Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 22 Dùbhlachd 2009

Bùth Iain Mhòir

Each is cairt

Dhùisg an cunntas a thug Dòmhnall Greumach air bùth Iain Mhòir còmhradh gu leòr eadar Iain, Flòraidh agus Fionnlagh.

Fionnlagh: Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil na rudan a bh' as na bùithtean, gu bheil e a' toirt dealbh uamhasach math air mar a thòisich goireasan a' tighinn. Mar a thuirt thu, bha teatha agus salainn 's tombaca is rudan mar sin. 'S beag air bheag thòisich min a' tighinn nuair nach robh a' mhin ga dèanamh uiread. Agus fiù mar a bhathas ag ràdh, sgadan saillt 's rudan mar sin.

Tha e a' thoirt cunntas air nuair a thàinig na rathaidean. Eil fhios agad cha robh rathaidean, can an-dràsta ann an Eilean Leòdhais, cha robh rathaidean ann, tha, gu meadhan na linn mu dheireadh.

Agus 's ann an uair sin a thòisich cairtean a' dol à sgìrean iomallach an eilein a-steach a Steòrnabhagh, càirn, agus mar a bha Dolaidh ag ràdh seachd is ochd a chairtean.

Can an-dràsta, a' linn dha robh linn m' athair, sin a' cheud obair a bh' aca, ag obair a' cairtearachd. Agus 's e obair ùr a bh' ann cha mhòr, bhon... an ìre mhath ùr, bhon bha na bàtaichean a' tighinn, 's bha sin a' ceangal ris a' rud cuideachd. Na bàtaichean a' tighinn à Griànaig 's à Glaschu 's à àiteachan eile.

An uair sin bhathas a' dol le càirn is cairtean ann a' seo a Steòrnabhagh. Chan eil fhios agam dè mar a bhiodh stuth a' tighinn a dh'Uibhist as na làithean sin, 's cò, ciamar a bhathas ga sgaoileadh a-mach dha na bùithtean beaga.

Flòraidh: Bhiodh dìreach caran dhan aon dòigh. Bhiodh iad a' tighinn air a' bhata, tha mi cinnteach gu leithid Loch Baghasdal, no, well, 's dòcha na seann àitichean mar Port Pheadar am Beinn na Fadhla, is Loch Sgiopoirt, tha mi cinnteach, 's na cairtean a-rithist. 'S e na cairtean a bha a' dol as a h-uile àite.

Iain: Ach tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur e an t-àite a bh' aig na ceannaichean. Eil fhios agad, bha luchd a' bhaile gu ìre, nan eisimeil, eil fhios agad, mar a bhiodh iad a' tarraing, tha, stuth bhuapa, eil fhios agad a' tarraing a' bhìdh bhuapa, agus 's docha gun airgead aca gun tigeadh deireadh an t-seusain, seusan an iasgaich no rud dhen t-seòrsa sin.

Agus, eil fhios agad, bha iad an urra ri na ceannaichean a bha sin, gu ìre mhòr.

Fionnlagh: O, glè thric.

Iain: Agus na ceannaichean, 's ann leotha tric a bhiodh na bàtaichean air am biodh daoine ag obair 's na taighean-saillidh 's mar sin. Agus bidh mi tric a' smaoineachadh an dùil a robh ceangal aige sin ris an t-seanfhacal "Is umhail fear na h-eisimeil".

Eil fhios agad, bha an duine nàdarrach gu ìre ann an eisimeil a' cheannaiche.

Fionnlagh: Well, bha. Faidhir mar a bha am muilleir air na bhruidhinn sinn. Bha na daoine sin cumhachdach. Bha beagan aca 's bha tòrr mòr a bhùithtean, agus taigh na b'fheàrr glè thric an cois na bùth, taigh le sglèat 's rudan mar sin, aig an àm a bha sin. 'S mar a thuirt thu daoine a' dol chun iasgaich.

Tha cuimhn' agam cluinntinn aon fhear a chaidh chun iasgaich 's nuair a chaidh e a phàigheadh na bùth aig deireadh an t-seusain, cha robh air fhàgail aige ach na cheannaicheadh bonaid.

Eil fhios agad, bha an taigh air a bhith a' toirt uidheam a-mach às a bhùth fhad 's a bha esan air falbh, 's nuair a thill e dhachaigh 's a phàigh e a' bhùth...

'S cuideachd bha fiacha peighinn ann, far an robh thu ag obair, can an-dràsta, nan robh clòitean ann, 's gu robh bùth aig duine. Agus bha thu ceannach rud as a' bhùth 's bha thu ag obair a' dèanamh chlòitean airson ceannach sin.

Iain: Bha. Tha sin ceart.

Fionnlagh: Agus lean sin a' dol suas gu, tha cuimhne aig gu leòr dhaoine air bùth fiacha peighinn a bhith ann.

Iain: Bha. Thug thu gàire orm ann a' shiud, eil fhios agad. Bha aon duine a' cantainn ruim, eil fhios agad, nuair a bhiodh iad a' faighinn rudan dhan t-seòrsa sin ann am bùth, tòrr dha na ceannaichean 's luchd nam bùithtean, eil fhios agad, nach robh comas sgrìobhaidh no mòran de chomas cunntaidh aca.

Agus a' fear a bha seo 's ann a' dèanamh dealbh a bhiodh e dhan a h-uile càil a dheidheadh a thoirt a-mach às a' bhùth.

Agus thàinig a' fear seo a-steach deireadh an t-seusain mar sin, 's e a' dol a phàigheadh na bh' aige ri phàigheadh agus thuirt fear na bùtha ris, " Tha mi a' faicinn" thuirt e, "gun bheil pana agad ri phàigheadh."

"O," thuirt a' fear eile ris, " cha do cheannaich mise, cha tug mi pana bhuat a-riamh. Ach thug mi bonaid bhuat!"

Agus cha robh an dealbh...

Fionnlagh: Cha robh an dealbh ach ma làimh, agus air a bheul-fodha!

Bùth ghreusachd an Adabroc

Greusaiche

Às deidh a' chogaidh bha dà bhùth ghreusachd ann an Adabroc, Nis, ri cuimhne Fhionnlaigh, agus bhiodh e as an tè a b'fhaisg daonnan.

Bhiodh pìos mòr leathrach a' tighinn dhan bhùth ghreusachd 's bhiodh an greusaiche a' gearradh na leth-bhoinn a-mach às.

B' e àite-ceilidh a bh' ann cuideachd, le daoine daonnan a-staigh ann agus bha e math dha-rìribh a bhith as a' bhuth ghreusachd.

Bha cuimhne aige air aon tè a thàinig a-steach 's cha robh na brògan leis an d' thàinig i uabhasach glan. Bha buachair mart orra.

'S dh'fhaighnich i, "Cuin a bhios iad deiseil?"

'S thuirt an greusaiche "Och, eadar seo is Diardaoin."

'S nuair a dh'fhalbh i, thuirt wag a bha a-staigh, "Carson nach d'thuirt thu rithe "Nuair a gheibh mi strannag air an son!"

Bha tòrr eirmseachd as a' bhùth ghreusachd.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.