Thigibh cuairt gu bùth Iain Mhòir ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. B' ann aig bràthair athair Dhòmhnaill Greumach a bha a' bhùth seo agus dh'innis e mu chuid de na gheibheadh duine innte.
Dòmhnall: Bha rud sam bith a bha thu ag iarraidh, bha e innte aig an àm ud, bhon an arain chun a' sgadain, bhon an tombaca chun a' leathar, chun na pleataichean a bhiodh a' dol air do bhròg, bho na cruidhean, bho na tarraigean pleataichean 's na tarraigean chruidhean.
Agus bha rud eile ann nach robh ann am bùth eile, 's bha 'd a' tighinn ann ga iarraidh bho cheann shìos na sgìre gu... Bha mi a' bruidhinn ri tè bho chionn ghoirid a-muigh as a' Chare Unit air mo thaobh ann a' sheo, agus thuirt i a' chiad uair a bha i ann an Dail gur ann a dh'iarraidh dath dubh. Agus 's ann à Borgh a bha i.
Flòraidh: Seadh gu dearbh. 's bha sin sa bhùth?
Dòmhnall: Bha sin as a' bhùth. O, 's iomadh duine a chunnaic mise, 's iomadh creutair muladach a chunnaic mise a' tighinn chun na bùth ud a dh'iarraidh dath dubh.
Agus an dath dubh fhèin, tha cuimhne agamsa glè mhath air.
Bha dà seòrsa rud ann. Agus aon seòrsa, 's e powder a bh' ann, a' rud dubh. Ach a' rud eile, rud ris an canadh iad dath a' phuinnsein, 's e nàdar criostal pinc a bh' ann. Mar bu tric, 's ann a' dath clòimh, eil fhios agad.
Mar a bha e an uair ud, cha robh dath ann ach siud fhèin. Agus bha clòimh a' chuid bu mhotha, 's ann geal a bha i co-dhiù agus tha cuimhn' agamsa iomadach uair geansaidh a chaidh a dhèanamh dhomh fhèin. Cha deach mise riamh dhan a' sgoil le seacaid ach geansaidh, agus 's ann de chlòimh nan caorach a bha e air a dhèanamh. Agus bhathas ga dhath leis an dath dubh ud.
Flòraidh: Ach feumaidh gu robh iarratas airson a' leithid sin as a' choimhearsnachd, a robh?
Dòmhnall: O bha, bha. Ach càite robh e ga fhaighinn, cha d'fhuair mi a-mach a-riamh.
Flòraidh: Tha mi cinnteach gur ann far tìr-mòr, cleas a h-uile rud eile.
Dòmhnall: 'S iongantach mur a h-ann. 'S iongantach mur a h-ann.
Flòraidh: Bheil cuimhne agaibh ciamar a bhite ag òrdanachadh a' bhìdh?
Dòmhnall: O, bha a h-uile càil, cha robh, bha a h-uile càil ann a' Steòrnabhagh.
Bha 'd a' falbh, tha cuimhne agamsa, bha mo bhràthair bu shine tha, bha e ri cairtearachd mus do dh'fhalbh e a Chanada. Agus bha a h-uile càil a' tighinn air càrn, càrn air a tharraing le each.
Tha cuimhne agamsa a' dol sìos a' rathad ann a'shin, a' rathad a-muigh, rathad a' Rìgh mar a chanas iad, aon seachd no ochd a chairtean le eich ann a' shin a' dol sìos a' sgìre, a' tighinn à Steòrnabhagh.
Bha bàta a' tighinn an uair ud bho Glaschu, tha, a-steach a' Steòrnabhagh le, leis a h-uile seòrsa biadh.
Flòraidh: Dè na h-uidheaman a bha as na bùithtean a bha sin nach fhaic duine an diugh?
Dòmhnall: O well, chan fhaic thu maigh an-diugh.
Flòraidh: Chan fhaic.
Dòmhnall: Chan fhaic thu maigh an-diugh. Tha a h-uile càil... bha a h-uile càil ann a' shiud, bha e air a thomhais.
Flòraidh: Bha.
Dòmhnall: Even bha an t-ìm a' tighinn ann am bucas agus bha e air thogail às le... 's e maide flat air a' dhèanamh a dh'aon ghnothaich air a shon a bh' ann co-dhiù.
'S bha 'd a' clapaigeadh sin gu ruigeadh e an tomhas, ma bha thu ag iarraidh punnd ìm no leth-phunnd ìm, agus ga chuir air a' mhaigh. Bha a h-uile càil a' dol air a' mhaigh.
