TMF a' tòiseachadh an Tiriodh

- Air fhoillseachadh
Tha Fèis Chiùil Thiriodh a' faighinn gu dol agus dùil ris na mìltean dhaoine san eilean thar an deireadh-sheachdain.
Tha TMF a' ruith bho an-diugh gu Didòmhnaich, agus a h-uile ticead air a reic ron Mhàrt am-bliadhna - rud a tha iad a' fàs cleachdte ris, 's e a-niste air tachairt 15 bliadhna sreath a chèile.
Chaidh fhoillseachadh na bu thràithe am-bliadhna gu bheil an fhèis air £11m a chur ri eaconomaidh an eilein thairis air an àm sin.
Tha Dougie MacLean, Tide Lines, Skerrvore, Peat & Diesel, Sharon Shannon, The Eves agus The Laurettes a' tàladh còrr air 2,300 duine dhan eilean.

Nochdaidh Dougie Maclean air an àrd-ùrlar
Chaidh barrachd luchd-ciùil a chur ris a' chlàr, leis an t-seinneadair country Riley, RuMac, agus RURA cuideachd gu bhith a' nochdadh.
A thuilleadh orra sin cluinnear Mec Lir, DLÙ, Dàna, Scotstown Dance Band agus an seinneadair Fìobhach Robyn Smith.
Bidh Gunna Sound à Tiriodh fhèin a' nochdadh, a bharrachd air Gary Innes, Maria McAveety, agus Donnie Maroot - a bhios a' cluich an an dachaigh-cùraim Taigh an Rubha.
Chaidh Donnie ainmeachadh ann an Talla Ghaisgeach a' Chiùil Thraidiseanta airson na rinn e gus cèilidhean a chur air dòigh do luchd-còmhnaidh dhachannan-cùraim thar nam bliadhnaichean.
Eadar ceòl, sauna air an tràigh, seiseanan iòga, seinn sa Ghàidhlig, surfadh, tursan mu thaigh-staile an eilein, filmichean, agus coltas gum bi an aimsir math am-bliadhna - tha gu leòr a chumas daoine a' dol thairis air trì làithean na fèise.