Bha a mhàthair ag innse do Mhurchadh Moireach à Tàbost, Nis, nach fhaodadh tu idir, idir, uighean a bha air a bhith ann am picil Waterglass a bhruich. Dh' fheumadh tu a' fraighigeadh.

Bha na seann daoine a' cumail a-mach gu robh ugh a dheidheadh a bhreith ann an uisge, gu h-àraid ugh tunnaig a dheidheadh a bhreith ann an allt no ann an lòn, gun fheum.
'S e 'n t-adhbhar airson sin gu robh an t-slige a bh' air beagan na bu taine agus nam biodh salchar sam bith as an uisge gum biodh e buailteach faighinn dhan ugh 's cha chleachdadh iad idir e.
Nam b' ann air fiadh a bhiodh tu a' bruidhinn cha chleachdach tu duis no maodal, ach poca buidhe agus bhiodh iad a' dèanamh maragan air a' sin cuideachd.
Chante a' ghreallach ris a h-uile càil a bha am broinn an fhèidh.
Bha glagan ann am muilleann, leithid Muileann Gharraboist, ach a rèir Dhòmhnaill Eàirsidh Dòmhnallach, An t-Òban, sin a chante an Uibhist a Tuath ri boireannach, no duine sam bith nach cumadh am beul dùinte.

Chanadh tu caoin air ascaoin mu duine a chaidh troimh-a-chèile, fiù 's a chaidh às a' rian le fearg.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.