Là math eile dhan Bhaile Ùr is Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 07:36 TSB 18 An Cèitean
Na tadhail bhon gheama eadar am Baile Ùr is Ceann Loch Seile
Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach air a' chòrr ann am Prìomh Lìog nam fear san iomain às dèidh dhaibh ri chèile buannachadh gu cofhurtail air an deireadh-sheachdain.
Rinn am Baile Ùr a' chùis 3-0 air Ceann Loch Seile aig Rèaraig is na tadhail a' tighinn bho Brodie MacBheathain is dà bhuille-peanais bho Steafan Dòmhnallach.
Tha am Baile Ùr a-nis air ochd a-mach à ochd a bhuannachadh san lìog is iad ann an suidheachadh làidir.
Tha Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna àite is iadsan air droinneadh uabhasach a thoirt air Caol Bhòid 17-0.
Chuir Ruairidh MacAnndrais 5, Roddy Young 4, Dylan Borthwick is Savio Genini ri chèile 3 is thàinig na tadhail eile a' tighinn bho Thòmas Borthwick is Zander Michie.
Ged 's e sgioba lag a bh' aig Caol Bhòid air an là bidh na h-uimhir de cheistean ann air ciamar dìreach a chaill iad san dòigh seo.
Thuit Camanachd an Òbain nas fhaide air dheireadh air fuamhairean Bhàideanach nuair a chaidh an cumail 0-0 le Camanachd an Eilein Sgitheanaich.
'S e a' chiad phuing den t-seusan a bh' ann dha na Sgitheanaich is togail dhaibhsan às dèidh do Choinneach MacLeòid seasamh sìos mar mhanaidsear an t-seachdain seo chaidh.
'S e puing an urra a bh' ann cuideachd eadar Loch Abar is An Gearasdan is iad a' crìochnachadh 2-2, is thog Cabar Fèidh na puingean 4-0 sa gheama acasan an aghaidh Chaol-Gleann.
Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là aig na Leòdhasaich is iad air a' chùis a dhèanamh air Oilthigh Obar Dheathain le tadhal bho Lewis MacLeòid.
Ann an iomain nam ban leig Bàideanach puing às 'son a' chiad turas am-bliadhna is iad a' crìochnachadh 2-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh.
Chuir Sarah Yoxon na h-eileanaich air thoiseach dà thuras ach fhuair Hope Borthwick na tadhail air ais a ghlèidh puing dha Bàideanach.
Tha seo gam fàgail fhathast ceithir puingean air thoiseach aig mullach na lìge.
















