
Bha cuimhne aig Fionnlagh MacLeòid air a bhith cluinntinn seanchas mu thè à Cros ann a' sgìre Nis a bha rudeigin bochd. 'S e an imideal a bh' aice air a' chrog, duilleag chàil.
Bha creideas aig na seann daoine anns a' chiad bhainne mar gum biodh barrachd mathas as a' bhainne sin na bhiodh ann am bainne àbhaisteach. Bha bonnach iomanach air a dhèanamh leis an ùnns, a' chiad bhainne a thigeadh bhon a' bhoin.
Bha Iain MacIlleathain a' cuimhneachadh air òige fhèin:
"Tha cuimhn agam fhìn nam biodh taigh as a' bhaile as nach biodh bò bhleòghnach agus bainne gu leòr as an dachaigh againn fhìn, dheigheadh do chuir na do bhalach beag suas le botal. 'S e screw top a bhiodh ann, an fheadhainn uaine, no an fheadhainn dhonn.
Agus bha e an uairsin, bha e rudeigin duilich, ged a chuireadh tu bùrn na bhroinn, a' feuchainn ri glanadh a' bhotail.
'S tha cuimhne agam, 's e pìosan beaga de phàipear-naidheachd a bhiodh iad a' cur ann agus rud beag bùrn, 's ga chrathadh 's ga chrathadh. Agus bha an uairsin na pìosan beaga paipear-naidheachd a bha sin a' glanadh broinn a' bhotail.
Ach bhiodh e uaireannan glè dhuilich na pìosan beaga, an fheadhainn bho dheireadh dhe na pìosan beaga pàipear a bha siud, fhaighinn a-mach às a' bhotal."

Bha Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, Uibhist a Tuath agus an t-Òban ag ràdh gur e caolais a bha aca air a' chrodh beag, dubh, coltach ris a' chrodh Ghàidhealach, agus gur e Kyloes a bh' aca orra ann am Beurla.
Bha Lachaidh MacGillÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, ag innse nuair a bhiodh an crodh a' sabaid gun canadh iad gu robh iad a' toirt sad dha chèile. Bhiodh iad ag obair len cinn, 's a' bualadh a chèile gu goirt. Bha e ag ràdh gum biodh iad a' cur cnagan air na h-adhaircean aca dìreach airson 's nach biodh tolladh air a dhèanamh le na h-adhaircean a bha cho fìor bhiorach. 'S ann air taobh a-staigh a' bheathaich a bha tolladh a' dèanamh an cron.
Bha co-dhiù dà sheòrsa loinid ann, tè le crois air a bonn agus tèile le fiodh cruinn agus tuill ann.
Bha Latha Fhèill Cheasaig air 21 Màrt.
Thigeadh trasg a mhaireadh ro fhada gu tinneas.
Bhite ag ràdh "Thug i amhrain oirre!" nuair a bhite a' bruidhinn air crodh dubh a' sabaid agus a' gabhail dha chèile.
Bho Fhionnlagh MacLeòid, Nis agus Siabost
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.