Spòrs

Latest updates

  1. "Dè na prìomhachasan a th' aig Travis Kelce am-bliadhna?"air fhoillseachadh aig 12:03 TSB 4 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dòmhnall Angaidh Moireasdan, Sean MacLeòid agus Colin George Moireasdan le sùil air adhart gu seusan ùr an NFL.

  2. Deagh oidhche do Chabersair fhoillseachadh aig 09:03 TSB 4 An t-Sultain 2025

    Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile

    Dh'èirich Cabar Fèidh os cionn Chinn Loch Seile ann am Prìomh Lìog na h-iomain às dèidh a' chùis a dhèanamh orra 4-0 oidhche Chiadain.

    Chuir Blair Moireasdan Cabers air thoiseach tràth sa gheama aig Caisteal Leòid ach bha glè bheag eadar na sgiobaidhean tron chiad leth is Ceann Loch Seile 's dòcha le barrachd chothroman.

    Ghabh Cabar Fèidh smachd air cùisean tràth san dàrna leth is Caoimhin Bartlett a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh dha Blair Moireasdan loidhne dìon Chinn Loch Seile fhosgladh gu sgileil.

    Bha an geama gu ìre mhòir seachad nuair a chuir Liam Symonds tadhal sgiobalta eile do Chabar Fèidh.

    Thàinig an ceathramh tadhal anns na mionaidean mu dheireadh agus 's e urchair a bh' ann bho chaman Blair Mhoireasdain.

    'S e dòigh gu math iomchaidh a bha sin air crìoch a chur air oidhche nuair a chuir am Moireasdanach taisbeanadh de shàr-iomain air adhart.

    Tha Cabar Fèidh san t-siathamh àite san lìog, aon àite os cionn Chinn Loch Seile, is aona gheama air fhàgail aig an dà sgioba.

  3. "Bha fear le eòlas a dhìth"air fhoillseachadh aig 16:45 TSB 3 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha fear de luchd-taic Ross County, Calum MacConnell, gu math riaraichte leis a' cho-dhùnadh Tony Docherty fhastadh mar mhanaidsear ùr na sgìoba.

    Tòisichidh linn Docherty le geama an aghaidh Obar Bhròthaig.

  4. Docherty aig an stiùir an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 10:37 TSB 3 An t-Sultain 2025

    Tony DochertyTùs an deilbh, SNS

    Chaidh Tony Docherty ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County.

    Bha an obair bàn às dèidh do Don Cowie na Staggies fhàgail aig deireadh an Lùnastail.

    Tha an cluba air droch thoiseach-tòiseachaidh a dhèanamh san Championship air an t-seusan seo às dèidh dhaibh a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog sa Chèitean.

    Bha Tony Docherty na mhanaidsear air Dùn Dè fad dà bhliadhna mus do chaill e a dhreuchd sa Chèitean.

    Bha e ron sin air a bhith na leas-mhanaidsear dha Derek MacAonghais aig grunn sgiobaidhean.

    Thuirt County gu bheil iad "air an dòigh" Docherty fhastadh.

    "Tha eòlas mòr aig Tony agus tha sinn cuideachd air an aon ràmh a thaobh cultar a' chluba seo is na planaichean againn san ùine fhada," thuirt Àrd-oifigear Ross County, Steven Ferguson.

    "Tha e gu mòr 'son a bhith na phàirt den chluba agus den choimhearsnachd agus tha sin a' toirt dhuinn misneachd mhòir is sinn 'son tilleadh dhan Phrìomh Lìog."

    Thug an cluba cuideachd taing dha Iain Robasdan a bha na mhanaidsear eadar-amail bho dh'fhàg Don Cowie.

    Chan eil e soilleir aig an ìre seo am bi Robasdan a' fuireach aig County.

  5. Tadhail gu leòr an Lìog Leòdhaisair fhoillseachadh aig 11:54 TSB 2 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha tadhail gu leòr san dà gheama ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain.

    Bha cùisean gu math cofhurtail dhan Rubha a rinn a' chùis air Càrlabhagh 5-0, taobh a-muigh aig Cnoc a' Choillich.

    Fhuair Aonghas Dòmhnallach trì dha na Rubhaich is Alfie MacMhaolain is Màrtainn Dòmhnallach cuideachd air an targaid.

    'S e geama gu math nas fhaisge a bh' ann aig a' Chreagan Dubh eadar na Lochan is Nis.

