Iomairt gus ìomhaigh ùr den Naomh Barr a thogail am Barraigh

Mìcheal MacFhionghain, Theresa Irving agus Mìcheal MacNèill bhon bhuidhinn-iomairt.
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt air tòiseachadh ann am Barraigh airson ìomhaigh ùr den Naomh Barr a thogail.
Chaidh an ìomhaigh a th' ann a thogail is a stèidheachadh air Eilean a' Gheòidh anns a' Bhàgh a Tuath anns na 70an.
'S i Margaret Somerville a dhealbh is a thog an ìomhaigh bho thùs le taic na coimhearsnachd.
Bhon uairsin dh'fhàs an ìomhaigh a bhith samhlachail do mhuintir Bharraigh is àite cudromach aig an Naomh Barr ann an dualchas an eilein.
Tha dragh ann a-nise ge-tà mu staid na h-ìomhaigh is i a' tuiteam às a' chèile.
"Tha am frèam fhèin air a dèanamh le iarann", dh'innis Mìcheal MacNèill a tha an sàs san iomairt.

Chaidh an ìomhaigh a thogail anns na 70an.
"Timcheall air an iarann chan eil sinn builleach cinnteach dè th' ann, an e crè a th' ann no measgachadh air choireigin de choncrait, ach tha e a' sìor fhalbh às a' chèile.
"Tha na casan a' falbh is na làmhan is bha bata aice cuideachd, sin a' chiad phìos a thuit agus ghrod sin gu math luath", mhìnich Mìcheal.
Tha a' bhuidheann-iomairt air tòiseachadh air airgead a chruinneachadh gus ìomhaigh ùr a thogail.
Thèid a dhèanamh le umha gus am mair e tro aimsir sam bith.
Dh'innis Mgr MacNèill gum bi e stèidhichte air an ìomhaigh a th' ann ach gum bi e beagan nas àirde gus an tèid fhaicinn bho fhad às.
Chrissie Mary NicNèill (Chrissie Mary Denny) a' seinn Laoidh Naomh Barr. Dh'iarr Mgr Calum MacNèill, a bha na shagart sa Bhàgh a Tuath aig an àm, air Christina Nic Illeathainn a sgrìobhadh às dèidh don ìomhaigh a bhith air a togail. 'S i Mairead Fhoirbeis (Mairead NicNeill) a chuir fonn rithe.
Bidh e cuideachd air a lasadh an àird air an oidhche is tha dùil gun tèid bòrd-fiosrachaidh a stèidheachadh ri taobh Eaglais Naomh Barr.
Tha Stephen Tinney san Eilean Sgitheanach mar-tha air an iomhaigh ùr a dhealbh.
Ach mar a tha fios, tha cosgais an lùib na h-obrach.
Tha an luchd-iomairt a' dèanamh dheth gum bi feum air £100,000 co-dhiù.
Ged a tha iad air mu £10,000 a thogail mar-tha, tha iomairt mhòr romhpa fhathast.
Chuireadh iad fàilte air barrachd taice, tha iad ag ràdh, an dà chuid leis an iomairt fhèin agus le barrachd fiosrachaidh is dealbhan fhaighinn mu eachdraidh na h-ìomhaigh a th' ann.

Tha dragh ann a-nise mu staid na h-ìomhaigh.
Tha iad mothachail gun toir am pròiseact ùine is nach ann an-diugh no a-màireach a chìthear ìomhaigh ùr air Eilean a' Gheòidh.
Ach tha Mìcheal ag ràdh gu bheil e glè chudromach do mhuinntir Bharraigh gun tig e gu buil.
"Tha e cudromach dhuinn air fad, gu seachd àraid ceann a tuath an eilein ach dhan eilean air fad.
"Tha e an dèidh 's a bhith ann is tha daoine ga fhaicinn bhon rathad mhòr.
"Chanainn gur e call mòr a bhiodh ann nan tuiteadh e a-mach air a' mhuir is nach robh sgath na àite.
"Tha sinn a' feuchainn ri sin a shàbhaladh".
Tha an Naomh Barr is an ìomhaigh glè chudromach do mhuinntir Bharraigh, mar a chuala Shona NicDhòmhnaill bho Mhìcheal MacNèill.