Mun àm seo dhen bhliadhna bhite a' marbhadh bheathaichean airson gum biodh biadh a bharrachd aig daoine. Bhite a' cumail an fhuil agus a' gheir agus na dubhagan is eile, a bharrachd air an fheòil, airson maragan a' dèanamh. Chaidh Flòraidh a Chalanais, Leòdhas, a dhèanamh maragan còmhla ri Alice NicIllfhinnein.
Alice: Nise, sin a-nise a' gheir. Tha a' gheir ann a' sheo deiseil.
Flòraidh: Air a gearradh.
Alice: Tha a' gheir air a gearradh. Agus tha an t-uinnean ann a' sheo, air a ghearradh cuideachd. Agus seo a-nise a' mhin-choirce. Agus tha an uair sin a' salainn agus piobar. Ach chan urrainn dhut cus salainn bhon tha salainn as an fhuil.
Flòraidh: Seadh.
Alice: Agus chan eil mise glè chinnteach dè a bhios mi a' cur ann a' làn mias dhith. Ach 's ann na mo bhois is àbhaist dhomh a bhith ga chuir. Well, canaidh sinn teaspoon nuair is e beagan a th' ann, nuair nach eil mi a' dèanamh ach dàrna leth a' mhionach. Agus dessertspoon, eil fhios agad, airson nuair a tha thu a' dèanamh a' mhionach gu lèir.
Bidh mi a' dèanamh am biadh gu lèir, na nì am maodal gu lèir, ach an t-snàithle…
Tha sinn a' dèanamh an t-snàithle cuideachd.
Nise, sin a-nise an aon tè a tha mise a' dèanamh geal mar is trice. Ach is caomh leam a bhith a' dèanamh nan glasan uaireannan geal, nuair a bhios pailteas agam.
Flòraidh: Feumaidh sibh innse dhomh a-rithist. Tha mi dìreach fìor aineolach mun a' seo. An t-snàithle agus na glasan?
Alice: Tha mi ag aithneachadh sin!
Flòraidh: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi cheart cho toilichte gu bheil.
Alice: Well, 's e th' as an t-snàithle an colon, agus tha e làn geir air an taobh a-muigh. Agus tha thu ga thionndadh a-steach. 'S cha leig thu leas mòran geir a chuir ann ach dìreach a' mhin-choirce is na h-uinneanan, leis an t-salainn 's a' phiobar, eil fhios agad?
'S tha e math nuair a bhios tu ga fraighigeadh. Nuair a chuireas tu air a' phana e, tha e a' tionndadh donn, eil fhios agad, a' mhin-choirce. 'S tha thu an uair sin ga thionndadh agus tha an taobh sin a' dol donn cuideachd. 'S gheibh thu air le do mheuran a-mach.
Flòraidh: An e?
Alice: 'S e. Ged a dh'fheuchadh tu le forc, bidh mi a' feuchainn le forc ach chan eil e math. Ach is caomh leam an fheadhainn dhubha a bhith nan cois.
Flòraidh: 'S dè an t-ainm a th' air a' mharag a tha sibh a' dèanamh ann a' seo, ma tha?
Alice: Well, 's e seo, seo a-nise na glasan. Agus tha a' stamag, seo a-nise a' stamag. Nise, tha seo frilleach. Tha sin am broinn a' stamag againn. Feumaidh e bhith gu bheil e againn fhìn cuideachd. Eil fhios agad, chan eil fhios agamsa a bheil e aig an duine. Co-dhiù 's e an taobh frilleach a tha gu bhith a-muigh.
'S tha thu ga thionndadh a-mach, agus seo an taobh dha bheil am biadh a' dol. An taobh glan, an taobh plèan, glan sin.
Flòraidh: Tha sibh air a h-uile càil a tha siud a dh'ainmich sibh a mheasgachadh?
Alice: Tha, a h-uile càil.
Flòraidh: 'S tha e a' dol a-steach dhan a' rud?
Alice: Tha e a nise a' dol a-steach dhan a...
Flòraidh: A bheil e a' dol a dh'fhàs nas motha mar a tha sibh ga lìonadh?
Alice: O tha. O tha, tha, mo chreach!
Flòraidh: Lìonaidh sibh sin ma-thà, suas gu ugainn?
Alice: Lìonaidh mi e suas chun na h-uimhir sin. Sin e, bidh mi ga lìonadh suas chun na h-uimhir sin.
Flòraidh: Ciamar a tha sibh a' dol… bha sibh a' bruidhinn air snàthad nas tràithe. Bheil sibh ga fhuaigheal?
