Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Dùbhlachd 2009

Seanfhacail agus Abairtean

Caoin air ascaoin

Aodach

Ma sheallas tu ri ball aodaich sam bith, tha taobh air a tha còir a bhith a-muigh agus taobh eile a tha còir a bhith a-staigh. 'S e caoin an taobh ceart, an taobh a bhios a-muigh. Nam biodh tu a' cur rud caoin air ascaoin, bhiodh tu ga chuir ort agus an taobh a bha còir a bhith a-staigh a-muigh.

Cha do thionndaidh thu an taobh ascaoin dheth

Bha seo a' ciallachadh nam biodh tu ag obair còmhla ri duine, no an sàs ann a' rudeigin còmhla ris, 's gun canadh cuideigin eile seo riut mu dheidhinn, bhiodh e a' ciallachadh gum bu chòir dhut a bhith air d' aire, nach robh thu eòlach air a h-uile taobh a bh' air an duine.

An tul-fhìrinn

Sin dòigh eile air an fhìrinn ghlan, gheal a ràdh.

Fàs is gnàths is toradh

Air madainn latha na Bliadhn' Ùir, chleachd daoine a bhith a' toirt a-steach pìos craoibhe, pìos beag air am biodh fàs is gnàths is toradh ach am biodh e mar chomharra air a' rud a bha iad a' guidhe dhaibh fhèin airson na bliadhna a bh' air thoiseach orra.

Am pìos craoibhe a bheireadh iad a-steach, bha e a' comharrachadh gum biodh fàs air nan cuireadh tu dhan an talamh e. Bha gnàths a' ciallachadh gum buineadh a' chraobh dhan an àite dham buineadh iad fhèin. Agus nuair a thigeadh e chun an àm iomchaidh dhan a' bhliadhna, bhiodh iad an dòchas gun tigeadh toradh air a' chraoibh.

Poll mhònach

Talamh araisg

Seo talamh a tha mar gum biodh letheach slighe eadar a bhith na thalamh dubh agus na thalamh rèisg. Gheibheadh tu e, 's dòcha, air na h-iomaill as fhaide a-muigh dhe na pìosan fearainn a bhite a' treabhadh, mus ruigeadh tu a' mhòintich.

Fàs / Gaoth-thalamh

Ma tha talamh fàs, bidh tu a' smaoineachadh nach fhàsadh rud sam bith ann, gu bheil e bàn. Ach ma chanas tu gu bheil fàs ann an talamh, bhiodh tu a' dùileachadh gun tigeadh tòrr fàis air rud sam bith a' chuireadh tu ann.

Bhite cuideachd a' cleachdadh an fhacail airson mar gum biodh toll a gheibheadh tu ann an talamh. 'S docha gum biodh uachdar na talmhainn ceart gu leòr ach gu robh mar toll fodha, gu robh fàs ann.

Chitheadh tu cuideachd ann an poll mhònach e. 'S dòcha nuair a bhiodh tu a' gearradh na mònach gun gearradh tu dhà na trì fhàdan agus an uair sin gun deidheadh an t-iarann agad sìos agus nach biodh càil romhad ach toll. Chanadh iad gaoth-thalamh ri sin cuideachd.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.