

    Fir WIIGA v Bermuda a' tòiseachadh aig 1200 ann an Rendall. Tha leas-choidse sgioba nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an sguad ann an deagh shunnd, ged a dh' aidich e gum biodh iad air sìde car fliuch is garbh iarraidh!

  5. Bòbhladh air fhoillseachadh aig 10:20 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Bòbhladh

    Raon-bòbhlaidh Khirkwall air a' chiad latha de dh' fharpaisean aig Geamannan Arcaibh. Tha dùil gun tòisich iomairt sgioba nan Eilean Siar an seo mu 11:45.

  6. Farpaisean a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 09:49 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Caismeachd

    Tha na farpaisean a' tòiseachadh an-diugh ann an Arcaibh.

    Tha aire sgioba nan Eilean Siar air an raon-bòbhlaidh le Terry Condaidh anns an fharpais shingilte agus John Blunt is Peadair O'Donnell san fharpais dhùbailte.

    Aig ionad spòrs Pickaquoy, tha sgioba Bhadminton WIIGA a' cluiche an aghaidh Eilean Wight, na Graonlainne agus nan Eilean Faclannach.

    San lùth-chleasachd tha farpaisean dearbhaidh nan rèisean 100m ann agus cuairtean deireannach do Ewan Amos anns an leum-àrd, is tha Catriona Nic'IlleBhàin agus Muriel NicLeòid ann an rèis 10,000m air an trac.

    Tha dà gheama ball-coise ri chluiche an-diugh cuideachd, le na fir an aghaidh Bermuda aig 1200 agus sgioba nam ban an aghaidh Hitra aig 1530.

  7. Caismeachd fosglaidh gu math sònraichte tro Khirkwallair fhoillseachadh aig 09:36 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Geamannan a' fosgladh gu h-oifigeil

    Tha sgioba WIIGA air bhioran air thoiseach air na farpaisean aca. Bha cuirm fosglaidh is caismeachd tro Khirkwall an-raoir.

  8. Feum mòr air pàirc phlastaig anns na Hearadhair fhoillseachadh aig 15:09 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha feadhainn a tha an sàs ann an spòrs anns na Hearadh ag ràdh gun dèanadh pàirc phlastaig san eilean feum mòr.

    Fhuair a' bhuidheann Spòrs na Hearadh taic-airgid airson sgrùdadh a dhèanamh feuch dè mar a b' urrainn pàirc phlastaig a thogail.

  9. Dàilair fhoillseachadh aig 14:00 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    WIIGA

    Tha sgioba nan Eilean Siar aig Port-adhair Steòrnabhaigh agus iad a' dèanamh air Arcaibh feasgar Dihaoine.

    Tha WIIGA a' comharrachadh 20 bliadhna bho nochd iad aig Geamannan nan Eilean an toiseach ann an Sealtainn 2005.

    Tha beagan dàil air a' chiad itealain aca ach tha dùil fhathast gum bi iad uile air Arcaibh a ruighinn oidhche Haoine.

  10. WIIGA 'son ùidh an spòrs a bhrosnachadhair fhoillseachadh aig 13:12 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Leis na Geamannan gus tòiseachadh, tha cathraiche WIIGA ag ràdh gu bheil an sgioba airson ùidh ann an spòrs a bhrosnachadh is luchd-spòrs a mhisneachadh.

  11. Leasachadhair fhoillseachadh aig 12:44 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    Traca

    Chaidh uachdar an traca ùrachadh ro na geamaichean.

    Snàmh

    Seo far am bi na farpaisean snàimh is WIIGA ag amas air seo mar chothrom air buinn a chosnadh.

  12. Goireasan Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:30 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    Badminton an Arcaibh

    Tha sgioba BBC Spòrs air Arcaibh a ruighinn a-nise - ged nach eil dùil acasan a bhith a' farpais airson nam bonn idir!

    Tha Alasdair MacIllinnein air a bhith a' toirt sùil air na goireasan.

    Tha sia cùirtean badminton am broinn ionad Pickaquoy ann an Kirkwall - far am bi ceithir spòrsan eile air an cumail cuideachd.

    Bidh sgioba de dh'ochdnar a' farpais an seo do sgioba WIIGA.

  13. Sgioba WIIGA a' dèanamh air Arcaibhair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 11 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha sgioba nan Eilean Siar a' dèanamh air Arcaibh Dihaoine airson Geamannan nan Eilean 2025.

    Tòisichidh na geamannan Disathairne.

    Bidh còrr is 100 neach air turas sònraichte a chaidh a chur air dòigh eadar Steòrnabhagh is Kirkwall.

    Bidh aig a' phlèana ri dà thuras a dhèanamh leis cho mòr 's a tha sgioba WIIGA agus tha cuid air ceistean a thogail mu chosgaisean agus a' bhuaidh air an àrainneachd.

    Tha cathraiche WIIGA, Norrie 'Tomsh' Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil na planaichean air tighinn ri chèile fìor mhath.

  14. Sgioba ball-coise nam ban ag amas air bonn òirair fhoillseachadh aig 13:36 TSB 10 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich sgioba ball-coise nam ban aig WIIGA bonn airgid bho chionn dà bhliadhna.

    Tha iad ag amas air a dhol ceum nas fhaide ann an Arcaibh.

  15. "Tha e duilich coiseachd air falbh"air fhoillseachadh aig 09:00 TSB 10 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Anne-Louise NicCoinnich "deiseil" le Geamannan nan Eilean às dèidh dhi bonn airgid a chosnadh mar phàirt de sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileanan an Iar an 2023.

    Ach tha caiptean na sgioba an Guernsey a' tilleadh airson farpais Arcaibh an ath-sheachdain.

  16. "Cha ghabh mìneachadh cho cudromach 's a tha iad"air fhoillseachadh aig 10:52 TSB 9 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    "Cha ghabh mìneachadh cho cudromach 's a tha iad."

    Sin beachd coidsichean sgioba lùth-chleasachd nan Eilean Siar agus iad ag ullachadh airson geamannan Arcaibh an ceann beagan làithean.

  17. Lùth-chleasaichean WIIGA deiseil 'son Arcaibh 2025air fhoillseachadh aig 09:15 TSB 9 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Cha bheag an obair a tha an lùib ullachadh airson Geamannan nan Eilean.

    Tha sgioba lùth-chleasachd nan Eilean Siar deiseil airson na tha romhpa ann an Arcaibh.