Dàil a bharrachd air cìs turasachd do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

Tràigh ann an Earra-Ghàidheal
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid tuilleadh dàil a chur ann an cìs turasachd san sgìre.

Tha iad airson an t-atharrachadh a thig air an lagh sa Phàrlamaid Albannaich fhaicinn an toiseach mus coimhead iad ris a' chùis a-rithist sa Ghiblean.

Bha mì-thoileachas mòr anns an sgìre mun phlana cìs 5% a chur air cosgais oidhche aoigheachd, le dragh gun cuireadh e luchd-turais, a tha cho cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre, dheth.

Bha dragh cuideachd air eileanaich a dh'fheumas fuireach air tìr-mòr gu tric airson choinneamhan dotair is eile, no ri linn aiseagan a bhith dheth, 's iad ag ràdh gur e a bh' ann ach cìs air beatha eileanach.

Chuir a' Chomhairle dàil air a' phròiseas san t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo