Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 22 Dùbhlachd 2009

Biadh

Maragan: A' dèanamh an t-snàithle am broinn a' bheathaich

Bhathas a' nighe broinn a' bheathaich agus bhathas an uair sin ag ullachadh am biadh a bha a' dol na bhroinn agus bhathas a' tionndadh an t-snàithle is ga lionadh beag air bheag. Bha a' gheir blàth agus bha sin a' ciallachadh gu robh i tòrr na bu taise 's gum biodh a' mharag na bu mhiath 's na bu taise.

Muc

Muc agus Marag

Chuala Fionnlagh bho fear as a' Phort an Nis, agus chunnaic an duine seo e-fhein ann an taigh Mhic Dhoiligean as a' Phort, muc agus chaidh dòs math fìosaig a thoirt dhan a' mhuc mus deach a marbhadh. Agus an uair sin chaidh brochan na maraig a thoirt dhith, 's chaidh a marbhadh an uair sin 's bha a' mharag dèante as a' bheathach.

Ceann caora

Bha Fionnlagh ag innse mu fhear eirmseach à Nis dhan deach faighneachd a' robh càil aige fhèin mu cheann caora. Thuirt e "Tha. Nuair a chì mi sgòrnan a' sgamhain a' sileadh a-mach à prais!" Sin an aon ùidh a bh' aige ann an caora.

Bhite a' bruich ceann na caora agus na casan aig an aon àm agus chante ceanna-chasach ri sin.

Bhathas a' cleachdadh an eanchainn airson blas an dàthaidh a thoirt far a' chinn. Bha fear eirmseach ann a' Lìonal, Nis a thuirt mu fhear eile nach robh de dh'eanchainn ann na bheireadh blas an dàthaidh bhon a' cheann aige!

'S fhad' a ruitheas an fhuil 's i blàth

Chuala Fionnlagh fear Willie John ag ràdh "'S fhad' a ruitheas an fhuil 's i blàth!"

Bha e a' ciallachadh, fhad 's a bha daoine beò gun cumadh iad suas ri chèile.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.