Flòraidh: Dè na rudan eile a bhite a' tomhais leis na maighean a bha seo?
Dòmhnall: O bha, bha an teatha agus a' siùcar, agus an tombaca. Bha esan a' dol dhan a' mhaigh cuideachd. Ged a bha, tha, an t-snoig a bha siud as a' chounter bhathas, tha, a' dèanamh cinnteach gu robh an t-ùnnsa ann.
Bha e bho cheann a' chounter 's bha snoig ann, eil fhios agad, fad an ùnns tombaca, chun an t-snoig. 'S nuair a dhèanadh e sin, dhèanadh e na roileagan e, 's chuireadh dhan a' mhaigh e. Agus 's e an t-ùnnsa a bhiodh ann.
Nise, chunnaic mi uair agus uair agus uair ma bha a' sìoman a bha a' tighinn a-mach as a' bhogey-roll na bu chaoile na chleachd e bhith, cha bhiodh an t-ùnns ann, agus dheidheadh pìos a ghearradh às, 's chuireadh e bìdeag bheag còmhla ris an ùnns.
Flòraidh: Sin agad e.
Dòmhnall: Dhan a' mhaigh.
Flòraidh: Agus 's e duine fortanach a thigeadh tarsainn air a' sin, ma-thà?
Dòmhnall: O chan eil fios agam. Cha bhiodh ann ach an t-ùnnsa co-dhiù. Bha, nise, bha sgadan saillt innte.
Flòraidh: 'S ciamar a bha sin air a reic?
Dòmhnall: Bha, bha thusa a' tighinn le peile a dh'iarraidh fichead sgadan, 's a-nise, ma bha mise innte no mo cho-leithidean, "Siuthad, lìon fichead sgadan dhan an tè sin!"
Cha robh esan a' dol a shalach a làmhan ìdir.
Agus cha robh pacaid ann sa latha ud. Bha a h-uile càil air a thomhais. Pocannan ann a dh'aon gnothaich airson, tha, poca punnd 's poca cairteal. Bha. 'S bha, nuair a sgaoileadh tu iad, bha tòn square orra an uair sin agus laigheadh iad air a... bha thu a' cur na h-uiread annta le scoop an toiseach, 's bha thu an uair sin ga chuir dhan a' mhaigh. Bha thu an uair sin... cha chuireadh e gràin a bharrachd. Bha e dìreach a' dol ann cho slaodach.
Flòraidh: Seadh, gu dearbha.
Dòmhnall: Bha, gum buaileadh e a' rudan.
Flòraidh: Gu math faiceallach?
Dòmhnall: Bha, bha.
Flòraidh: Cha chuireadh sibh sìlean no dhà a bharrachd ann, an cuireadh?
Dòmhnall: Cha chuireadh, dha dheòin co-dhiù.
Dè mu dheidhinn an-dràsta, bha h-uile duine an uair ud le brògan leathar. Agus dh'fheumte an càradh. Nuair a bha thu fhèin na do theenager bha thu a-muigh còmhla ri do cho-chreutair agus cha robh guth air na brògan no dhan caitheamh as a h-uile àite. Agus, tha, dh'fheumte an uair sin a dhol a dh'iarraidh leathar fhein.
'S dòcha gum biodh duine ag iarraidh an-dràsta leth-bhuinn. Sin bonn do bhròig, leth-bhuinn. Agus dh'fheumadh tu pineachan airson sin.
Flòraidh: 'S bha sin sa bhùth cuideachd?
Dòmhnall: Bha. Agus, chan eil a-nis, chan eil bròg an uair ud a bh' air fireannach no air gille, no air balach, nach e bròg thacaideach a bh' ann. Seachd sreathan 's bha pleat air a' ghob aca, 's bha cruidh air a' chnap aca.
Flòraidh: 'S ghabhadh iad sin uile ceannach air leth, an gabhadh?
Dòmhnall: Ghabhadh. Ghabhadh sin ceannach agus a-nise dh'fheumadh tu tarraigean. 'S bha tarraigean a' phleat na bu lugha na tarraigean nan cruidhean.
Agus a-nise, bha a' leathar a-nise a' tighinn, well, chanainn-sa gu robh dàrna leth seiche mart ann.
Agus bhiodh sin, agus bhiodh iad ga thomhais, tha, saoilidh mi gur e seachd òirlich a leud a bhiodh as na leth-bhuinn. Bha sin a' dèanamh ceithir òirlich dheug a leud. Chan eil cuimhn' am dè – nine lengthways, saoilidh mi. Agus bha thu a' gearradh sin agus bha thu a' faighinn leathar ceart an uair sin.