    Bha na sgiobaidhean co-ionnan às dèidh 90 mionaidean is na Nisich an uairsin a' smaointinn gun robh iad air an geama a bhuannachadh nuair a chuir Matthew MacÌomhair am ball dhan lìon.

    Ach le dìreach dìogan air fhàgail fhuair Na Lochan breab-peanais is chuir Ali 'Barbie' Dòmhnallach an tadhal a dh'fhàg an geama co-ionnan 3-3 air a' cheann thall.

  6. "'S e teaghlach mòr a th' anns an sgioba seo"air fhoillseachadh aig 15:12 TSB 1 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Dòmhnall MacLaomainn agus Pòl Diùc, dithis a th' air a bhith an lùib Camanachd Leòdhais fad nam bliadhnaichean aca san lìog, air an geama mu dheireadh aca a chluich.

    Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air adhart ri cothrom a thoirt dhan òigridh.

  7. Play-off a dhìth ann an Lìog Uibhist is Bharraighair fhoillseachadh aig 12:48 TSB 1 An t-Sultain 2025

    Tha feum air geama a bharrachd airson dearbhadh cò bhuannaicheas Lìog Uibhist is Bharraigh às dèidh do Saints an Iochdair agus Barraigh crìochnachadh co-ionnann air an aon àireamh phuingean.

    'S ann mar sin a bha iad a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh dhen t-seusan Disathairne agus cha ghabhadh an sgarradh an sin nas motha is iad a' crìochnachadh 5-5 ann an geama iogantach aig pàirce an Eilein Duirche.

    Bha smachd aig Saints air a' gheama tràth is dh'fhàg dà thadhal bho Anthony MacAonghais agus aon bho Iain Dòmhnallach iad trì air thoiseach às dèidh 21 mhionaid.

    Thill Barraigh gu làidir le dà thadhal dhaibh fhèin ro leth-ùine bho Sean MacNèill agus breab-peanais bho Steven Davidson.

    Ghluais Saints nas fhaide air thoiseach tràth san dàrna leth ach fhreagair na Barraich tro Niall Sinclair airson a' bheàrn a dhùnadh gu aon tadhal a-rithist.

    Agus fhuair Sinclair Barraigh co-ionnann goirid às dèidh sin gam fàgail aig 4-4.

    Cha do mhair sin fada ge-tà, le Aonghas Caimbeul a' cur na Saints 5-4 air thoiseach mus d' fhuair Barraigh tadhal le nas lugha na deich mionaidean ri dhol a' ciallachadh gu bheil feum air geama playoff airson an tiotal a dhearbhadh.

    Tha dùil gun tèid an geama sin a chluich air an 20mh den t-Sultain.

    Coinnichidh an dà sgioba cuideachd ann an cuairt dheireannnach Cupa Billy McNeill air an 13mh den t-Sultain.

  8. Èist ri Spòrs na Seachdain còmhla ri Alasdair MacIllinneinair fhoillseachadh aig 11:54 TSB 30 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Alasdair MacIllinnein

    Tha ball-coise na h-Alba fon phrosbaig, Celtic, Rangers, Obar Dheathain agus Hibs uile a' fulang san Roinn Eòrpa tron t-seachdain.

    Cuideachd, rugbaidh is sgioba nam ban aig Alba a' feuchainn a-rithist aig Cupa na Cruinne agus iomain.

  9. Saints an aghaidh Bharraigh airson tiotal na lìgeair fhoillseachadh aig 17:00 TSB 29 An Lùnastal 2025

    Sgioba BharraighTùs an deilbh, Barra FC
    Fo-thiotal an deilbh,

    Barraigh a' buannachadh na lìge an-uiridh airson a' cheathraimh turas ann an sreath

    Cluichidh Saints an Iochdair an aghaidh Bharraigh Disathairne anns a' gheam mu dheireadh de sheusan Lìog Uibhist is Bharraigh.

    Leis an dà sgioba co-ionnan aig a' mhullach tha e a' ciallachadh gun tog an sgioba a bhuannaicheas an geam tiotal na lìge.

    Ach, ma chrìochnaicheas iad co-ionnan thèid geam a bharrachd a chumail eadar an dà sgioba airson dearbhadh cò gheibh an duais.

    Chaidh an geam Disathairne aig Pàirce an Eilein Duirche a thoirt air adhart bho 13:30f gu 11:00m air sgàth dhroch shìde ris a bheil dùil.

    Thuirt manaidsear Saints, Joe MacNèill: "Tha sinn uile a' coimhead air adhart ris a' gheam.

