Moladh 'son Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal far a bheil a' Ghàidhlig as làidire

Bidh muinntir na h-Apainn agus Lios Mòr am measg na thèid faighneachd mu phlana nan Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh
Thèid co-chomhairle a dhèanamh an Earra-Ghàidheal is Bòd mu phlana Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh le sgilean sa Ghàidhlig no far a bheil FtMG air a thabhann.
Tha dleastanas ùr air ùghdarrasan ionadail fo Achd nan Cànan Albannach 2025 coimhead air an gabh sgìrean a chomharrachadh far a bheil a' Ghàidhlig fhathast làidir no far an robh i uair na cànan coimhearsnachd.
Tha an reachdas air deasbad is connspaid adhbharachadh.
Thathar a' moladh gun tèid na h-Eileanan an Iar air fad a chomharachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.
Ge-tà, tha plana gum bi an inbhe aig sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir air fearg a chur air luchd-iomairt a' chànain.
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir gus inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
Seirbheisean Poblach tron Ghàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Fon reachdas, feumaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle na Gàidhealtachd tòiseachadh bhon 1d là den t-Sultaine air pròiseas bliadhna de cho-chomhairle a dh'ionnsaigh Sgìrean Cànain Sònraichte a mholadh.
Aig coinneimh Diardaoin, dh'aontaich buill Comataidh an Stòrais is Poileasaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri aithisg, taobh a-muigh a tha a' moladh gun tèid beachdan dhaoine an Ìle, Colbhasa, Tiriodh, Muile, Lios Mòr, An t-Òban, An Appain, agus ann an Dùn Omhain is Taigh a' Chladaich a shireadh sa bhliadhna ri thighinn.
Fon reachdas, feumaidh an t-ùghdarras ionadail beachdachadh air inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur air Ìle, Colbhasa, Tiriodh, Muile, Lios Mòr leis gu bheil a' Ghàidhlig aig 20% den t-sluagh anns na h-àitichean sin.
Ged nach eil a' Ghàidhlig aig an ìre sin san Òban, san Appain no ann an Dùn Omhain is Taigh a' Chladaich, thèid co-chomhairle a dhèanamh anns na sgìrean sin cuideachd leis gu bheil FtMG ga thabhann annta.
Tha an aithisg ag ràdh gum bi "fòcas" sa chiad bhliadhna air na sgìrean seo.
Tha e ag ràdh gum bi deasbad a bharrachd mu Sgìrean Cànain Sònraichte san ùine fhada ann an Earra-Ghàidheal is Bòd stèidhichte air mar a thèid leotha sa chiad phàirt den phròiseas, is cuideachd air stiùireadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.
Tha an aithisg cuideachd a' togail gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu na dleasdanasan air comhairlean a thaobh Sgìrean Cànain Sònraichte, mun buaidh a bhios aca, agus nach eil airgead a bharrachd air a chomharrachadh airson am maoineachadh.
"Moiteil"
Thuirt an Comhairliche Luna Mhàrtainn aig a bheil uallach airson na Gàidhlig: "Tha sinn mòiteil às gu bheil sinn a' cur air adhart plana fom bi na coimhearsnachdan a' dealbhachadh mholaidhean."
Thuirt a' chomataidh gu bheil soillearachadh a dhìth bho Riaghaltas na h-Alba mu mar a dh'obraicheadh Sgìrean Cànain Sònraichte.
"Feumaidh sinn fiosrachadh nas mionaidiche mu na dleasdanasan a dh'fhaodadh a bhith an cois Sgìrean Cànain Sònraichte, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri barrachd conaltraidh mun sin," thuirt an Comh Mhàrtainn.
Bidh a' chomataidh a' beachdachadh air aithisg eile san Dàmhair a bhios a' mìneachadh mar a thèid an co-chomhairleachadh poblach a dhèanamh.