Cupa na Camanachd a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 13:59 TSB 1 An Cèitean

Tòisichidh Cupa na Camanachd Disathairne is ceithir geamaichean ann sa chiad chuairt.
Tha Gleann Urchadain, a tha aig mullach na Lìge Nàiseanta, air falbh an aghaidh Chill Mhàilidh, sgioba a rinn glè mhath an t-seachdain seo chaidh le buaidh 4-0 an aghaidh GMA.
Tha GMA fhèin troimhe an Cupa na Camanachd gun ball a bhualadh is Srath Ghlais air tarraing a-mach às an fharpais.
Tha geama eile eadar dà sgioba san Lìog Nàiseanta Disathairne is Inbhir Aora a' siubhal gu Baile Bhòid.
Bidh sgioba Loch Fìne airson togail air mar a bhuannaich iad 6-3 an aghaidh Chaoil Bhòid an t-seachdain sa chaidh.
San dà gheama eile bidh Inbhir Nis an aghaidh Lòbhat aig a' Bhucht is bidh Àird nam Murchan ag amas air Ceiltich an Òbain a chur a-mach às' a chupa.
Sa Phrìomh Lìog bidh Baile Ùr an t-Slèibh airson an suidheachadh aca aig a' mhullach a neartachadh is iad a' cur fàilte air Cabar Fèidh.
Air an tòir tha Ceann a' Ghiùthsaich. Nì iadsan an rathad fada a Chomhghall Disathairne 'son a' chiad gheama lìge aca riamh an aghaidh Caol-Glean.
Dìreach sìos an rathad ann an Taigh na Bruaich bidh Caol Bhòid a' cur fàilte air Ceann Loch Seile.
San dà gheama eile bidh na Sgitheanaich an aghaidh Loch Abair ann am Port Rìgh is iad ag amas air puingean gus an togail suas an lìge, is an Gearasdan an aghaidh Camanachd an Òbain.
'S e là mòr a bhios ann ann an Siabost is Camanachd Leòdhais a' cluich aig an taigh 'son a' chiad turas air an t-seusan.
Tha coltas air leth air a' gheama cuideachd is Loch Abar - tha an-dràsta san dàrna àite air cùl nan Leòdhasach ann an Lìog Tuath 2 - a' tighinn a chèildh.
Ann an iomain nam ban tha Loch Abar a' dol an aghaidh Chinn Loch Seile aig Rèaraig is iad an dòchas togail air mar a rinn iad a' chùis 6-0 air Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh.
Bidh e doirbh is Ceann Loch Seile gun geama a chall fhathast am-bliadhna.
San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog bidh na Sgitheanaich an aghaidh Inbhir Nis is Bàideanach an aghaidh Ghlinn Urchadain.
Bidh an geama eadar na Sgitheanaich is Inbhir Nis ann Disathairne is an dà gheama eile ann Didòmhnaich.