Flòraidh: Agus bhiodh e air a thomhas a-mach.
Dòmhnall: Bha e air a thomhais a-mach. Bha e air a thomhais.
'S bha thu fhèin ga ghearradh, dà leth air an uair sin. Bha thu an uair sin ga chuir am bogadh 's a' feuchainn air leis an òrd a' dèanamh shape air, ach a' laigheadh e air bonn na bròig.
Flòraidh: Dè mu dheidhinn rudan mar càise is rudan mar sin?
Dòmhnall: O, bhiodh a' chàis innte, mulchag. Bhiodh mulchag innte. Agus ga ghearradh le, le uèir, uèir chaol, chaol, agus cnag mhaide as gach ceann dhan a' uèir. Sin an dòigh gearraidh a bh' aca air a' chàis.
Bha, agus hama. Roile, cha b' e idir, tha, ann am plastaig skin a choireigin, ach bha roile ann a' shiud, 's bha thu ag iarraidh leth-phunnd no punnd hama. 'S bha e ga ghearradh. Uaireannan bhiodh e gu math tiugh, ach bhathas a' feuchainn ri dhèanamh cho tana 's a b' urrainn.
Sgian a' hama, bha sgian a' hama bha i special. Bha i mòr is bha i geur.
Flòraidh: An aimaiseadh daoine leithid rudan mar pàipear-naidheachd fhaighinn?
Dòmhnall: Cha robh pàipear-naidheachd a' tighinn an uair ud ann. Ach 's dòcha gu faigheadh cuideigin pàipear an àiteigin, 's ma fhuair duine greim air, leughadh e e. Bhiodh e as a' bhùth na shuidhe air a' chounter. Bhiodh e ga leughadh dha na bodaich.
Flòraidh: Mar a bhiodh iad a' tighinn a-steach, ag innse dhaibh dè bha dol san t-saoghal mhòr?
Dòmhnall: Seadh. Aidh. Bha i fosgailte gu aon uair deug.
Flòraidh: A dh'oidhche?
Dòmhnall: A dh'oidhche.
Flòraidh: A' shamhradh 's a' gheamhradh?
Dòmhnall: A' shamhradh 's a' gheamhradh. Cha robh duine a' coimhead a' robh i dùinte no fosgailte, ach bha i fosgailte ann a' shiud agus bhiodh i làn mar bu tric. Bhiodh gu leòr innte nach biodh a' ceannach air an ionnairidh, bhiodh.
O bhiodh, ach ma bha thu ag iarraidh, tha... gun dhìochuimhnich boireannach rud beag a choireigin, bha siud fosgailte. Cha robh càil agad ach a thighinn ann.
Even am paraffin, bha e shuas ann a'... bha cùil eile as a' bhùth 's bha am paraffin ann a' shin. Agus bha iad a' tighinn a' dh'iarraidh botal paraffin.
Flòraidh: Seadh.
Dòmhnall: 'S tha cuimhne agamsa fhathast, bhiodh streang aca timcheall air a' sgòrnan aige agus dul. Sin mar a bhiodh iad a' falbh, bhiodh cho fada ris An Àird.
'S tha An Àird às a' seo, tha ceann a-muigh na h-Àirde cho fada ri faisg air mìle às a' seo.
Flòraidh: Dè a' fàileadh a bh' as a' bhùth? A bheil cuimhne agaibh dè a' fàileadh a bh' innte?
Dòmhnall: O, bha fàileadh math, gu h-àraidh nuair a thigeadh lofaichean. Bhiodh fàileadh math innte an uair sin. O bhiodh fàileadh math. Dè mu dheidhinn, bhiodh aran-cridhe, bhiodh bucas aran-cridhe innte a h-uile Latha na Dròbh. Bha sin a' tighinn innte, 's abair thusa gu robh sin a' còrdadh ris a' chlann mar a bha sinne an uair ud beag.
Bha, 's bhiodh rudan, bhiodh balaich a' feuchainn rudan. Bha na sailean, bhiodh iad ris. Cha robh, dè an t-ainm a' th' air, cha robh hardboard, no càil dhe na rudan sin ann, plasterboard ann an uair ud. Bha na sailean ris. Gillean a' feuchainn ri iad fhèin a thogail air na sailean. Rudan dhen seòrsa sin, an cur seachad.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.