Kerry Nic a' Phì aig rèis ultra ann am Morocoair fhoillseachadh aig 15:59 GMT 6 An Gearran
15:59 GMT 6 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Kerry Nic a' Phì ann an rèis ultra ann am Moroco
Tha Kerry Nic a' Phì ri rothaireachd-beinne ann an sgìre Atlas de Mhoroco oidhche Haoine far a bheil i gu bhith a' siubhal fad còrr is 800 mìle thairis air nas lugha na seachdain.
Cluinnear tuilleadh bho Kherry air Spòrs na Seachdain Disathairne air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC Sounds
Buaireadh mu iomain òigridhair fhoillseachadh aig 15:13 GMT 6 An Gearran
15:13 GMT 6 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha feadhainn a tha an sàs ann an iomain òigridh anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil cunnart mòr ann gun toir riaghailtean ùra aig Comann na Camanachd droch bhuaidh air an spòrs am measg dhaoine òga.
Bha cead aig sgoiltean beaga roimhe aon sgioba a chur gu farpaisean nuair nach robh robh barrachd na 150 clann air clàr nan sgoiltean sin uile gu lèir.
Tha sin a-nise air a ghearradh gu 80 sgoilear an dà chuid airson farpaisean a-staigh agus am-muigh.
Ged a tha an Comann ag ràdh gu bheil dleasdanas orra siostam a chur an sàs a tha cothromach dhan a h-uile sgìre - thuirt aon choidse às an Eilean Sgitheanach gun nochd an sgioba aige aig na Farpaisean Nàiseanta a-staigh aig deireadh na mìos - riaghailtean ùra ann no às.
Bhruidhinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill ri Keith MacCoinnich bho Sgioba Iomain Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich is Bruce Crawford bho Sgioba Iomain Cheann a Tuath an Eilein Sgitheanaich
Taghadh Chupa an t-Sutharlannaichair fhoillseachadh aig 11:43 GMT 6 An Gearran
11:43 GMT 6 An Gearran
Tha fios a-nise cò bhios a' cluich cò ann an Cupa an t-Sutharlannaich, prìomh fharpais nan dàrna sgiobaidhean ann an iomain nam fear.
An-uiridh 's iad An Gearasdan a bhuannaich an cupa is iad air a' chùis a dhèanamh 6-4 air Ceann Loch Seile ann an geama air leth sa chuairt dheireannaich.
Tha an taghadh am-bliadhna mar a leanas:
A' Chiad Chuairt - 04/04/26
Cabar Fèidh - Inbhir Nis
Ceann Loch Seile - Gleann Urchadain
Cill Mhàilidh - Loch Abar
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Uddingston
Sruighlea - Eilean Bhòid
Srath Chura-Dùn Omhain - Tatha is For
An Dàrna Cuairt - 09/05/26
Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn
Cabar Fèidh/Inbhir Nis - Baile Ùr an t-Slèibh
Loch Carran - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Lòbhat - Ceann Loch Seile/Gleann Urchadain
Inbhir Aora - An Gearasdan
Lochside Rovers - Cill Mhàilidh/Loch Abar
Caol Bhòid - Srath Chura-Dùn Omhain/Tatha is For
GMA/Uddingston - Sruighlea/Eilean Bhòid
Geamaichean tarraingeach san amharc is seusan na h-iomain faisgair fhoillseachadh aig 15:57 GMT 5 An Gearran
15:57 GMT 5 An Gearran
Tha Comann na Camanachd is Comann Camanachd nam Ban air clàr nan geamaichean airson seusan 2026 a sgaoileadh gu na clubaichean is an seusan ùr a-nise a' teannadh dlùth.
Ann am Prìomh Lìog nam fear, tha geama inntinneach dha-rìribh ann gus toiseach an t-seusain a chomharrachadh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich gus tadhal air Ceann a' Ghiùthsaich.
Aig deas, bidh a' chiad gheama aig Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.
Thèid an tuilleadh eachdraidh a dhèanamh air an dàrna Disathairne den t-seusan nuair a nì Caol-Gleann an turas goirid gu Taigh na Bruaich 'son cluich an aghaidh nan nàbaidhean aca Chaol Bhòid, a' chiad gheama eatorra sa Phrìomh Lìog.
Tòisichidh Prìomh Lìog nam fear air an t-seachdamh là den Mhàrt leis na geamaichean seo:
Caol-Gleann - Ceann Loch Seile
An Gearasdan - Cabar Fèidh
Ceann a' Ghiùthsaich - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Loch Abar - Caol Bhòid
Camanachd an Òbain - Baile Ùr an t-Slèibh
Tòisichidh Camanachd Leòdhais an seusan acasan ann an Lìog Tuath 2 le turas dhan Mhanachainn.
Tha aca ri feitheamh gun 2na den Chèitean airson a' chiad gheama lìge aca aig an taigh agus tha sin an aghaidh Loch Abair.
Tòisichidh seusan nam ban cuideachd air deireadh-seachdain an 7mh is 8mh den Mhàrt.
Tha Loch Abar - a bhuannaich an tiotal an-uiridh ann an geama play-off an aghaidh Bhàideanach - a' tòiseachadh aig an taigh an aghaidh nan Sgitheanach.
Bidh sùilean mhòran an uairsin air geama mòr eadar na h-Abraich is Bàideanach air an dàrna deireadh-sheachdain den t-seusan.
Gheibh Prìomh Lìog nam ban gu dol leis na geamaichean seo:
Trì puingean luachmhor dha na Staggiesair fhoillseachadh aig 08:56 GMT 4 An Gearran
08:56 GMT 4 An Gearran
Tùs an deilbh, SNS
Thog Ross County trì puingean cudromach oidhche Mhàirt is iad a' soirbheachadh 1-0 an aghaidh Queen's Park aig Lesser Hampden.
'S e Uche Ikpeazu a chuir an tadhal às dèidh 79 mionaidean is e air tighinn far na beingidh air a' chiad gheama aige dha County bho chuir e ainm ri cùmhnant Diluain.
Tha na trì puingean a' togail Chounty far bhonn an Championship is os cionn Queen's Park.
"Tha sinn air ar dòigh," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Geama teann ach tha mi a' smaointinn gun robh na cothroman as fheàrr againne. Rinn Uche fìor mhath is 's e tadhal air leth a bh' ann".
Chan eil geama idir aig County air an deireadh-sheachdain is Cupa na h-Alba ann, is an ath gheama aca a-nise seachdain Disathairne nuair a chluicheas iad Queen's Park a-rithist, an turas seo ann an Inbhir Pheofharain.
Buille do Hearts ann am Pàislig
Ach ged a bha deagh oidhche aig Ross County oidhche Mhàirt, bha briseadh-dùil ann dha Hearts sa Phrìomh Lìog is iadsan a' call 1-0 ri St Mirren.
Bha sgioba Dhùn Èideann air a dhol sìos gu deichnear sa chiad leth is Craig Halkett air a chur far na pàirce sa chiad leth, is St Mirren mu dheireadh thall a' glèidheadh trì puingean cudromach dhaibh fhèin le tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Miguel Freckleton.
"Chan fhaca mi Hearts a' cluich cho truagh siud fad an t-seusain," thuirt eòlaiche a' bhuill-choise Ailig O'Henley air Aithris na Maidne.
"Sin an treas geama a tha iad air a chall air an t-seusan seo san lìog ach tha iad air tilleadh air ais gu làidir is feumaidh iad sin a dhèanamh.
"Mura dèan iad an aghaidh Hibs is gu seachd-àraid an uairsin a' dol gu Ibrox tha mi a' smaointinn gum faodadh sinn tòiseachadh a-rithist bruidhinn mu dheidhinn Rangers no Celtic a dhol thairis orra."
Agus dithis a-nise a-mach aig Countyair fhoillseachadh aig 15:35 GMT 3 An Gearran
15:35 GMT 3 An Gearran
Tùs an deilbh, SNS
Tha dithis chluicheadairean air Ross County fhàgail, goirid às dèidh do dh'Uinneag an Fhaoillich a dhùnadh.
