Ìomhaigh an Naoimh Bàrr a' tilleadh dhan Bhàgh a Tuath

Dithis fhear agus boireannach nan seasamh ri taobh na h-ìomhaigh concrait a th' ann
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich iomairt gus airgead a thogail san Iuchar 2024, 's an t-seann ìomhaigh air a dhol bhuaithe gu mòr

  • Air fhoillseachadh

Thèid ìomhaigh shnaidhte ùr den Naomh Bàrr fhoillseachadh gu h-oifigeil ann am Barraigh san t-Sultain.

Tha an ìomhaigh ùr umha a' gabhail àite seann tè choncrait a chuireadh suas sna 1970an air eilean beag sa Bhàgh a Tuath a chuimhneachadh air an naomh Èireannach a thug a' Chrìosdaidheachd a Bharraigh, 's air a bheil an t-eilean air ainmeachadh.

Thèid a foillseachadh air là na fèille aige, an 25mh là den t-Sultain - an là a dh'eug e ann an 623AD.

An Canon Iain Pòl MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an sagart paraiste, an Canon Iain Pòl MacFhionghain, os cionn na h-aifreann foillsichidh

Chaidh an t-seann ìomhaigh a dhèanamh ann an concrait air a chumadh timcheall air frèama iarainn leis an tè-ealain Mairead Somerville, a dh'eug ann an 2018, 's bha an concrait air tòiseachdh a' cnàmh, le meirg air tighinn air an iarann.

'S ann san aon riochd - naomh le cromag na làimh a' togail a làmhan 's a' coimhead ris na nèamhan - a tha an ìomhaigh ùr.

Ceann na h-ìomhaigh shnaidhte a th' ann 's e air crìonadh gu mòr

Chaidh a dhèanamh leis an t-snaidheadair Stephen Tinney an dèidh mar a thòisich iomairt airson £100,000 a thogail san Iuchar 2024.

Chaidh an t-aigead a bha a dhìth a thogail san t-Sultain an-uiridh an dèidh tabhartais de £85,000 bhon Chaiptean Iain MacNìll, a chaidh a thogail ann am Barraigh, agus a bhean Kat Heathcote NicNìll MBE.

Thug Oighreachd a' Chrùin cuideachd airgead seachad.

Àrd-Chonsul na h-Èireann, Jerrt O'Donovan
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Àrd-Chonsul na h-Èireann, Jerry O'Donovan, an làthair aig foillseachadh oifigeil na h-ìomhaigh ùire

Dh'obraich Mgr Tinney còmhla ri Black Isle Bronze airson an ìomhaigh ùr - a tha 50% nas motha na an t-seann tè - a dhèanamh.

Thèid aifreann agus beannachadh a chumail air là an fhoillseachaidh an ath-mhìos, leis an t-sagart pharaiste an Canon Iain Pòl MacFhionghain os cionn ghnothaichean.

An làthair, bidh Àrd-Chonsul na h-Èireann ann an Dùn Èideann, Jerry O'Donovan - a bhuineas do sgìre dhùthchais an Naoimh Bàrr fhèin, taobh siar Chontae Chorcaí.