"Rudeigin fada, fada, fada ceàrr" an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 09:22 GMT 15 An Dùbhlachd 2025
Tùs an deilbh, SNSTha iad fada bho ghàirdeachas ann an Inbhir Pheofharain is ceistean mòra mun t-slighe air adhart do Ross County.
Tha dùil ri barrachd fiosrachaidh bhon chluba às dèidh do Tony Docherty is Callum Davidson an dreuchdan fhàgail is na Staggies aig bonn an Championship is air pronnadh 6-0 fhulang an aghaidh Raith Rovers.
'S iomadh geama Chounty a chunnaic Pàdraig MacAmhlaigh thar nam bliadhnaichean agus 's e a bha dubhach is e a' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal madainn Diluain.
"Tha rudeigin fada, fada, fada ceàrr is chan eil mi idir a' smaoineachadh gur e na cluicheadairean fhèin as coireach, co-dhiù gur iad a-mhàin as coireach.
"Tha rudeigin ceàrr aig ìre nas àirde na sin. Cuid de na cluicheadairean, tha mi a' smaoineachadh nach eil iad ag iarraidh a bhith ann.
"Cò thig a-steach....tha ceist eile cò tha ag iarraidh na h-obrach".