Dhearbh an cluba Dimàirt gu bheil Gary Mackay-Steven is Nicky Clark air falbh.
Bha an dithis am measg na thug Don Cowie a-steach as t-samhradh an-uiridh, mus do chaill e fhèin a dhreuchd mar mhanaidsear.
Rugadh Mackay-Steven, 35, ann an Inbhir Theòrsa is bha e ann an siostam òigridh Chounty na bhalach mus do ghluais e gu Liverpool aig aois 17.
Bha e air a chleachdadh far na beingidh sa mhòr-chuid anns na mìosan mu dheireadh.
Cha do thòisich Nicky Clark, 34, ach dà gheama lìge is cha d' fhuair e tadhal idir.
Bha County mar-tha air triùir chluicheadairean a thoirt a-steach dìreach mus do dhùin an uinneag.
Dithis eile a-staigh aig Countyair fhoillseachadh aig 08:13 GMT 3 An Gearran
08:13 GMT 3 An Gearran
Neartaich Ross County an sguad aca le dithis chluicheadairean a bharrachd mus do dhùin Uinneag a' Gheamhraidh oidhche Luain.
Thug na Staggies a-steach Jayden Carbon bho Middlesbrough is Kaedyn Kamara bho Preston North End.
Bidh an dithis air iasad ann an Inbhir Pheofharain gu deireadh an t-seusain.
'S e fear-aghaidh a th' ann an Carbon is bidh Kamara a' cluich ann am meadhan na pàirce.
Nas tràithe Diluain bha County air Uche Ikpeazu a thoirt a-steach bho St Johnstone.
Cha robh naidheachd sam bith ann a thaobh Chaley Thistle Diluain, ged a tha cothrom aig clubaichean san Championship is ann an Lìog 1 is Lìog 2 iasadan a thoirt a-steach bha chlubaichean eile ann an Alba 'son beagan sheachdainean fhathast.
Ikpeazu air ainm a chur ri cùmhnant le Countyair fhoillseachadh aig 14:28 GMT 2 An Gearran
14:28 GMT 2 An Gearran
Tùs an deilbh, Ross County
Tha Ross County air cur ris an sguad aca air thoiseach air dùnadh Uinneag an Fhaoillich le Uche Ikpeazu a thoirt a-steach bho St Johnstone.
Tha Ikpeazu, 30, air cluich do mhòran sgiobaidhean anns na bliadhnaichean mu dheireadh, Cambridge, Hearts, Cardiff, Middlesbrough, Wycombe agus Konyaspor nam measg.
Chluich e 24 geamaichean do St Johnstone is chuir e ceithir tadhail.
"Tha tòrr eòlais aig Uche is e air cluich ann an Alba agus Sasainn, cho math ri sia geamaichean a chluich do dh'Uganda," thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell.
"Bheir e dhuinn rudeigin diofraichte san loidhne-aghaidh - tha e gu math làidir is fiosaigeach agus tha e doirbh do luchd-dìon dèiligeadh ris".
Thuit County air ais gu bonn an Championship air an deireadh-sheachdain nuair a chaill iad 2-1 ri Morton.
Bha na Staggies air an dà gheama lìge mu dheireadh ron sin a bhuannachadh is air èirigh far a' bhuinn.
Deireadh na slighe dhan t-seann shaighdear?air fhoillseachadh aig 09:30 GMT 2 An Gearran
09:30 GMT 2 An Gearran
Tùs an deilbh, EPA/Shutterstock
"Am fleasgach òg is an seann saighdear" - 's e sin a ghabh an t-eòlaiche teanais Tormod MacLeòid air cuairt dheireannach Farpais Fhosgailte Astràilia eadar Carlos Alcaraz is Novak Djokovic.
Air a' cheann thall 's e am fleasgach òg Alcaraz a rinn an gnothach, a' tighinn am bàrr 2-6 6-2 6-3 7-5.
Aig 22 's e a-nise an duine as òige a tha air na ceithir farpaisean Grand Slam a bhuannachadh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, rinn Tormod moladh mòr air Alcaraz is e air a' chlach-mhìle a ruighinn aig aois cho òg.
'S e briseadh-dùil a bh' ann dha Djokovic is an oidhirp aigesan eachdraidh a dhèanamh leis an 25mh tiotal Grand Slam aige a bhuannachadh, rud a chuireadh e seachad air Margaret Court.
An dèan e an gnothach air is e a-nise 38 bliadhna a dh'aois?
"Tha mi an-còmhnaidh a' creidsinn gu bheil teans agam aig na farpaisean Grand Slam," thuirt e às dèidh làimh.
Chan eil Tormod cho cinnteach.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e siud 's dòcha a' chuairt dheireannach Grand Slam mu dheireadh a bh' aig Djokovic," thuirt esan.
Ann am farpais nam ban 's i Elena Rybakina a bha a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dhi an gnothach a dhèanamh air Aryna Sabalenka 6-4 4-6 6-4.
'S e seo an dàrna Grand Slam aice is e a' tighinn ceithir bliadhna bhon bhuannaich i aig Wimbledon.
Thuirt Rybakina gun robh i an-còmhnaidh a' creidsinn gum b' urrainn dhi tilleadh chun na h-ìre as àirde.
County air Ronan Hale a reic ri Gillinghamair fhoillseachadh aig 11:53 GMT 29 Am Faoilleach
11:53 GMT 29 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, SNS
Dhearbh Ross County gu bheil iad air Ronan Hale a reic ri Gillingham.
Tha an cluicheadair-aghaidh à Èirinn a Tuath air soirbheachadh gu math bho thàinig e gu County bho Chliftonville as t-samhradh 2024.
Bhon uairsin chuir e 30 tadhal ann an 68 geama, a dh'aindeoin nach robh County san fharsaingeachd a' dol ro mhath.
Chluich Hale do dh'Èirinn a Tuath 'son a' chiad uair an-uiridh is bha fathannan air a bhith a' dol anns na seachdainean mu dheireadh gum biodh e a' fàgail Inbhir Pheofharain.
Dhearbh County Diardaoin gun robh e air gluasad gu Gillingham airson suim nach deach fhoillseachadh.
Chuir Hale ainm ri cùmhnant dà bhliadhna gu leth leis na Gills, is roghainn aig a' chluba bliadhna eile a chur ris.
"Seo far a bheil mi airson mo bhall-coise a chluich is tha mi air dhòigh a bhith ann," thuirt Hale.
Tha Ross County air èirigh far bhonn an Championship bho chionn ghoirid is iad air seachd puingean a thogail bho na trì geamaichean mu dheireadh aca.
Sgeulachd Mhàrtainn Mhic a' Phì fon phrosbaig ann an Spòrscastair fhoillseachadh aig 11:36 GMT 29 Am Faoilleach
11:36 GMT 29 Am Faoilleach
Fo-thiotal a’ bhidio,
Anns an Spòrscast as ùire tha Dòmhnall Pollock le sùil a-steach air rannsachadh sgeulachd Mhàrtainn Mhic a' Phì agus mar a thog e, a-rithist, an t-aite a bh' aig cluicheadairean Albannach ann am ball-coise Shasainn.
Cluinnear an còmhradh gu lèir eadar Dòmhnall is Shona NicEanraig air Spòrscast an seo.
ICT troimhe ann an Cupa Dùbhlain na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:00 GMT 28 Am Faoilleach
09:00 GMT 28 Am Faoilleach
Tha Caley Thistle san iar-chuairt-dheireannaich de Chupa Dùbhlain na h-Alba às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Stenhousemuir oidhche Mhàirt.
Cha robh ach aon tadhal sa gheama ann an Inbhir Nis is thàinig e bho Alfie Bavidge le 17 mionaidean air fhàgail.
Chaidh Raith Rovers troimhe cuideachd oidhche Mhàirt air breaban-peanais an aghaidh Queen's Park is an geama air crìochnachadh 1-1.
