Là mòr an iomain nam banair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 22 An Lùnastal 2025
'S e Didòmhnaich an là mòr ann an iomain nam ban is an dà sgioba aig mullach na Prìomh Lìge a' coinneachadh sa gheama mu dheireadh.
Chan eil Bàideanach feumach ach air puing an aghaidh Loch Abair gus grèim a chumail air an tiotal.
Ma nì na h-Abraich a' chùis ge-tà, crìochnaichidh an dà sgioba co-ionnan air 20 puing is bhiodh feum air geama play-off.
'S e geama gu math faisg a bh' ann nuair a chluich iad san lìg nas tràithe air an t-seusan is Loch Abar a' soirbheachadh 3-2 ann an Drochaid an Aonachain.
'S e sin an aona gheama a chaill Bàideanach thuige seo.
Tòisichichidh an geama Didòmhnaich aig an Dell aig 2f.
Coinnichidh na sgiobaidhean co-dhiù aon turas eile air an t-seusan seo ge-tà, is iad gus a dhol an aghaidh a chèile ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil ann am Baile Ùr an t-Slèibh ann an cola-deug.
'S iad Loch Abar a tha a' dìon a' chupa is iad air a' chùis a dhèanamh air Bàideanach 1-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh.





