Comhairlichean a' beachdachadh air cìs luchd-turais an Earra-Ghàidheal is Bòd

An t-ÒbanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd Diciadain air planaichean gus cìs stèidhichte a chur air luchd-turais san sgìre.

Tha oifigearan a' moladh cìs £5 san oidhche , taobh a-muigha chur air luchd-turais, gus timcheall air £10m sa bhliadhna a thogail.

Chaidh dàil a chur roimhe air planaichean airson cìs 5% san oidhche air luchd-turais ri linn draghan mun bhuaidh a dh'fhaodadh an leithid a thoirt air an eaconamaidh ionadail.

Bha dragh cuideachd air eileanaich a dh'fheumas fuireach air tìr-mòr gu tric airson choinneamhan dotair is eile, no ri linn aiseagan a bhith dheth, 's iad ag ràdh gur e a bh' ann ach cìs air beatha eileanaich.

Ach às dèidh do Riaghaltas na h-Alba reachdas ùr a thoirt air adhart a tha a' ceadachadh cìs stèidhichte, chuir oifigearan dreach-sgeama ùr ri chèile.

Bhiodh a' chìs a' buntainn ri taighean-òsta, taighean-aoigheachd, àitichean a tha gan leigeil a-mach air màl ghoirid, làraichean-campachaidh is eile.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' tuairmeas gu bheil mu 2.7m duine a' tadhal air an sgìre gach bliadhna is gu bheil iad a' cur gu feum nan seirbheisean poblach a tha muinntir an àite cuideachd a' cleachdadh.

Tha oifigearan ag ràdh gum biodh an t-airgead a thogadh cìs ga chleachdadh airson a leithid bun-structair, ghoireasan airson luchd-turais, agus sheirbheisean ionadail.

Tha iad ag ràdh gum biodh e mar aon à dìreach beagan chothroman a th' aig an ùghdarras ionadail gus airgead a thogail, seach a' chìs-chomhairle.

Ma chuireas comhairlichean taic ris an dreach sgeama, thèid co-chomhairleachadh poblach a chumail eadar an Iuchair agus an Dàmhair, mus bi co-dhùnadh deireannach air a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo