Serie A a' tilleadh gu BBC ALBA

- Air fhoillseachadh
Bidh geamaichean beò bho Serie A air ais air BBC ALBA san t-seusan ùr, a' tòiseachadh Didòmhnaich seo tighinn.
Chaidh aonta a dhèanamh bho thùs nas tràithe am-bliadhna 'son ochd geamaichean às an Eadailt a chraoladh eadar an Gearran agus deireadh seusan 2025/26.
Thug sin cothrom do luchd-amhairc rionnagan Albannach mar Scott McTominay, Billy Gilmour is Lewis Fearghasdan fhaicinn air an t-seanail Ghàidhlig.
Tha aonta ùr a-nise is 19 geamaichean gu bhith air an craoladh beo air BBC ALBA anns na mìosan ri thighinn.
Serie A air BBC ALBA
Alasdair MacIllinnein a' cluinntinn bho Ailig O'Henley mu mar a tha e air a bhith coltach ag aithris air geamaichean Serie A air BBC ALBA
A thuilleadh air sin, bidh 19 geamaichean eile beò air iPlayer a' BhBC le aithris sa Bheurla aig BBC Spòrs.
Fàgaidh seo gum bi cothrom aig daoine air geamaichean beò às an Eadailt fhaicinn air a' BhBC fad an t-seusain.
Bidh a' chiad gheama ann Didòmhnaich seo tighinn eadar Atalanta is Sassuolo.
Chìthear an geama beò air BBC ALBA is air an iPlayer bho 7:35f.
Bidh dithis Albannach, Kieron Bowie is Josh Doig, ann an sguad Sassuolo.
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Gearran
