Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Iuchar 2009

Glas agus gorm

Eich

Thug còmhradh mu eich Fionnlagh MacLeòid, Iain MacIlleathain agus Flòraidh NicIlleathain gu beachdachadh air dathan glas agus gorm.

Fionnlagh: A' bruidhinn air eich a bhith fiadhaich 's mar siud, bha aon rud ann a bha annasach an cois nan eich, agus 's e sin an caoch.

Agus chunnaic mi-fhìn aon each a' gabhail caoch, agus a' gabhail a' chaoich agus duine as a' chairt a-muigh aig Seilistobhtar, a-mach bho Sgiogarstaigh.

Agus 's e rud goiriseachail a bh' ann. Bha a' chairt cha mhòr ga crathadh às a' chèile agus an duine a bh' innte air a shadadh agus 's e fuaimean no rudeigin mar sin, fuaim càr no fuaim aeroplane, rudeigin a chuireadh briosgadh air an each.

'S bha an caoch a' tighinn air. Faca tusa each le caoch a-riamh?

Iain: Chan fhaca. Ach bha Seòras a' bruidhinn air a' sin. Bha mi a' feuchainn ri dèanamh an àrda m' inntinn a' robh cuid a dh'eich na bu bhuailtich dha, agus a' bruidhinn ri Seòras, tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu robh e-fhèin a' dèanamh dheth gu robh.

Agus gu robh e a' tighinn gu dè mar a bha am beathach air a làimhseachadh 's ma bha am beathach frionasach ri linn a' làimhseachadh a bha e a' faighinn bhon an duine a bhiodh ag obair leis, agus bha e ag innse gu feumadh iad a bhith air leth faiceallach uaireannan, tha, a' toirt beathach às a' chairt.

Tha, nam biodh beathach dhan t-seòrsa sin ann, gu faodadh e biorgadh a thoirt às is falbh 's pàirt dhan an uidheam fhathast ceangailte ris a' chairt 's gu robh aon rud an uairsin, sin ga chuir troimh-a-chèile 's gu robh e a' falbh leis a' chaoich.

Fionnlagh: Ach faidhear mar a rinn sibh leis a' chrodh, bha sibh a' bruidhinn air a' chrodh Ghàidhealach, an crodh beag dubh a bh' ann an toiseach, 's mar a thàinig Ayrshires.

Bhiodh e math cuideachd bruidhinn air, nuair a tha sinn a' bruidhinn air eich tha mi cinnteach gur ann air eich na bu mhotha a bha Seòras a' bruidhinn, cha b' e Clydesdales ach feadhainn eile a thòisich a' tighinn a-steach.

Agus a' robh eòlas fhathast, 's a bheil, aig daoine air na lothagan, nuair a bha lothagan beaga an Taobh Siar ann mus do dh'fhalbh iad 's mar sin. Eil fhios agad mar a bha mi ag ràdh air a' Ghàidhealtachd, 's breeds eadar-dhealaichte, agus dè an gnè eich a bha ann a' sin, dè an nàdar a bh' annta.

Iain: Well, abair sin. Ach, facal a thàinig a-steach orm fhìn nuair a bha e a' bruidhinn ann a' shiud air mar a bhiodh na h-eich a' sabaid, "Aghaidh tairbh agus tòn eich," gur e sin na pàirtean bu chunnartaich.

Ma bha an tarbh a' dol ga do bhualadh, 's ann le adhaircean, agus an t-each le chasan.

Fionnlagh: Chuala mi "Làir chaol-chasach agus each bonnacharach."

Agus 's e each, chan e àigeach, a tha e a' cleachdadh idir. Agus sin mar a tha a' seanfhacal sin, 's e each a tha air an each fhireann.

Iain: 'S e.

Fionnlagh: A' bruidhinn air àigeach mar a chanadh iad, bha cuideachd, tha, nuair a bhiodh na làir, eil fhios agad nuair a bhiodh àigeach a' tighinn thuca, an dìolachd orra, 's bha àm ann a bhiodh duine a' tighinn le àigeach 's cha do rinn mi a-mach a-riamh ciamar a bha sin ag obair.

