Cairteal de luchd-obrach Gàrradh MhicFhearghais gus falbh

Luchd-obrach Gàrradh MhicFhearghais ri taobh an Glen RosaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Gearraidh Gàrradh MhicFhearghais cha mhòr an cairteal cuid den luchd-obrach aca fhad 's a tha iad a' feitheamh air dearbhadh air cùmhnantan ùra.

Tha 283 neach air am fastadh aig a' ghàrradh air Chluaidh an-dràsta, a' gabhail a-steach 34 preantasan.

Tha an gàrradh, a tha leis an stàit, ag ràdh gu bheil iad an dùil 70 dreuchd a ghearradh, ged nach tèid duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.

Tha iomairt air a bhith ann anns na mìosan mu dheireadh gus cùmhnantan a bharrachd a thoirt gu Gàrradh MhicFhearghais is an obair air an MV Glen Rosa - a tha bliadhnaichean air dheireadh is fada seachad air buidseat - a-nise gus tighinn gu ceann.

Bha aonadh an GMB air iarraidh gun rachadh aiseag ùr do dh'Uibhist a Deas a thogail leis a' ghàrradh gun an obair a chur a-mach gu tairgse idir, rud a dh'fhàg feadhainn ann an Uibhist iomagaineach.

Càraichean a' tighinn far aiseig san t-Òb
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh cùmhnantan 'son aiseagan ùra do Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh a ghealltainn do Ghàrradh MhicFhearghais ach cha deach an dearbhadh fhathast

Air a' cheann thall, dhearbh Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt am-bliadhna gun rachadh an cùmhnant a-mach gu tairgse.

Aig an dearbh àm ge-tà, dh'innis iad gun rachadh ceithir cùmhnantan eile a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais gu dìreach.

Nam measg tha cùmhnantan airson aiseagan beaga ùra a thogail do Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.

Chaidh gealltainn cuideachd gun rachadh cùmhnantan 'son soitheach rannsachaidh mara is soitheach dìon mara a thogail a thoirt dhan ghàrradh às aonais pròiseas tairgse a bhith ann.

A dh'aindeoin nan gealltanasan sa Mhàrt, cha deach gin de na cùmhnantan sin a dhearbhadh fhathast.

Dh'iarr aonadh an GMB soillearachadh nas tràithe air an t-samhradh is iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig Gàrradh MhicFhearghais air obair is cinnt ma tha an goireas gu bhith buan.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba aig an àm gun robh iad "ag obair aig astar gus na ceumannan deatamach a ghabhail gus na ceithir cùmhnantan seo a thoirt dhan ghàrradh."

Tha Gàrradh MhicFhearghais a-nise ag ràdh gun cuir na gearraidhean ùra seo dìon air seasmhachd a' ghàrraidh san ùine fhada.

Thuirt àrd-oifigear na companaidh, Graeme MacThòmais, gur e am prìomh amas a th' aca an-dràsta an Glen Rosa a thoirt seachad ro dheireadh na bliadhna.

"Fhad 's a tha an obair sin a' tighinn gu ceann, tha beàrn ann fhad 's a tha sinn ag obair le Riaghaltas na h-Alba air an ullachadh a leigeas leinn a dhol air adhart le còmhraidhean mu chùmhnantan ùra," thuirt e.

"Ged a tha atharrachaidhean mar seo doirbh, le a bhith a' gluasad an-dràsta tha sinn a' cur dìon air a' ghàrradh a' dol air adhart is bidh sinn deiseil 'son tòiseachadh air obair ùr cho luath 's a ghabhas".

Tha am BBC a' tuigsinn gum faigh an fheadhainn a dh'fhàgas a' chompanaidh £10,000 a thuilleadh air an airgead air a bheil iad airidh tro phròiseas call cosnaidh.

Rinn aonadh an GMB, a tha air a bhith gu mòr an sàs san iomairt gus obair a chur dhan ghàrradh, càineadh air an naidheachd.

Thuirt Louise Gilmour, rùnaire Albannach an GMB, gun do dh'fhaillich air Riaghaltas na h-Alba obair a chumail ri Gàrradh MhicFhearghais aig an dearbh àm 's a tha iad air cùmhnantan a thoirt do chompanaidhean eile gu h-eadar-nàiseanta.

"Bha uaireigin cliù aig Gàrradh MhicFhearghais air feadh an t-saoghail agus bu chòir gum bi a-rithist," thuirt i.

"Seach sin tha feadhainn le eòlas a' fàgail na companaidh agus daoine aig àrd-ìre a' cur chùmhnantan a h-uile àite ach seo fhèin".

Thuirt i gu bheil "neo-chomasachd" an fheadhainn a tha os cionn lìonra nan aiseagan air "luchd-obrach nach do rinn dad ceàrr" a leigeil sìos.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, gu bheil na gluasadan gus luchd-obrach a ghearradh air tachairt gus an gàrradh ùrachadh agus a chur ann an suidheachadh nas farpaisiche.

Thuirt Mgr Flynn cuideachd gun d' fhuair e gealltanas nach toir seo buaidh sam bith air pròiseact an Glen Rosa.

"Tha sinn an dùil na cùmhnantan airson ceithir soithichean a thoirt seachad gu dìreach is tha na ceumannan deatamach a thaobh sin a' leantainn.

"Thèid na ath cheumannan fhoillseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba fhathast".

Fiù 's ged a gheibheadh cùmhnant sam bith a dhearbhadh a dh'aithghearr, bhiodh feum air co-dhiù bliadhna de dh'obair-dealbhachaidh mus rachadh stàilinn a ghearradh aig a' ghàrradh.