Bhiodh an cat a' coimhead suas gu far am biodh an t-iasg a' tiormachadh air sìoman os cionn an teine. Ged a bhiodh e ga mhiannachadh, cha bhiodh e comasach dha faighinn thuige.

Cha robh isean seach isean dhiubh seo ro cheòlmhor!
Sealladh air cuid de na rudan a bha na seann daoine a' faicinn mar rudan cudthromach!
Mur a bheil thu a' cumail smachd air do theanga agus a' cantainn rudan ma dh'fhaodte nach eil còir agad a ràdh, 's docha gun dèan e trioblaid mhòr dhut an ceann sreath.
Seanfhacal a tha a' moladh do dhuine, aig amannan sònraichte, a bheul a chumail dùinte.
Cha robhas a-riamh a' moladh do dhuine a bhith na thràill, agus gu h-àraidh na thràill reamhar. B'fheàrr buileach gun a bhith as an t-suidheachadh sin idir.
Nam biodh duine cho calma 's gum biodh e a' seasamh aig rud, bhiodh càch buailteach teicheadh roimhe.

Bha Coinneach Dòmhnallach, Steòrnabhagh, ag ràdh gur e pìos de dh'fhearann a theirte do dhuine a thigeadh a-steach do bhaile, no do dhuine às a' bhaile fhèin 's dòcha aig nach robh croit, leis na comainn ionaltraidh, a bh' ann am buailtean.
Thogadh e-fhèin air an Riof, ann a' Sgìre Ùige Leòdhais, agus bha e ag ràdh gu robh dhà dhiubh as a' bhaile, Buaile Mhorghain agus Buaile MhicArtair. Bha e ag ràdh gu robh mòran dhiubh ann a' Bhaltos, aon air an robh an t-ainm Buaile Thormoid, agus gu bheil baile ann am Breascleit air a bheil Na Buailtean.
Bha an sgiobair seo sònraichte o chionns gu robh e ag obair na sgiobair fad leth-cheud bliadhna 's a sia.
Seo feur àrd a chithear mar is trice ann an àiteachan bog agus tha mar gum biodh altan beaga troimhe.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.