A robh an dìolachd a' tighinn air an làir ri linn an àigeach a bhith as a' bhaile, chan eil rian às gu robh, ach chan eil mi cinnteach mas ann dìreach a' tighinn air turas a bha an t-àigeach ciamar a-rèiste a bha an dìolachd a' tighinn air na làir gu lèir.

'S tha a-rithist an ùine a tha aiseid bheathaichean eadar-dhealaichte, gu bheil an t-each a' toirt suas ris a' bhliadhna, a' làir.

Iain: Well, chan urrainn dhomh do cheist a fhreagairt. Ach facal no dhà eile a thàinig a-steach orm an cois a' rud, each, agus 's dòcha gur e thu fhèin a thog dathan bho chionn mìos air ais, each gorm, 's e each glas air am biodh dath glas, dapple grey, eil fhios agad a bhiodh a' sin ach sin mar a chuireadh iad e.

'S each seabhan, each a bhiodh a' falbh, a' faondradh air falbh. Sin a chanadh iad ris. Ach aon eile a fhuair mi a-steach, 's e sin each fodair. Agus cha robh gnothaich sam bith aige ri each.

Each fodair, mar a thuig mi, agus 's ann nuair a bha thu fhèin a' bruidhinn air "Ith fodar!" a thàinig e gu m' aire.

Each fodair, 's e facal nach robh ro choibhneil a chleachdadh tu mu dheidhinn duine nach robh ro shnog no ro choibhneil e fhèin.

Flòraidh: Sin agad e.

Iain: Each fodair. Dh'èigheadh tu sin air.

Fionnlagh: Dh'ainmich thu ann a' shiud dathan. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil rud annasach ann cuideachd. Chan eil fhios agamsa an canadh daoine each geal ach saoilidh mi nach canadh, gur e bàn.

An aon dòigh 's nach canadh iad feur uaine no fochann uaine co-dhiù. Bha e dualtach a bhith gorm.

'S chan eil fhios agam a robh a' seagh sin air a chleachdadh airson rudan a bha beò, gun canadh tu nighean bhàn 's balach bàn is each bàn. Chan eil mi cinnteach a robh bàn is gorm san t-seagh sin.

'S chan eil fhios agam, dè chanadh sibhse a-nis, bhon tha an dòigh a tha sibhse a' cleachdadh gorm is liath, tha e eadar-dhealaichte tro na h-eileanan. Mu dheas glè thric 's e a' rud ris an can sinne gorm, tha, 's docha gun canadh tusa liath. Ach cha chanadh tu fochann liath?

Flòraidh: Cha chanadh. Chanainn fochann, tha mi cinnteach gun canainn gu robh e uaine. Chanadh.

Fionnlagh: Dè chanadh do sheanmhair?

Flòraidh: Och, tha mi a' smaoineachadh gun canadh i uaine cuideachd. Ach tha e annasach, chuala mi gu math tric a' cleachdadh gorm airson feur cuideachd, fhios agad. Bha na dhà ann, 's chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil càil ceàrr air a h-aon aca a chleachdadh.

Fionnlagh: O mo chreach-sa, chan eil.

Flòraidh: Ach a' bruidhinn air na h-eich is rudan annasach, tha cuimhne agam fhìn a bhith a' cluinntinn, tha fhios agad, a' bruidhinn air droch chomharran is rudan. Aon de na rudan nach robh daoine ag iarraidh a bhith aca am broinn an taighe, 's e ìomhaigh de dh'each. Fhios agad, cha robh iad a' faicinn gur e rud, fhios agad, gun tigeadh deagh fhortan do rathad air a shàillibh.

Fionnlagh: Well, a' dol air ais gu na treubhan Gàidhealach bha gach treubh air a cheangal ri beathach a choireigin 's bha treubh air a cheangal ris an each 's treubh air a cheangal ris an fhiadh.

Flòraidh: 'S fear eile, dìreach bhon tha sinn aig a' sin, ròn cuideachd. Cha bhiodh duine a' miannachadh gum biodh ìomhaigh de ròn aca am broinn an taighe nas motha, 's chan eil a h-aon aca agam.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.