    "Cothrom air leth a th' ann airson an lìog a bhuannachadh gun geam a chall.

    "Tha na balaich air obair mhòr a dhèanamh airson an ìre seo a ruighinn. Ceum mòr a th' ann bhon àm seo an-uiridh.

    "Tha an sguad againn cho làidir is a ghabhas airson a' gheam as cudromaiche den t-seusan is iad uile deiseil airson a' bhlàir an aghaidh nam Barrach", thuirt e.

    Tha Barraigh mar-thà air Cupa Staileadairean Bharraigh agus Cupa an t-Samhraidh a thogail air an t-seusan sa.

    Geam mòr

    Thuirt manaidsear Bharraigh, Màrtainn Mac a' Phì: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine ag iarraidh an geam seo fhaighinn seachad.

    "Geam mòr a th' ann agus le geamaichean mar seo tha a h-uile duine ag iarraidh cluich. 'S e deagh rud a tha sin gu bheil farpais ann.

    "Tha an sgioba againn beagan nas lugha na tha Saints an Iochdair.

    "Tha iad uabhasach math anns an adhar. Bidh sinne a' cluich barrachd air a' ghrunnd so feumaidh sinn a bhith faiceallach mu dheidhinn a' toirt air falbh breaban-saor agus cornairean".

    'S ged a dh'fhaodadh geam a bharrachd a bhith a dhìth, tha Màrtainn den bheachd gun tèid a' chùis a dhearbhadh Disathairne.

    "Tha mise a' smaoineachadh gum buannaich cuideigin Disathairne agus gum bi cuideigin a' togail a' chupa às dèidh a' gheam seo."

    Thèid Saints agus Barraigh an aghaidh a chèile a-rithist ann an cuairt dheireannach Chupa Billy McNeill air an 13mh den t-Sultain aig Pàirce an Eilein Duirche.

  10. Oidhche dhoirbh air thoiseach air Obar Dheathainair fhoillseachadh aig 13:16 TSB 28 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan eil sgiobaidhean na h-Alba air soirbheachadh san Roinn Eòrpa an t-seachdain le Celtic agus Rangers a' dol a-mach à Lìog na h-Eòrpa.

    A-nochd tha cothrom aig Obar Dheathain agus Hibs faighinn troimhe ann an Lìog Europa agus an Lìog Conference.

    Bha Obar Dheathain co-ionnan an t-seachdain seo chaidh le FCSB 2-2 agus tha luchd-taic na sgioba an dùil ri geam torr nas doirbhe ann an Romàinia.

  11. Spòrscast: Iomainair fhoillseachadh aig 12:48 TSB 28 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill is Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air saoghal na h-iomain agus deireadh an t-seusain air fàire.

    Gheibh sibh cothrom èisteachd gu h-àrd.

  12. Na Hearadh ann an cuairt dheireannach Cupa Mholdòbha Leòdhaisair fhoillseachadh aig 20:45 TSB 27 An Lùnastal 2025

    Rinn na Hearadh a' chùis air an Taobh Siar ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Mholdòbha Leòdhais oidhche Chiadain.

    Thàinig Na Hearaich am bàrr 2-1 aig Pàirce Ralaidh air an Tairbeart.

    Thèid iad a-niste an aghaidh An Rubha anns a' chuairt dheireannaich a thèid a chumail air an 6mh den t-Sultain.

    Fhuair na Rubhaich troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac, 5-1, ann an Col Uarach oidhche Luain.

  13. Saints troimhe ann an Cupa Billy McNeillair fhoillseachadh aig 16:57 TSB 27 An Lùnastal 2025

    Rinn Saints an Iochdair a' chùis air Èirisgeigh airson faighinn troimhe gu cuairt dheireannach Cupa Billy McNeill.

    Ann an geam a bha làn thadhal oidhche Mhàirt thàinig Saints am bàrr 8-5.

    Fhuair DJ Peutan, Anthony MacAonghais agus Iain Dòmhnallach dà thadhal an duine, le Alasdair Mac a' Phì agus Dòmhnall MacEanraig a' faighinn nan tadhal eile.

    Thèid Saints a-niste an aghaidh Bharraigh sa chuairt dheireannaich aig Pàirce an Eilein Duirche air an 13mh den t-Sultain.

    Tha geam mòr eile ann eadar Saints agus Barraigh Disathairne seo tighinn airson dearbhadh cò bhuannaicheas Lìog Uibhist is Bharraigh.

