Alba a' sireadh ghaisgeach is na Grèigich a' tadhal air Hampden

Bha fìor dhroch oidhche aig Alba an aghaidh nan Grèigeach aig Hampden sa Mhàrt
- Air fhoillseachadh
Tha daoine ann am ball-coise an-còmhnaidh ag ràdh gur e an ath gheama am fear as cudromaiche.
Tha sin dhà-rìribh fìor do sgioba nàiseanta na h-Alba an t-seachdain seo.
Dìreach beagan sheachdainean às dèidh puing a thogail ann an Copenhagen an aghaidh na Danmhairg, agus trì fhaighinn às a' gheama le Belarus, tha sgioba Steve Clarke air ais còmhla, air thoiseach air a' Ghrèig a chluiche oidhche Dhiardaoin agus Belarus feasgar na Sàbaid.
Tha fios gun cuireadh sia puingean eile bhon dà gheama seo na h-Albannaich ceum mòr nas fhaisge air ceann-uidhe nach eilear air ruighinn ann an 27 bliadhna: Cuairtean deireannach Chupa na Cruinne.
Craig Brown – nach maireann – a bha aig an stiùir an turas mu dheireadh a chaidh aig Alba air sin a dhèanamh.
Fear a tha fhathast air a mheasadh mar aon de na coidsichean as fheàrr a-riamh aig an sgioba nàiseanta. A dh'aindeoin mhìosan caochlaideach bho chionn ghoirid, chan eil Steve Clarke fada air dheireadh air ann an iomadh dòigh.
Ruigidh Clarke clach-mhìle shònraichte Diardaoin. Bidh e co-ionnan ri Craig Brown mar a' choidse as fhaide a th' air a bhith aig Alba a thaobh àireamh gheamannan – 71.

Mun àm a bhìos geama Belarus seachad feasgar na Sàbaid – seasaidh e leis fhèin.
A' deanamh coimeas eadar an dithis – ma ghabhas sin dèanamh – chaidh aca le chèile air Alba a thoirt gu dà fharpais mhòr cuideachd.
'S e Andy Roxburgh an aon duine eile a rinn a leithid.
An t-eadar-dhealachadh a th' ann eadar an dithis eile agus Steve Clarke, 's e gun robh iadsan an sàs aig Cupa na Cruinne. Chan eil Clarke air sin a dhèanamh, fhathast.
Dh'fhaodadh gur e seo an cothrom as fheàrr a gheibh e.
A' chiad chnap-starra air am beulaibh, 's e sgioba a thug droinneadh 3-0 air Alba air an dearbh phàirc ann an Lìog nan Nàiseanan sa Mhàrt.
'S beag dùil a bh' aig mòran gun sguabadh an sgioba Ghrèigeach sin Alba an dàrna taobh ann an dòigh cho sìmplidh – gu h-àraidh as dèidh do bhreab-pheanais Scott McTominay a' chiad gheama eatorra a bhuannachadh 1-0 ann am Piraeus.
Bidh na cluicheadairean a bha nan cunnart air an oidhche sin nan cunnart Diardaoin cuideachd.

Christos Tzolis às dèidh dha a' Ghrèig a chur 3-0 air thoiseach aig Hampden sa Mhàrt.
Tha trì tadhail an duine anns na còig geamannan mu dheireadh aig an dà chuid Giannis Konstantelias agus Christos Tzolis – fear an duine aig Hampden nam measg.
Chunnaic sinn bho chionn beagan sheachdainean cho cunnartach 's a dh'fhaodas Tzolis a bhith, às dèidh dha trì tadhail a chruthachadh agus aonan fhaighinn dha fhèin san dà gheama an aghaidh Rangers do Chlub Brugge.
Konstantinos Karetsas an duine eile a fhuair tadhal aig Hampden air an oidhche sin sa Mhàrt. Sin a' chiad turas a thòisich e do sgioba na Grèige agus coltas air gun robh e air a bhith a' cluiche fad bhliadhnaichean.
Aig 17 bliadhna a dh' aois, cluicheadair a th' ann a tha mar-thà air aire mhòran ann am ball-coise na h-Eòrpa a ghlacadh agus cuid ga mheasadh mar an ath rionnag fìor mhòr.
Bha uallach air sgioba na Grèige agus aithrisean ann gun robh e tinn agus gun chomas cluiche aig Hampden, ach tha coltas ann gu bheil e air faighinn seachad air sin – naidheachd nach biodh Steve Clarke airson faighinn.
Leis na cluicheadairean sin – a thuilleadh air Vangelis Pavlidis aig Benfica - aig aghaidh na pàirce, feumaidh loidhne-dìon na h-Alba a bhith air am faiceall – ge bi an e triùir no ceathrar aig a' chùl a chluicheas Steve Clarke.

Gaisgeach òga na Grèige - Konstantinos Karetsas
Gus an rud as fheàrr fhaighinn à sgioba thàlantach, tha feum air coidse eòlach cuideachd – agus tha sin aig na Grèigich ann an Ivan Jovanovic.
'S esan a stiùir Apoel Nicosia gu cairteal cuairtean deireannach an Champions League ann an 2011-12, a thuilleadh air tiotalan a bhuannachadh ann an Cìopras agus anns a' Ghrèig. Le sin, chan eil e na iongnadh gu bheil sgioba na Grèige air fàs nas làidire fo stiùir.
Sin an dùbhlan a tha air thoiseach air Alba ach tha fiù 's feadhainn sa Ghrèig ag aideachadh, ma nochdas sgioba na h-Alba aig an ìre air a bheilear comasach, dh'fhaodadh gum faigh iad làmh an uachdair air a' Ghrèig.
Cha robh Aaron Hickey no Ben Gannon-Doak aig Alba airson a' gheama sin sa Mhàrt, agus tha sinn air faicinn cho cudromach 's a dh'fhaodas iadsan a bhith anns na geamannan a dh'fhalbh.
Tha cuideachd coltas ann gu bheil a leithid Andy Robertson, John McGinn agus Scott McTominay a' cluich aig an ìre air a bheil iad comasach a-rithist às dèidh corra gheama nuair nach robh.

Tha Alba 'son togail air na ceithir puingean a thog iad an aghaidh na Dainmharg is Belarus
Bidh Hampden cudromach cuideachd.
Chan eil sgioba na h-Alba ach air seachd a-mach à 29 geama a chall aig an taigh.
Chan eilear ach air aon gheama a-mach à 18 a chall ann an iomairtean dearbhaidh airson Cupa na Cruinne a ruighinn, ann an sreath a tha a' dol air ais gu 2016.
Bithear an dòchas nach tèid cur ris a sin Diardaoin, agus 's dòcha beagan dìoghaltais fhaighinn airson na thachair aig toiseach na bliadhna.
Nuair a bheir sinn sùil air ais chun a' gheama sin anns a' Mhàrt, tha ceist air gu leòr.
An e sgioba làidir Ghrèigeach, a' cluich aig àrd an comais, a dh'fhàg gun do bhuannaich iad 3-0? An e cho truagh 's a bha Alba an oidhche sin a dh'fhàg an scòr mar a bha e? No measgachadh den dà rud?
Dh'fhaodadh gum faigh sinn freagairtean aig Hampden Diardaoin.
Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 7f.