Deugaire air an tàinig stròc a' togail airgid do na seirbheisean a chuidich e

- Air fhoillseachadh
Tha gille òg à Leòdhas a dh'fhuiling stròc a' cur air dòigh consairt airson airgead a thogail dha na seirbheisean a thug taic dha faighinn seachad air.
Cha robh Luc Mac a' Ghobhainn ach 16 bliadhna de dh'aois nuair a thàinig stròc air sa Ghiblean 2025.
Bha e a' cluich a' ghiotair ann an taigh caraid còmhla ri balaich eile a tha ann an còmhlan-ciùil còmhla nuair a dh'fhàs e tinn.
Dh'aithnich na caraidean aige, a bh' air trèanadh fhaighinn mar luchd-teasairginn, gur e suidheachadh èiginneach a bh' ann agus chuir iad fios air pàrantan a' charaid aca.
Chaidh Luc a thoirt an toiseach gu Roinn na h-Èiginn aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, mus deach a sgèith a dh'Ospadal Oilthighe na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu.
Fhuair na h-eòlaichean gur e Patent Foramen Ovale (PFO), toll beag na chridhe nach do dhùin an dèidh do Luc a bhith air a bhreith, a bu choireach ris an t-stròc.

Bha a' chiad chuirm aig a' chòmhlan-chiùil sa bheil Luc dìreach ceithir mìosan an dèidh stròc thighinn air
Cha b' fhada, ge-tà, gus an robh Luc air ais a' cluich sa chòmhlan aige agus a' dèanamh deiseil airson a' chiad chuirm aca aig fèis Stramash san Lùnastal an-uiridh.
Chaidh a fo lannsa sa Ghearran am-bliadhna far an deach am PFO a chàradh, agus tha e a' tighinn air adhart gu math.
Tha Luc agus a theaghlach ag ràdh gu bheil iad air leth taingeil airson a' chùraim mheadaigich agus gach taice eile a fhuair iad agus a tha iad fhathast a' faighinn.
Tha iad airson consairt a chur air dòigh airson airgead a thogail do Roinn Teiripe Ghnìomhachd NHS nan Eilean Siar, Cluba Stròic Diluain agus Seirbheis Phlèana-Eiridinn na h-Alba.
Bidh e air a chumail ann an Talla Lacasdail air an 29mh den Lùnastal agus am measg na bhios air an àrd-ùrlar bidh Uncle Ethan agus Preoccupied, an còmhlan aig Luc fhèin.
Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mu stròcan agus an taic a tha ri fhaodainn an seo. , taobh a-muigh