'S e "brìob" a th' ann an airgead far chunntasan dealain, a rèir luchd-iomairt

Éamon Doorley
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Éamon Doorley a' fuireach faisg air far a bheileas an dùil bun-structar mòr a chur aig Fàn Eilean, faisg air a' Mhanachainn

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt an aghaidh leasachaidhean bun-structair dealain air a' Ghàidhealtachd ag ràdh nach eil san airgead a tha an Riaghaltas a' tabhann orra ach "brìob".

Dh'inns Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tèid £250 sa bhliadhna a thoirt far chunntasan dealain dhaoine a tha a' fuireach faisg air na leasachaidhean gach bliadhna airson deich bliadhna.

Ach tha feadhainn ag ràdh nach eil sin ach suarach mu choinneimh droch bhuaidh air na sgìrean sin.

"Tha mi duilich ri linn seo, agus tha an fhearg orm. 'S e brìob a th' ann," thuirt Éamon Doorley, a tha a' fuireach faisg air far a bheileas an dùil bun-structar mòr dealain a stèidheachadh aig Fàn Eilean, faisg air a' Mhanachainn.

"Cha dèan e diofar sam bith dha na daoine a tha a' fuireach faisg air na paidhleanan agus fo-stèiseanan," thuirt e.

Tha grunn ghearan aig an luchd-iomairt, eadar a' bhuaidh a bheir na leasachaidhean air slàinte, coltas na tìre, agus cuideachd gun lùghdaich e luach nan dachannan aca.

"Ma tha thu a' fuireach faisg air na paidhleanan seo gu h-àraid tha fianais ann gu bheil iad dona dha d' shlàinte," thuirt e.

"Agus cho math, tha iad ag ràdh gum bi lùghdachadh suas ri 30% air luach thaighean ma tha thu faisg air a' bhun-structar seo."

Ro-dhealbh de na tha san amharc aig Fàn EileanTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mun cheathramh cuid de na 33 pròiseactan leasachaidh a tha a' dol san Rìoghachd Aonaichte, coltach ris an fhear seo faisg air a' Mhanachainn, air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Tha Mgr Doorley ag ràdh gu bheil a h-uile dùil gun lean iomairtean an aghaidh na tha san amharc, a dh'aindeoin airgid sam bith a thèid a thabhann air luchd-còmhnaidh.

"Cha dèan am meud airgid sin diofar sam bith - gu h-àraid ma tha lùghdachadh air prìs do thaighe," thuirt e.

"Ach cho math le sin chan eil iad ag èisteachd ris a' phoball air chor sam bith.

"Tha sinn gu lèir ag iarraidh dì-chàrbonachadh a dhèanamh, ach tha Alba - gu h-àraid a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan - a' gabhail a' chuid as motha den bhun-structar seo, agus chan eil sin cothromach air chor sam bith."

Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Mìcheal Shanks, gu bheil e ceart gum faigh na coimhearsnachdan air a bheil na leasachaidhean a' toirt buaidh, buannachd asta.

"'S e àm ath-nuadhachaidh nàiseanta a tha seo - a' leasachadh na chaidh a thogail gu ìre mhòir anns na 1960an airson an ama againn fhèin, agus 's e ar slighe a dh'ionnsaigh dealain nas saoire do dhachannan air feadh na dùthcha," thuirt e.

"Tha e deatamach gun tog sinn a-rithist mar dhùthaich, agus tha sinn gu mòr airson 's gum faigh na coimhearsnachdan a tha a' toirt òstaireachd do chrainn-dealain buannachd. Sin as coireach gu bheil sinn ag ìsleachadh chunntasan an fheadhainn a bheir òstaireachd don bhun-structar riatanach nàiseanta seo."