Feumaidh ICT feitheamh 'son faighinn a-mach cò na sgiobaidhean eile a bhios sa cheithir mu dheireadh ge-tà, oir chaidh na geamaichean eadar Obar Bhrothaig is Airdrieonians is eadar St Johnstone is Ayr United a chur dheth ri linn na h-aimsire.
Taghadh Chupa a' Bhaile Mhòirair fhoillseachadh aig 18:39 GMT 26 Am Faoilleach
18:39 GMT 26 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa a' Bhaile Mhòir - farpais iomain airson na ciad sgiobannan iomain anns na roinnean fon Phrìomh Lìog.
Seo mar a chluicheas iad sa chiad chuairt:
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - A' Mhanachainn
Lòbhat - Obar Dhobhair
Inbhir Aora - Srath Ghlais
Troimhe dìreach chun nadàrna cuairt:
Eilean Bhòid
Gleann Urchadain
Cill Mhàilidh
Ceiltich an Òbain
Inbhir Nis
Thèid geamanan sa chiad chuairt a chluiche Disathairne 16mh den Chèitean.
Roddy Dòmhnallach a' sguir a chluichair fhoillseachadh aig 11:29 GMT 26 Am Faoilleach
11:29 GMT 26 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, SNS
'S e deireadh linn a th' ann ann an Taigh na Bruaich is Roddy Dòmhnallach air dearbhadh gu h-oifigeil nach bi e a' cluich iomain aig ìre na ciad sgioba tuilleadh.
Tha an Dòmhnallach, 37, air a bhith am measg shàr-chluicheadairean na spòrs san 20 bliadhna mu dheireadh aig àm nuair a bha Caol Bhòid tric a' farpais airson nan duaisean mòra.
'S e an là as iomraichte aige gun teagamh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 2012 nuair a chuir e fhèin ceithir tadhail is Caol Bhòid a' soirbheachadh 6-5 an aghaidh Inbhir Aora.
Fhuair an Dòmhnallach bonn Albert Mhic a' Ghobhainn an là ud.
Gus cùisean a dhèanamh fiù 's nas sònraichte dha 's e athair fhein - Kenny - a bha eadar na puist do Chaol Bhòid.
Bhuannaich an cluba Cupa MhicAmhlaigh trì tursan anns na bliadhnaichean aige is iad cuideachd soirbheachail dha-rìribh ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.
A thuilleadh air sin bha an Dòmhnallach tric ann an sgioba na h-Alba.
"Chluich mi a' mhòr-chuid den t-seusan mu dheireadh is mi air mo ghoirteachadh mun chruachainn is bha e doirbh dhomh coiseachd 'son là no dhà às dèidh gach geama," thuirt Roddy.
"Cha b'urrainn dhomh trèanadh ceart is chan eil e air fàs dad nas fheàrr. Tha e cuideachd air fàs trom a bhith a' siubhal à Glaschu gach seachdain.
"Ma gheibh mi fut is ma tha an sgioba gann cuidichidh mi ach tha mi an dòchas gum gum bi iad glan às m' aonais.
"Tha mi an dòchas cuideachadh leis an dàrna sgioba ach bidh sin a rèir mar a tha mo chruachann."
Aig an dearbh àm, dh'innis manaidsear Chaol Bhòid Grant Profit nach bi Seumas Pringle aca am-bliadhna is an Sgitheanach a' dol a dh'Astràilia, is gum bi Liam Arnott a-mach fad an t-seusain is e air a ghoirteachadh.
Thuirt Profit ge-tà, gu bheil e ag amas air an sgioba a neartachadh is gu bheil e misneachail mun t-seusan ùr.
An obraich crathadh air sgioba rugbaidh nam ban aig Alba?air fhoillseachadh aig 09:01 GMT 26 Am Faoilleach
09:01 GMT 26 Am Faoilleach
Fo-thiotal a’ bhidio,
Bha siud am measg nan ceistean a bh' aig Iain Moireasdan is an sgioba air Spòrs na Seachdain às dèidh do choidse ùr sgioba nam ban, Sione Fukofuka, sguad de 50 cluicheadair ainmeachadh airson campa trèanaidh air thoiseach air farpais Sia Dùthchannan nam ban.