Alice: Well, chan eil mise a' bodraigeadh ri fhuaigheal idir, 's cha robh na mo mhàthair. 'S ann a' cur bior stocainn.
Flòraidh: Cumaidh a' bhior sin?
Alice: Cumaidh a' bhior iad. O chiall, cumaidh. Tha thu a' cur an dà bheul ri chèile.
Siud e. 'S tha thu ga chuir a-steach ann a' shiud. 'S nuair a thig e a mach ann a' shin tha thu ga thionndadh mar siud.
Flòraidh: Tha mi ga fhaicinn.
Alice: Agus tha thu an uair sin a' cur fear eile...
Flòraidh: A' cumail a' cur car mar sin, is cha tig e às ri mhaireann, tha mi cinnteach.
Alice: O cha tig. O cha tig. Agus tha am bior agad ann a' shin.
Flòraidh: Dh'fhàs e gu math mòr mar a lìon sibh ann a' shiud e, nach do dh'fhàs?
Alice: O gabhaidh e tòrr biadh.
Flòraidh: 'S thig sin… càite a bheil sin a' dol a-nis?
Alice: Bidh e a' dol dhan a' phana, 's tha salainn agam ga chuir dhan a' phana.
Flòraidh: Dhan uisge?
Alice: 'S tha am bùrn a' goil. Well, bidh mi ga chuir dhan a' mhias, nuair a bhios mi deiseil leis a' mhias, eil fhios agad, nuair a bhios mi air a h-uile càil a lìonadh. Tha mi gan cuir dhan a' mhias agus a' dòrtadh bùrn air.
Flòraidh: Seadh.
Alice: Seo e. Bùrn teth. 'S tha mi ga thoirt a-null chun a' stòbha.
Flòraidh: Seadh.
Alice: 'S ga chuir dhan a' phana a-mach às a' bhùrn theth. Agus an uair sin a' tòiseachadh ga phrioganachadh, man d'thuirt sinn fhìn.
Flòraidh: A' cur tuill ann?
Alice: A' cur tuill ann. Tha thu a' gabhail dha le snàthad mhòr, ach 's e bior fhada a bhios agamsa, fear fada a-nis bhon tha mo mheuran cho dona.
Flòraidh: Dè a thachradh mur a dèanadh sibh sin a-nisd?
Alice: Shèideadh i as a' bhad, eil fhios agad? Feumaidh tu a' ghaoth a leigeil a-mach aiste.
Flòraidh: Feumaidh.
Alice: Feumaidh tu a' ghaoth a leigeil a-mach aiste.
Flòraidh: Dè an ùine a tha seo a' toirt a-nis, mus bruich e?
Alice: Well, na glasan, bhiodh mo mhàthair a' toirt uair a thìde gu leth dhaibh, no dà uair a thìde. Agus 's e uair a thìde gu leth mar bu tric, ach dh'fheumadh tu a' mhaodal, an fheadhainn mhòra seo, bhiodh iad seo a-nis gam bruich às dèidh na diathad, nuair a dh'itheadh sinn an fheadhainn seo, eil fhios agad.
Flòraidh: Seadh.
Alice: Nuair a dh'itheadh sinn na glasan 's a' mhaodal bheag agus a' luamh, a' stamag. An fheadhainn sin. Well, na dh'itheadh sinn dhiubh.
Bhiodh an uair sin a' mhaodal mhòr air a dèanamh na dà leth agus an t-snàithle an uair sin a' dol air a h-uachdar, air an uachdar a-rithist. 'S e an t-snàithle a' rud bho dheireadh a bhiodh sinn a' dèanamh.
'S e an t-snàithle an caolan mòr. Chuala Iain gum bite a' lìonadh an t-snàithle gu lèir am broinn a' bheathaich mus deidheadh a' maodal a thoirt às a' bheathach.
Nam biodh iad a' cleachdadh geir, 's e geir na lòinichean, an geir a tha timcheall nan dubhagan, a bhiodh iad a' cleachdadh. 'S bhiodh cuid a' slisneadh nan dubhagan 's gan cuir dhan an t-snàithle cuideachd. Bha an t-snàithle air marag cho math agus a bh' ann.
Bha maragan eile ann le ainmean mar currac an rìgh, marag a' bhuachaille, am breillean, a' luamh, agus na glasan. Bha cumaidhean eadar-dhealaichte orra.
'S e seo an seòrsa marag a bhathas a' dèanamh le stamag mart.
Tha pìob na h-analach no a' sgòrnan a' tighinn às an sgamhan agus nuair a bhiodh iad a' cur a' sgamhain dhan a' phrais airson a bruich, dh'fheumadh a' phìob a bha seo a bhith a-mach air beul na praise.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.