Cothroman ùra filmichean Gàidhlig a leasachadh

Boireannach òg le gunna na seasamh air rathad teàrr ann an sgìre dhùthchail
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an iomairt a' togail air soirbheas an dràma Ghàidhlig telebhisein An t-Eilean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh sgeama ùr a chur air dòigh fom faigh sgrìobhadairean Gàidhlig taic-airgid agus taic eòlaichean a chuidicheas iad an cuid sgeulachdan a dhèanamh nan sgriobtaichean film.

Tha BBC ALBA agus MG ALBA, ann an co-bhanntachd le BBC Film agus Screen Scotland, a' toirt cuireadh do sgeulaichean Gàidhlig beachdan a chur thuca.

Tha an iomairt a' togail air soirbheas eadar-nàiseanta nam filmichean Gaeilge an leithid Arrachdt, An Cailín Ciúin agus Kneecap, agus cho math 's a rinn filmichean Albannach mar The Outrun, Aftersun agus The Incomer.

Thuirt Stiùiriche Susbaint MG ALBA, Mairead Camshron, an-uiridh gur e film Gàidhlig "an ath-cheum" an dèidh cho math agus a rinn an dràma Gàidhlig An t-Eilean.

Tha iad a' coimhead airson beachdan airson film a ghabhadh a thoirt gu buil le buidseat eadar £1.5m agus £2m.

Bidh suas ri dà phròiseact a' faighinn cothroim air maoineachadh agus taic bho eòlaichean a' ghnìomhachais aig ìre leasachaidh den phròiseact.

Thuirt Mairead Chamshron: "Bha e a-riamh mar amas againn a dhol a-steach dhan roinn seo, airson pròiseactan a chruthachadh dhan taigh-dhealbh cho math ri telebhisean."

Tha Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheisean na Gàidhlig aig BBC Scotland, ag ràdh "gu bheil iad daonnan a' coimhead ri rudan ùra agus cruthachail a leasachadh don luchd-amhairc".

Thuirt i: "Tha mi a' dèanamh fiùghair faic dè na cothroman an cois na h-iomairt ùir seo."

Tha chun an 19mh den Dàmhair aig daoine tagradh a chur a-steach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.