    Tha an dà sgioba air an aon àireamh phuingean aig mullach na lìge agus ma chrìochnaicheas iad co-ionnan Disathairne thèid geam playoff a chumail.

  14. Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' togail Chupa Chlann Dòmhnaillair fhoillseachadh aig 10:36 TSB 27 An Lùnastal 2025

    'S iad sgioba Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a bhuannaich Cupa Chlann Dòmhnaill air an t-seusan sa.

    Rinn iad a' chùis air Port Rìgh 4-2 oidhche Mhàirt a' ciallachadh nach gabh an glacadh aig mullach na buidhne.

    Fhuair Gus Dòmhnallach hat-trick dhan Iar Thuath le Lewis MacLeòid a' faighinn an tadhal eile dhaibh.

    Sa bhuidhean a dhearbhas cò bhuannaicheas an lìog, thèid Slèite is an t-Srath an aghaidh a' Ghearasdain oidhche Haoine.

    Bidh sgioba Shlèite ag amas air a' bheàrn eadar iad fhèin agus Malaig aig a' mhullach a dhùnadh gu aon phuing agus an dà sgioba sin gu bhith a' cluich a chèile sa gheama mu dheireadh den t-seusan.

  15. Robasdan manaidsear eadar-amail Ross Countyair fhoillseachadh aig 13:03 TSB 26 An Lùnastal 2025

    Iain RobasdanTùs an deilbh, SNS

    Chaidh Iain Robasdan ainmeachadh mar mhanaidsear eadar-amail Ross County às dèidh dha Don Cowie a dhreuchd fhàgail.

    Às dèidh falbh Là na Sàbaid, thuirt Cowie gun do dh'aontaich e fhèin agus am bòrd-stiùiridh gun robh sin a chum maith a' chluba.

    Chan eil County ach air aon phuing a thogail bho na ciad trì geamaichean aca san Championship, gam fàgail aig bonn na lìge.

    Bha Robasdan air a bhith mar phàirt de sgioba coidsidh Cowie às dèidh dha tilleadh chun a' chluba na bu thràithe am-bliadhna.

    Bha Robasdan roimhe mar mhanaidsear air County ann an 2005 agus tha Caley Thistle Inbhir Nis, Hearts, Baile Dhun Lèibhe am measg nan sgiobaidhean eile ris an robh e an urra.

    A' sgrìobhadh air X, thuirt Ross County gur e Robasdan a bhios ag ullachadh na sgioba airson a' gheama aca an aghaidh Dhun Phàrlain Disathairne san Championship.

  16. An Rubha troimhe gu cuairt dheireannach Cupa Mholdòbhaair fhoillseachadh aig 10:45 TSB 26 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thug An Rubha droinneadh, 5-1, dhan a' Bhac ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Mholdòbha oidhche Luain.

    'S e tomhas de dhìoghaltas a bh' ann do na Rubhaich às dèidh dhaibh call ris a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa MAL Civils air an deireadh-sheachdain.

    Fhuair DJ Clinton dà thadhal dhaibh, le Aonghas Dòmhnallach, Steven Dunn agus Josh Mac a' Ghobhainn a' faighinn a' chòrr.

    Thèid Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar san iar-chuairt dheireannaich eile Diciadain aig Pàirce Ralaidh air an Tairbeart.

    Bidh cuairt dheireannach Cupa Mholdòbha ann air an 6mh den t-Sultain.

  17. Cò an ath-mhanaidsear a bhios aig Ross County?air fhoillseachadh aig 11:52 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Ross County a' sireadh mhanaidsear ùr às dèidh dha Don Cowie a dhreuchd fhàgail air an deireadh-sheachdain.

    Chaill iad ri Partick Thistle Disathairne gam fàgail aig bonn an Championship le dìreach aon phuing às dèidh na ciad trì geamaichean.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thog fear de luchd-taic County, Calum MacConaill, air cuid dhe na h-ainmean a dh'fhaodadh àite Cowie a ghabhail.

  18. Loch Abar is Bàideanach gus cluich a-rithist airson tiotal na Prìomh Lìgeair fhoillseachadh aig 09:14 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Loch AbarTùs an deilbh, Cluba Camanachd Loch Abair

    Tha feum air geama play-off 'son dearbhadh cò bhuannaicheas a' Phrìomh Lìog ann an iomain nam ban.

    Tha sin às dèidh do Loch Abar an gnothach a dhèanamh air Bàideanach 2-1 aig an Dell Didòmhnaich.

