Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

An Atmhorachd

Thuirt an Seansalair, John Healey, gu bheil an cogadh anns an ear-mheadhanach a' sìor phutadh phrìsean suas anns an dùthaich seo. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh gun do dh'èirich an atmhorachd gu 2.9% anns an Iuchar bho 2.6% anns an Ògmhios. Ach thuirt Mgr Healey gu bheil, a dh'aindeoin sin, eaconomaidh Bhreatainn seasmhach.

An Ucràin

Thug seann mhinistear dìon na h-Ucràin dùbhlan dhan Cheann-Suidhe Zelensky le taghadh iarraidh aig àm cogaidh. Thuirt Mykhailo Fedorov gu bheil riaghaltas Mhgr Zelensky ann an èiginn, agus gu bheil coirbteachd a' cur maill air iomairt cogaidh na h-Ucràin an aghaidh na Ruis. Chruinnich buidheann de mu 100 duine aig a' Phàrlamaid ann an Kyiv an-diugh ag iarraidh Mgr Fedorov a thilleadh dhan Riaghaltas agus dhan dreuchd a chaill e bho chionn ghoirid.

Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann

Tha coltas gum feumar milleanan not de dh'airgead phoblach a chosg a' toirt aon de na h-ospadalan as motha an Alba gu ìre mus tèid a chur fo shealbh an NHS an ath-bhliadhna. Chaidh Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann a thogail ann an 2002 le airgead prìobhaideach PFI, agus tha dùil gluasad on bhuidhinn Concert Health Care gu NHS Lodainn an ath-bhliadhna. Chuir Concert cho mòr ri £86m an dàrna taobh airson leasachaidh, ach tha NHS Lodainn ag ràdh nach eil gu leòr an sin.

Bun-sgoil a' Phluic

Thòisich co-chomhairle phoblach an-diugh airson sia seachdainean air moladh gum bu chòir Bun-Sgoil a' Phluic fuireach làn-ùine air làrach àrd-sgoil a' bhaile. 'S ann an sin a tha a' bhun-sgoil air a bhith bhon Mhàrt a' bhòn-uiridh nuair a thàinig laigse am follais ann an structar an t-seann togalaich. Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh a' bhun-sgoil fhàgail air campas na h-àrd-sgoile, 's tha aithisg dhan Chomhairle ag ràdh gun tàinig na h-uimhir de bhuannachdan às a' ghluasad.