Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 22 Sultain 2009

Iasgach a' langa

Lìn-iasgaich

'S ann aig Ailig MacIllFhinnein, Na Geàrranan, Leòdhas, a chuala Iain MacIlleathain mu iasgach a bha anabarrach cudromach ann a' Leòdhas bho chionn còrr air ceud bliadhna. B' e sin iasgach a' langa. Tha Ailig air leth miannach air bàrdachd agus thòisich an còmhradh leis ag aithris ceathramhan bàrdachd le Iain MacLeòid, Cnoc Chàrlabhaigh.

Ailig: Fil òro, fil òro, fil òro, hug èileadh, chan fhaigh mi cadal sàmhach, gun tàrr sinn gu sèin' i.

Iain: Seadh.

Ailig:

Nuair a ràinig càch, cha robh fàire no sgeul oirr'
Bha nighneagan cho tùrsach, 's gun dùil rith' gu sìorraidh
Bha nighean Anna Dhonn a' call a cainnt leis an deuchainn
'S bha an tè bha shuas aig Seumas mar chreutair gun chiall aic'.

'S ann agam a bha am bràthair, cha b' nàir' dhomh ri inns' e
Làmh stiùiridh a' bhata, 's gach gàbhadh is baoghal;
Nuair shèideadh an gèile gu feum thoirt à aodach
Mo roghainn air a' "helm" e, gu falbh thoirt à caomhag.

Aig hoidhseadh a' chruinn mhòir, chaidh Am Pònaidh gu stàirnich
'S An Dròbhair leis an eud ri cur sèis air a' Ghàidhlig;
Bha Iain leis an fhuachd ann, 's a ghuaillean ga chlàbhadh
Ach Calum cha chuir diù ann, làmh lùthmhor nach fhàillig.

Iain: Well, abair bàrdachd.

Ailig: Bàrdachd. Bha bàrdachd mhìorbhaileach air an amhran sin. 'S tha tòrr rainn a bharrachd air a' seo ann.

Iain: Seadh. Ailig, 's e iasgach a' langa a bha seo, nach e?

Ailig: O, iasgach a' langa. Cha robh a' cunntadh ach i fhèin. Chan fhaigheadh iad sgillinn air a' chòrr. 'S e a' bhochdainn a bha iad a' faighinn orra fhèin. Agus innsidh mise dhut dè bha iad a' faighinn oirre. Seachd sgillinnean no ochd sgillinnean a bha iad a' faighinn air a' langa. 'S dh'fheumadh dà throigh gu leth a bhith innte bhon an t-sùil chun an earball, no bha dhà, bha dà langa a' dol mu choinneamh an aon.

Iain: Sin agad e.

Ailig: Nach robh sin eagallach.

Iain: Cuin a nise a bha sin? Timcheall air?

Ailig: Well, cha b' urrainn dhomh a ràdh.

Iain: Deireadh na linne?

Ailig: Deireadh a' linn, bhiodh e as na h-1890s tha mi a' creids'. Bhiodh, 's mathaid a-mach toiseach an ath linn.

Iain: Toiseach an linn-sa fhèin.

Ailig: Bhiodh. A' linn-sa fhèin mar a tha thu ag ràdh.

Iain: Agus 's mòr na bha iad a' faighinn dhith?

Ailig: A bhròinein! Fhuair a' Hebridean, Calum Ghràidhean, fhuair e mìle gu leth* langa ann an dà chur. Ach fhuair Donnchadh Mòr leis a' Flying Fish mìle is trì cheud langa ann an aon chur.

Iain: Ann an aon chur!

Ailig: Nach b' eagalach na bha sin a dh'iasg.

Iain: Well, well, well.

Ailig: Langa, alone.

Iain: Agus chan eil fhios dè a bha iad a' faighinn a thuilleadh air a' sin.

Ailig: Chan eil fhios dè a bha iad... cha robh guth air a' sin.

Iain: Cha robh sin a' cunntadh.

Ailig: Cha robh sin a' cunntadh.

Iain: Cha robh. Tha mi a' creids' gur e sin a' rud a bh' aca fhèin.

Ailig: Tha mi a' creids' gur e. Is 's ann a bha e feumail.

Iain: 'S ann. 'S ann. Ach sin a' rud a bhithist, a bhiodh na cùbairean a' faighinn.

Ailig: O 's e, 's e. Cha robh guth air, cha robh faighneachd air càil ach a' langa.

Iain: Cha robh.

Ailig: Agus saoilidh sinn co-dhiù, a' coimhead seo an-diugh, mar a tha prìsean an latha an-diugh, gur ann gu math bochd a... o well, even as an latha sin, canaidh mis' gur e pàigheadh, prìs bhochd a bha iad a' faighinn.

Iain: 'S e. Well, tha dà rud ann. Tha a' phrìs cho suarach, 's tha na h-àireamhan a bha iad a' glacadh cho àrd.

Ailig: Tha, an dà rud ann.

Iain: An dà rud ann.

Ailig: Tha.

*Rinn Ailig mearachd leis an àireamh agus bha e airson a cheartachadh. 'S e mìle gu leth langa a fhuair a' Hebridean as an aon chur, is chan e mìle mar a thuirt e as a' phrògram.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.