Wimpy Inbhir Pheofharain air a' mhargaidh

Wimpy Inbhir PheofharainTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am meur air a bhith leis an aon teaghlach airson còrr air 30 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fear de na trì taighean-bìdh Wimpy a th' air fhàgail an Alba a chur air a' mhargaidh.

Tha an gnothachas air Àrd-Shràid Inbhir Pheofharain air a bhith san aon teaghlach còrr air 30 bliadhna.

Thathas a' sireadh £150,000 air a shon.

B' abhaist meuran a bhith aig Wimpy air feadh Alba ach chan eil an-diugh air fhàgail ach meuran Inbhir Pheofharain, Cille Meàrnaig agus Baile nam Frisealach.

Tha a' chompanaidh a tha a' reic a' cheadachais ghnothachais, Daltons Business, ag ràdh gur e "pàirt dha-rìribh den bhaile" a th' ann, agus gum bi e a' tàladh dhaoine o fhada is farsainn leis gur e an làrach as fhaide tuath a th' aig Wimpy.

Chaidh Wimpy a stèidheachadh sna Stàitean Aonaichte ann an 1934, a' fosgladh a' chiad mheur aca am Breatainn aig Lyon's Corner House ann an Lunnainn ann an 1954.

'B' e a' chiad àite san dùthaich a bha a' reic bìdh stèidhichte air hamburgairean.

Thuirt Daltons gu bheil tionndadh-airgid bliadhnail £260,000 aig a' ghnothachas, a shuidheas 56 duine.

"A' malairt gu soirbheachail airson còrr air 30 blidhna, tha Wimpy Inbhir Pheofharain air a dhol fada seachad air a bhith na thaigh-bìdhe, 's e a-niste na phàirt dha-rìribh den bhaile, le luchd-cleachdaidh dìleas ioma-ghinealaich, àite làidir sa choimhearsnachd, agus e a' tàladh dhaoine o fhada is farsainn," thuirt iad.