Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Dùbhlachd 2009

Iasg

Sgait ghoirt

"Tha e coltach gur e maoth-chnàimh a tha ann an cnàmhan a' sgait agus nuair a tha am beathach marbh bidh iad a' bristeadh sìos agus a' cur a-mach an gas, ammonia. Seo an t-adhbhar a tha fàileadh ammonia bho bhiorach no bho dhallag a tha a' grodadh air a' chladach.

Nuair a tha sgait air a thiodhlacadh ann an òcrach, tha an èadhar air a ghlasadh a-mach, agus mar sin cha ghrod an t-iasg. Ach tha an ammonia a' cruinneachadh fon a' chraiceann, agus tha an craiceann seo ag èirigh air falbh bhon fheòil.

Sgait

Tha seo a' fàgail a' sgait gu math furasta fheannadh, mus tèid a bhruich. Nan robhas air fhàgail air uachdar an talamh, ghrodadh e. Chan eil fhios agam le cinnt a bheil seo ceàrr ach saoilidh mi gu bheil ciall anns a' mhìneachadh."

Litir bho Mhurchadh Peutan, an t-Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach.

Cha robh gnothaich sam bith aig a bhith cur sgait ann an todhar ri bhith ga cur dhan an òcraich. 'S e bha todhar a' ciallachadh ann an iomadach àite, an fheamainn a gheibheadh tu air a' chladach. Bhiodh iad a' cur nan sgaitean a-steach fo na staimh agus fon a' liadhag a bhiodh air a' chladach.

Ann a' sgìre Nis, agus air a' Bhac, Leòdhas, bha Iain a' bruidhinn ri daoine aig an robh cuimhne a bhith a' cur sgait ann a' leabaidh chonnlaich fo thodhar na bà. Ach bha an còmhnaidh connlach eadar i agus an todhar. B' e an dearbh adhbhar a bhathas a' dèanamh seo, a' mìneachadh a thug Mhurchadh Peutan na litir.

Facail

Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach

Gnoigean

'S e pìos fiodh a bh' ann, mu mheud cas ùird can, agus pìos clòimh air a cheangal air a' bhàrr aige, agus, 's dòcha teàrr no ola no paraffin air a' chlòimh.

Bhiodh iad ga lasadh agus a' falbh leis mar a bhiodh iad as na seann làithean le teine ceann fòid.

Chuala Dhòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, An t-Oban, mu dheidhinn bho bhoireannach as a' Mhanachainn.

Cùdainn / Maide na cùdainn / Maide a' bhallain

B' e seo casg no tuba no baraille den t-seòrsa air an robh iad a' bruidhinn an t-seachdain a chaidh. Tha e coltach gu robh e rud beag eadar-dealaichte bho bharaille nàdarrach.

Bhiodh dhà dhe na clèithean a bhiodh a' dèanamh a' bharaille na b' àirde na na dhà eile. Bha mar gum biodh dà chluais an-àirde, agus bhiodh iad gan tolladh agus a' cur maide troimhe.

Dh'fhaodadh duine a bhith an uair sin aig gach ceann dhen a' mhaide airson an cùdainn a thoirt leotha, agus e làn uisge. 'S e maide na cùdainn a chante ris a' mhaide a bha sin, no maide a' bhallain.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.