Naidheachdan 11:00m

Nigel Farage

Thòisich rannsachadh pàrlamaid às ùr mu chùisean ionmhais Nigel Farage an dèidh a thaghadh a-rithist mar ball-pàrlamaid ann an Clacton. Fhuair ceannard Reform UK còrr is 22,000 bhòt agus bha Count Binface san dàrna àite le còrr is 9,000. Sheachainn na prìomh phàrtaidhean eile am fo-thaghadh.

Tubaist rèile

Tha rannsachadh a' dol air adhart mu adhbhar tubaist rèile air Taobh Sear Sussex feasgar an-dè nuair a chaidh pàirt den trèana far na loidhne. Tha dithis san ospadal an dèidh an droch ghoirteachadh. Tha na h-uimhir de mhaill air seirbheisean rèile an-diugh a-rithist eadar Lunnainn agus Eastbourne.

Storas Seasmhachd

Gheall Riaghaltas na h-Alba gum bi £10m san stòras do ghnothachasan sna h-eileanan mu choinneamh trioblaid nan seirbheisean-aiseig. Cha deach fhoillseachadh an t-seachdain seo ach £3m agus tha luchd-gnothaich ann an Uibhist a' gearan nach eil sin gu leòr. Thuirt Ministear nan Eilean, Jim Fairlie, ge-tà nach eil anns an £3m ach toiseach-tòiseachaidh agus gum bi £10m ann uile gu lèir mar a chaidh a ghealltainn aig àm an taghaidh.

Binn

Chuir an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann binn prìosain sia bliadhna air boireannach a mharbh an nighean bheag aice fhèin le teas bho hairdryer. Chaidh Courtney Gartshore, 28, fhaighinn ciontach air a' mhìos seo chaidh gun do mharbh i an leanabh, Dahlia-Rose, a bha trì mìosan de dh'aois, ann ann Ceann Phàdraig ann an 2023.

Farpaisean Pìobaireachd na Cruinne

Thòisich Farpaisean Còmhlan Pìoba na Cruinne ann an Glaschu. Tha còrr 's 200 còmhlan bho air feadh an t-saoghail aig na farpaisean air Lianag Ghlaschu an-diugh agus a-màireach. Tha na farpaisean air a bhith a' tighinn a Ghlaschu bho chionn faisg air 80 fichead bliadhna.