Tha Iona NicIlleBhàin an dòchas gun tig buannachd às a' chrathadh a tha Fukofuka a' toirt air an sguad air a' cheann thall.
Taghaidhean eile san iomainair fhoillseachadh aig 11:50 GMT 23 Am Faoilleach
11:50 GMT 23 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,
Ceiltich an Òbain le Cupa a' Chinn-chinnidh ann an 2025
Le seusan na h-iomain a-nise air fàire tha Comann na Camanachd air fiosrachadh a dhearbhadh a sgaoileadh mu chuid de na cupanan eile.
Am measg nan geamaichean a thàinig às an ad ann an Cupa a' Chinn-chinnidh bidh Camanachd Leòdhais air falbh an aghaidh Tatha is For is an sgioba a bhuannaicheas gu bhith an aghaidh Loch Carran no Comann Camanachd Shasainn.
Tha an taghadh air fad ann an Cupa a' Chinn-chinnidh mar a leanas:
Thèid a' chiad chuairt a chluich air a' 25mh den Ghiblean.
Oilthigh Obar Dheathain - Uddingston
Baile a' Chaolais - Cille Mhoire
Thèid an dàrna cuairt a chluich air an 30mh den Chèitean.
Loch Carran - Comann Camanachd Shasainn
Tatha is For - Camanachd Leòdhais
Gleanna Garradh - Àird nam Murchan
Oilthigh Obar Dheathain/Uddingston - Baile a' Chaolais/Cille Mhoire
Thèid an iar-chuairt dheireannach a chluich air an 13mh den Ògmhios.
Gleanna Garradh/Àird nam Murchan - Oilthigh Obar Dheathain/Uddingston/ Baile a' Chaolais/Cille Mhoire
Loch Carran/Comann Camanachd Shasainn - Tatha is For/Camanachd Leòdhais
Rinneadh cuideachd an taghadh ann an Cupa Bhullough aig deas
Bidh a' chiad chuairt ann air an 18mh den Ghiblean
Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa Shrath Èireann - farpais nan dàrna sgiobannan iomain aig tuath.
Thèid a' chiad chuairt a chluich air an 18mh là den Ghiblean.
Lòbhat - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Ceann Loch Seile - Cill Mhàillidh
Loch Abar - An Gearasdan
Cabar Fèidh - Inbhir Nis
Ceann a' Ghiùthsaich - Gleann Urchadain
A' Mhanachainn - Baile Ùr an t-Slèibh
Dìreach chun na h-ath-chuairt:
Loch Carrann
Camanachd Leòdhais
Thèid an dàrna cuairt a chluich air an 30mh là den Chèitean.
A' Mhanachainn/Baile Ùr an t-Slèibh - Ceann Loch Seile/Cill Mhàillidh
Cabar Fèidh/Inbhir Nis - Lòbhat/Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Ceann a' Ghiùthsaich/Gleann Urchadain - Loch Carrann
Camanachd Leòdhais - Loch Abar/An Gearasdan
ICT air ais air a' mhullachair fhoillseachadh aig 08:45 GMT 21 Am Faoilleach
08:45 GMT 21 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, SNS
Thill Caley Thistle gu mullach Lìog 1 oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 2-0 air East Fife.
Thàinig na tadhail san 20 mionaid mu dheireadh bho Alfie Stiùbhart is Alfie Bavidge, a tha le chèile air iasad aig ICT à Obar Dheathain.
Bha còrr air mìos bho bhuannaich Inbhir Nis geama san lìog ach tha na trì puingean seo air an cur air ais aig bàrr na lìge, co-ionnan ri Stenhousemuir ach air thoiseach air tadhail is ICT cuideachd air geama nas lugha a chluich.
Bidh an ath gheama aca an aghaidh Alloa ann an Inbhir Nis Disathairne.
Bha deagh oidhche aig Alloa fhèin oidhche Mhàirt is iadsan air soirbheachadh 4-1 an aghaidh Mhon Rois.
