Toileachas am Barraigh is ìomhaigh ùr den Naomh Barr gu bhith ann

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Bharraigh a' dèanamh gàirdeachais is iomairt gus airgead a thogail 'son ìomhaigh ùr den Naomh Barr a thogail air soirbheachadh.
Chaidh iad seachad air an targaid a bh' aca le tabhartas-airgid.
Thòisich an iomairt an-uiridh is draghan ann gun robh an ìomhaigh a' dol bhuaithe gu mòr.
Chaidh a stèidheachadh bho thùs air Eilean a' Gheòidh anns a' Bhàgh a Tuath anns na 70an.
'S i an tè-ealain ionadail Margaret Somerville a bha air an ìomhaigh a thogail le taic na coimhearsnachd.

Chaidh an ìomhaigh a stèidheachadh anns na 1970an
Tha i stèidhichte air an Naomh Fionnbarra, a thug, a rèir aithris, Crìostaidheachd a Bharraigh bho thùs.
Dh'fhàs an ìomhaigh a bhith samhlachail do mhuinntir Bharraigh is àite cho cudromach aig an Naomh Barr ann an dualchas an eilein.
Bha iomagain ann mar sin nuair a thòisich i a' crìonadh is dragh ann fiù 's gur dòcha gun tuiteadh i dhan mhuir.
Chuir Buidheann-Iomairt Naomh Barr romhpa £100,000 a thogail gus ìomhaigh ùr a thogail.
Bha iad mar-thà air an snaidheadair Stephen Tinney fhastadh airson ìomhaigh ùr a dhealbh stèidhichte air an tè a th' ann.
Bidh i a dhà uimhir nas motha ge-tà gus an tèid fhaicinn bho fhad às is thèid a lasadh an-àirde air an oidhche.
Bidh cuideachd bùird-fiosrachaidh mun ìomhaigh is an Naomh Barr air a' chladach.

Tha i air a bhith a' dol bhuaithe thar nam bliadhnaichean
Bha dùil aig Buidheann-Iomairt Naomh Barr gun toireadh e grunn bhliadhnaichean gus an t-airgead a thogail ach tha iad a-nise air a dhol seachad air an targaid aca le tabhartas à fear a thogadh ann am Barraigh is a bhean.
Tha an Caiptean Iain MacNèill MNM DUNIV is Kat Heathcote NicNèill MBE air £85,000 a thoirt seachad.
Bha a' bhuidheann-iomairt mar-thà air £20,000 a thogail iad fhèin is air £10,000 fhaighinn bho Oighreachd a' Chrùin.
Thuirt an Caiptean MacNèill, leis a bheil companaidh a tha a' foillseachadh stiùireadh is inbhean do ghnìomhchas an longais, gun robh e airson rudeigin a chur air ais dhan choimhearsnachd anns an do thogadh e.

Tha an Caiptean Iain MacNèill MNM DUNIV is a bhean Kat Heathcote NicNèill MBE air airgead a thoirt seachad dhan iomairt
"Tha mi fhìn is Kat air a bhith timcheall air a' mhuir fad ar beatha. Mar sin bha an ceangal leis a' mhuir ann an sgeulachd Naomh Barr, a sheòl dhan eilean gus Crìostaidheachd a thoirt ann, bha e follaiseach dhuinn gum bu chòir dhuinn taic a chur ris a' phròiseact," thuirt e.
Thuirt a' bhuidheann-iomairt gu bheil iad air an dòigh leis an tabhartas.
"Tha an Naomh Barr cho cudromach a thaobh sgeulachd ar n-eilein is bha sinn gu mòr airson an ìomhaigh ùrachadh gus cumail nar cuimhne an-còmhnaidh cò th' annainn mar choimhearsnachd eileanach," thuirt Mìchael MacNèill bhon bhuidhinn.
Tha iad ag ràdh gun lean iad orra a' togail airgid gus an ìomhaigh ùr, na solais, is na bùird-fiosrachaidh a chumail ann an òrdugh.
Tha iad a-nise an dòchas clàr-ama a stèidheachadh cho luath 's a ghabhas gus an ìomhaigh ùr a chruthachadh is a chur ann an àite.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2024
