Clann-sgoile Gàidhlig a' moladh Baile Mòr nan Gàidheal ann an òran ùr

Clann-sgoile bho Bhun-sgoil Bhaile Ghobhainn a' seinn ann an còisir.  Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dreach Gàidhlig a chur air òran molaidh Ghlaschu air thòiseach air A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh dhan bhaile as t-fhoghar.

Thug Ar n-Òran do Ghlaschu guthan Norrie Tago MacÌomhair agus Còisir Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu, anns a bheil sgoilearan bho na ceithir bun-sgoiltean Gàidhlig sa bhaile, còmhla.

'S i an neach-ciùil agus craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a rinn eadar-theangachadh dhen òran a sgrìobh Jamie Caimbeul bhon chòmhlan-chiùil Dignity Row à Glaschu.

Thuirt Màiri Anna NicUalraig, a rugadh am Baile Mòr nan Gàidheal: "'S e urram a th' ann a bhith a' dèanamh eadar-theangachaidh air obair neach eile, ach is e tlachd a tha ann a bharrachd, oir tha an gràdh ceudna aig Jamie dhan bhaile 's a tha agam fhèin."

Fo-thiotal,

Gabhaidh an t-òran a luchdachadh a-nuas bhon 13mh den Lùnastal.

Rinn an dreach Beurla de Ar n-Òran. do Ghlaschu a' chùis ann am farpais le Go Radio a bha a' sireadh òran a ghlacadh cho beòthail agus a tha am baile, agus tha an carthannas air a bhith ga chleachdadh sna h-iomairtean margaidheachd.

Thuirt Jamie Campbell: "Tha Ar n-Òran do Ghlaschu ag amas air beatha Ghlaschu a shamhlachadh, far a bheil daoine treun, càirdeil is fosgailte ag innse sgeul am beatha.

"Dh'fheuch mi ri òran a sgrìobhadh bho mo chridhe gus faireachdainnean a ghlacadh ann an dòigh a tha doirbh ann an còmhraidhean làitheil.

"Tha na faclan a' sealltainn mo ghaoil do Ghlaschu agus ris na daoine a tha gam cheangal ri mo dhachaigh. Chan eil thu uair sam bith nad aonar an Glaschu!"

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 5, Màiri Anna NicUalraig. Boireannach le falt fada dorcha, sùilean dorcha, lèine uaine agus usgar-bràghad, Thuirt an ceòladair is craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a rugadh an Glaschu, gur e "urram" dhi tionndadh Gàidhlig a dhèanamh den òran

Tha guthan sgoilearan bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu and Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn rin cluinntinn air a' chlàradh.

A' cluich còmhla riutha tha buill Dignity Row - Jamie Caimbeul, Dario Palazzo, Julian Pombo agus Gaven Paterson.

Gabhaidh Ar n-Òran do Ghlaschu luchdachadh a-nuas bho Dhiardaoin an 13mh den Lùnastal.

Cluinnidh am poball an t-òran ùr Gàidhlig airson a' chiad uair nuair a nochdas Màiri Anna NicUalraig aig consairt Dignity Row aig a' Bhungalow Diardaoin.

Bidh e an uairsin mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios ann an Glaschu eadar an 9mh agus an 17mh den Dàmhair.