Caibideal ùr do Chamanachd Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:44 GMT 20 Am Faoilleach
09:44 GMT 20 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
Dhearbh Camanachd Leòdhais gu h-oifigeil gur iad Connor Chalmers is Donnie MacRath a bhios os cionn na sgioba air an t-seusan seo.
Bha beàrn ann is Donnchadh Mac an t-Saoir is Anndra MacAsgaill air innse san t-Sàmhain gum biodh iad a' seasamh sìos.
Bha Mac an t-Saoir air a bhith dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.
Ann an brath air na meadhanan sòisealta dh'innis Camanachd Leòdhais gu bheil Chalmers is MacRath air aontachadh an stiùir a ghabhail mar cho-mhanaidsearan.
Chluich Chalmers 'son a' chluba 'son a' chiad turas sa chiad sheusan aca san lìog ann an 2011 is tha e air cliù a chosnadh às ùr bho chaidh e eadar na puist ann an 2024.
Tha ceanglaichean làidir Hearach aig Donnie MacRath is tha e air na tadhail a fhrasadh a-steach bho chluich e dha na Leòdhasaich an toiseach ann an 2022.
Gu seo, chuir MacRath 61 tadhal ann an 61 geama dha Camanachd Leòdhais.
Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.
Kellacher ag iarraidh barrachd bho chluicheadairean ICTair fhoillseachadh aig 11:47 GMT 19 Am Faoilleach
11:47 GMT 19 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, ICT
Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gu bheil e a' sùileachadh barrachd bhon sgioba aige an aghaidh East Fife san lìog oidhche Mhàirt às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na h-Alba air an deireadh-sheachdain.
Chaill ICT ri Spartans bho Lìog 2 air breaban-peanais is an geama air crìochnachadh 0-0.
Thuirt Scott Kellacher gur e cothrom caillte a bha seo an sia deug mu dheireadh den chupa a ruighinn, is e a' tighinn cuideachd às dèidh sreath gheamannan nuair nach eil an sgioba air a bhith a' dèanamh cho math 's a bha.
"Briseadh-dùil mòr oir bha cothroman gu leòr againn an geama a bhuannachadh", thuirt Kellacher.
"Tha fòcas againn a-nise air East Fife san lìog oidhche Mhàirt. Feumaidh barrachd spionnaidh a bhith annain, barrachd spàirn".
Tha ICT an-dràsta san dàrna àite ann an Lìog 1, trì puingean air cùl Stenhousemuir, ach iad air dà gheama nas lugha a chluich.
Bha briseadh-dùil cuideachd aig a' chluba eile às a' Ghàidhealtachd a bha fhathast ann an Cupa na h-Alba is Ross County a' call 1-0 ri Tobar na Màthar.
Thuirt am manaidsear aca Stuart Kettlewell gun robh e ìre mhath toilichte le mar a chluich an sgioba aige ach gu bheil obair gu leòr ri dhèanamh fhathast.
Chan eil dad eile san amharc aige, thuirt e, ach an cluba a chumail san Championship.
Tha geama cudromach aig na Staggies san lìog Disathairne seo tighinn is iad a' siubhal gus Airdrieonians a chluich.
Tha na Daoimeanan an-dràsta ceithir puingean os cionn Chounty sa bhlàr aig bonn na lìge.
Major dha Mac an t-Saoir am-bliadhna?air fhoillseachadh aig 09:05 GMT 19 Am Faoilleach
09:05 GMT 19 Am Faoilleach
Fo-thiotal a’ bhidio,
Saoil an e seo a' bhliadhna nuair a gheibh Bob Mac an t-Saoir às an Òban a làmhan air farpais Major?
Bha sin am measg nan cuspairean a bha fon phrosbaig aig Iain Moireasdan is an sgioba sa phrògram as ùire aca, is iad cuideachd a' bruidhinn ri Kerry Nic a' Phì is i a' coimhead air ais air farpais an Strathpuffer a bhuannaich i an t-seachdain seo chaidh.