Fios ga shireadh mu thubaist rathaid mharbhtach air Taobh Sear Rois

Rathad an A862 faisg air Àird Ilidh.  Rathad teàrr le loidhnichean geala sa mheadhan.  Tha craobhan air gach taobh dhiubh gun duilleagan orra.  Tùs an deilbh, GEOGRAPH / DAVE THOMPSON
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist air an A862 faisg air Àird Ilidh feasgar Diluain

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaill fear-motar-baidhg a bheatha ann an tubaist air rathad an A862 faisg air Àird Ilidh beagan mhìltean tuath air Inbhir Pheofharain.

Fhuair iad aithris mu thubaist eadar motar-baidhsagal BMW GS1250 agus Volkswagen Passat liath mu 4:05f feasgar Diluain.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm ann agus dhearbh iad gun robh fear, 59, a bha a' draibheadh a' mhotar-bhaidhg air bàsachadh.

Cha deach duine eile a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte fhad 's a rinneadh sgrùdadh air làrach na tubaiste.

Tha an Sàirdseant Niall Dòmhnallach ag ràdh gu bheil "ar smuaintean le teaghlach agus caraidean an duine a chaochail".

Thuirt e: "Tha an sgrùdadh againn a' leantainn agus dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic an tubaist neo gin de na carbadan mus do thachair i fios a chur thugainn.

"Bu mhath leam cuideachd air duine aig a bheil dealbhan dash-cam a thighinn air adhart."

Faodaidh daoine fiosrachadh a thoirt seachad air an àireamh fòn 101, taobh a-muigh.