Tony Kearney a' dol gu MG ALBA

- Air fhoillseachadh
Chaidh Tony Kearney ainmeachadh ann am prìomh dhreuchd aig MG ALBA.
'S e Mgr Kearney, a tha air a bhith ag obar sna meadhanan Gàidhlig 's Beurla airson còrr is 30 bliadhna, Stiùiriche ùr Susbaint is Luchd-amais na buidhne.
Tha e aithnichte mar àrd-riochdaire, stiùiriche, stiùiriche leasachaidh, cleasaiche agus neach-aithris TBh is rèidio.
Gabhaidh e àite Mhaireid Chamshroin, a tha a' leigeil dhi a dreuchd às dèidh 34 bliadhna.
San dreuchd, bidh Mgr Kearney a' stiùireadh ro-innleachd susbaint MG ALBA agus a' gabhail an uallaich airson buidseit luach £13.5m.
Airson an obair seo a ghabhail, tha e air a dhreuchd mar cheannard na companaidh Solus Productions Earranta a leigeil dheth.
Stèidhich e fhèin a' chompanaidh riochdachaidh agus tha An Clò Mòr, Dàna agus Somhairle Spins am measg nam prògraman a rinn e do BhBC ALBA.

Tha Somhairle Spins am measg nam prògraman a tha Tony Kearney air a dhèanamh do BhBC ALBA
A rèir Mhgr Kearney, 's e urram a th' ann a bhith a' gabhail na dreuchd seo agus tha e a' coimhead air adhart rithe gu mòr.
Thuirt e: "'S e seo aon de na h-amannan atharrachaidh as cudromaiche airson craoladh Gàidhlig."
"Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri daoine cho tàlantach agus taiceil, agus a' tarraing air tuigse agus eòlas ar compàirtichean, gu sònraichte am BBC, gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-amais le Gàidhlig fhathast air am frithealadh le cruthachalachd, àrd-mhiann agus feabhas."
Chuir Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan, fàilte air an naidheachd agus e ag ràdh gum bi Tony na "bhall mìorbhaileach" den bhuidhinn.
Thuirt e: "Tha e ainmeil air feadh a' ghnìomhachais, an dà chuid air beulaibh agus air cùl a' chamara, agus bheir e tòrr eòlais, spionnaidh agus dealais gu prìomh dhreuchd aig MG ALBA."
"Thug Tony buaidh mhòr oirnn leis an lèirsinn chruthachail aige aig àm air leth cudromach nuair a tha iomadh dùbhlan mu choinneamh ar roinne."
Tòisichidh Mgr Kearney san dreuchd air 1mh den Dàmhair 2026.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Cèitean

- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh19 Am Màrt 2025