    Thàinig tadhail Loch Abair bho Natalie NicDhòmhnaill is Missy Howie le Megan Ralph a' freagairt do Bhàideanach.

    B' e seo an dàrna turas a rinn na h-Abraich a' chùis air Bàideanach san lìog is tha e a' ciallachadh gu bheil na sgiobaidhean air an lìog a chrìochnachadh co-ionnan air 20 puing.

    Bidh feum a-nise air geama play-off eatorra gus dearbhadh cò gheibh an tiotal is cha deach ceann-là a stèidheachadh airson a' gheama sin fhathast.

    A thuilleadh air a' phlay-off bidh na sgiobaidhean cuideachd a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.

    Bidh sin ann air an 6mh den t-Sultain ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

  19. Thuirt Cowie gur ann a chùm maith Ross County a tha e gam fàgail air fhoillseachadh aig 08:44 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Ross Cowie Tùs an deilbh, SNS

    Dh'fhàg Don Cowie a dhreuchd mar mhanaidsear Ross County agus thuirt e gun do dh'aontaich e fhèin agus am bòrd gur e an rud a b' fheàrr dhan chluba.

    Chan eil County, a chaidh a chur às a' Phrìomh Lìg an dèidh play off le Baile Dhùn Lèibhe sa Chèitean, air geama a bhuannachadh san lìog air an t-seusan seo is chaill iad ri Partick Thistle Disathairne.

    B' e sin a dh'fhàg gun do dh'fhalbh Cowie, a chaidh na mhanaidsear bho chionn beagan agus bliadhna, an dèidh dha a bhith aig an stiùir gu h-eadar-amail ron sin.

    "Gu mì-fhortanach, cha do thòisich an seusan Championshiop aig an ìre ris an robh dùil againn," thuirt e.

    "An dèidh chòmhraidhean leis a' bhòrd, tha sinn uile air aontachadh gur e an rud as fheàrr dhan chluba ma dh'fhalbhas mi.

    "Tha mi a' creidsinn gu bheil na cluicheadairean comasach air faighinn air ais dhan Phrìomh Lìg agus tha mi a' guidhe orra gach soirbheachais airson an t-seusain a tha romhainn."

    Tha County ag ràdh gun tòisich iad a' coimhead airson manaidsear ùr cho luath sa ghabhas agus gun innis iad cò an sgioba còidsidh ùr a bhios ann fhathast.

    "'S e fòcas a h-uile duine aig a' chluba gum faigh sinn air ais dhan Phrìomh Lìg," thuirt an t-àrd-oifigear, Steven Fearghasdan.

  20. Am Bac a' buannachadh Cupa MAL Civilsair fhoillseachadh aig 18:46 TSB 24 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Am Bac a' togail Cupa MAL Civils. Dealbhan bho Island Footie.

    Bhuannaich Am Bac 4-3 an aghaidh An Rubha ann an cuairt dheireannach Cupa MAL Civils aig Pàirce Chnoc nan Gobhar oidhche Shathairne.

    'S e seo an cupa do sgiobaidhean nan Eilean Siar air fad, a b' àbhaist a bhith aithnichte mar Cupa a' Cho-op.

    Bha cùisean teann sa chiad leth agus Am Bac a' dol a-steach aig leth-ùine 1-0 air thoiseach.

    Fhuair iad tadhal tràth san dàrna leth cuideachd agus ged a fhuair Aonghas Dòmhnallach fear air ais dhan Rubha, chuir Louie Dòmhnallach agus Connor MacAoidh Am Bac 4-1 air thoiseach.

    Dhùin an Rubha a' bheàrn faisg air deireadh a' gheam às dèidh bhreab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn agus tadhal bho Rob Jones ach fhuair Am Bac air fuireach air thoiseach airson tighinn am bàrr.

  21. Ceann a' Ghiùthsaich a' togail Cupa MhicAmhlaighair fhoillseachadh aig 17:27 TSB 23 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich Cupa MhicAmhlaigh 'son a' cheathraimh turas ann an còig bliadhna is iad a' deanamh a' chuis air Camanachd an Òbain 1-0.

    Tha sgeul a' gheama aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

  22. Batal na h-iomain an Cupa MhicAmhlaigh?air fhoillseachadh aig 18:05 TSB 22 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Coinnichidh Camanachd an Òbain agus Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh a-màireach.

    Seo an ceathramh bliadhna ann an sreath a tha an dà sgioba air coinneachadh aig an ìre seo den fharpais.

    Tha dùil ri geama teann, mar a tha Javen Houston ag aithris.